YouVersion Logo
Search Icon

Sailm Dhaibhidh 5

5
Salm 5
1Dom bhriathran tabhair aire, Dhè,
is beachdaich air mo smuain.
2Eisd guth mo ghlaoidh, mo Rìgh 's mo Dhia,
oir guidheam ort gu dian.
3Mo ghuth do chluinnear leat, a Dhè,
air madainn gach aoin là:
Gu moch do dhèanam ùrnaigh riut,
is dearcam ort a‑ghnàth.
4Cha tus' an Dia lem miann an t‑olc;
is lochd cha chaidir thu:
5Cha seas an t‑amadan ad làth'r;
's fuath leat luchd-uilc nach fiù.
6Do sgriosar leat luchd-labhairt bhreug:
is gràin le Dia faraon
An duine fuileachdach, 's an tì
chum cealgaireachd a chlaon;
7Ach mise, thig mi chum do theach,
thaobh meud do ghràsan caomh':
Is ann ad eagal adhraidh mi,
m'aghaidh rid theampall naomh.
8Fa chùis mo naimhdean, treòraich mi,
ad cheartas naomh, a Dhè,
Is dèan-sa romham, air gach ball,
do shlighe dìreach rèidh.
9Oir chan eil cinnt no ceart nam beul,
fìor aing'eachd annta tha;
An sgòrnan fosgailt' tha mar uaigh,
le miodal teangaidh tlàth.
10Len comhairlean leig tuiteam dhaibh;
sgrios iad, a Dhè, nan lochd:
Nam peacan lìonmhor fuadaich iad,
oir rinn iad ceannairc ort.
11Ach aoibhneas air gach neach gu robh
nì barrant dhìot nan airc:
Is dèanadh iad buan-ghàirdeachas,
oir nì thu dhaibh cùl-taic:
Biodh annad ait, len ionmhainn d'ainm,
12oir beannaichidh tu, Dhè,
am fìrean: nì thu le do ghràs
a chuartach', mar le sgèith.

Currently Selected:

Sailm Dhaibhidh 5: SD1992

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in

YouVersion uses cookies to personalize your experience. By using our website, you accept our use of cookies as described in our Privacy Policy