Sailm Dhaibhidh 39
39
Salm 39
1Thubhairt mi, Bheir mi fhèin fa‑near
mo shlighe; 's nì mi fòs
Mo theanga choimhead mar le srèin,
air bhith don daoi am chòir.
2Dh'fhan mi gu tosdach balbh am thàmh,
on nì sin fhèin bu mhath;
Mhosgail mo thrioblaid is mo bhròn
annam gu mòr a‑staigh.
3Air bhith dhomh smaoineachadh mar seo,
do ghabh mo chridhe teas:
Is las an teine: is mar seo
lem theangaidh labhair mis':
4Thoir fios, a Dhè, dhomh air mo chrìch,
tomhas mo là ciod e:
Gum faighinn eòlas agus fios
cia anfhann geàrr mo rè.
5Feuch rinn thu mar leud bois' mo làith',
mar neoni agad m'aois:
Gach neach da fheabhas, e gu fìor
's nì dìomhanach gun phrìs.
6An samhladh brèig' a' siubhal fòs
gach duine tha gu dearbh:
Gun suaimhneas fòs gam buaireadh fhèin,
an dìomhanas gun tairbh':
A' torradh nithean, 's cur ri chèil'
mòr-bheartais air gach dòigh,
Gun fhios cò 'n t‑oighre chruinnicheas,
no mhealas iad fa‑dheòidh.
7Ciod nis rim feitheam fhèin, a Dhè?
mo dhòchas dhìot do nì m'.
8Saor mi om uile lochd; 's na dèan
ball-maslaidh an‑daoin' dhìom.
9Dh'fhan mi am thosd, gun fhosgladh bèil,
oir leatsa rinneadh e.
10Tog dhìom do bhuille, Dhè: le beum
do làimhe chlaoidheadh mi.
11Tràth chronaichear leat neach ma lochd,
mar chnuimh thèid as da shnuadh:
Gu deimhinn fhèin 's fìor-dhìomhanas
gach duin' air bith den t‑sluagh.
12Dhia èisd rim ùrnaigh, is rim ghlaodh;
rim dheòir ad thosd na bi;
Oir coigreach agad, is fear-cuairt,
mar m'athraichean tha mi.
13Dhia, coigil agus caomhain mi,
gum faighinn neart rim bheò
Mun siubhail mi, a' dol don eug,
's nach bi mi ann nas mò.
Currently Selected:
Sailm Dhaibhidh 39: SD1992
Highlight
Share
Copy
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Comann Bhìoball na h-Alba (Scottish Bible Society) 1992.