YouVersion Logo
Search Icon

Sailm Dhaibhidh 33

33
Salm 33
1O sibhse tha nur fìreanan,
biodh aiteas oirbh an Dia:
Oir 's cubhaidh do na daoine còir,
bhith tabhairt cliù don Triath.
2Air clàrsaich thugaibh moladh dha;
is air an t‑saltair ghrinn,
Air inneal-ciùil nan teudan deich,
seinnibh do Dhia gu binn.
3Is canaibh dhàsan òran nuadh:
àrd-sheinnibh fonn gun stad.
4Oir 's ceart a reachd: am fìrinn fòs
tha 'oibrean dèant' air fad.
5Is ionmhainn leis-san còir is ceart:
lìon maitheas Dhè gach tìr.
6Rinn facal Dhè na nèamh, 's an sluagh
rinn guth a bheòil gu lèir.
7Mar thòrr a ta e càrnadh suas
uisge na fairge mòir':
A' coimhead fòs na doimhne suas,
gu dìleas an taigh-stòir.
8Nis ro an Tighearna gu mòr
biodh eagal air gach tìr:
Is air na dh'àiticheas an saoghal
biodh fiamh ro 'ainm gu lèir.
9Oir labhair Dia, is rinneadh e;
dh'òrdaich, is chuir air chois:
10Chuir comhairle nan sluagh air cùl:
is innleachd dhaoin' air ais.
11Tha comhairle Iehòbhah mhòir
gu seasmhach buan am feasd:
Smuaintean a chridhe mar an ceudn'
o linn gu linn gun cheist.
12'S beannaicht' an cinneach sin ga bheil
mar Dhia Iehòbhah treun:
'S am poball fòs a roghnaich e
mar oighreachd bhuan dha fhèin.
13Air cloinn nan daoine seallaidh Dia,
o nèamh nan speur a‑nuas;
14'S lèir dha gach neach sa chruinne-chè,
o 'ionad-còmhnaidh shuas.
15An crìdh' air aon dòigh chumadh leis;
thug e fa‑near an gnìomh.
16Cha tèarainn rìgh le meud a shluaigh;
don laoch, neart mòr cha dìon.
17An t‑each an còmhraig 's dìomhain e,
a dhèanamh furtachd leis;
No dhèanamh fuasglaidh ri àm fèim,
ge mòr a lùth 's a threis'.
18Feuch, sùilean Dè gu furachair
air a luchd eagail fhèin,
Is air an dream sin as a ghràs
nì muinghinn làidir treun:
19An anam chum a dhìon on bhàs,
's on ghort an cumail beò.
20Ar n‑anam feithidh e air Dia;
ar neart, 's ar sgiath gach lò.
21Oir annsan nì ar crìdh' a‑staigh
ùr‑ghàirdeachas gun dìth:
Is cuiridh sinn na ainm ro‑naomh
ar muinghinn fòs a‑chaoidh.
22Do thròcair gu robh oirnn gu caomh,
a Thighearna, gach là,
A rèir mar chuir sinn annad fhèin
ar dòchas treun a‑ghnàth.

Currently Selected:

Sailm Dhaibhidh 33: SD1992

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in

YouVersion uses cookies to personalize your experience. By using our website, you accept our use of cookies as described in our Privacy Policy