Sailm Dhaibhidh 149
149
Salm 149
1Molaibh-se Dia; is òran nuadh
seinnibh do Dhia gu caomh;
Seinnibh a mholadh-san gu binn,
an coitheanal nan naomh.
2Biodh Israel aoibhneach ann an Dia,
an Tì a chruthaich e;
Dèanadh clann Shioin gàirdeachas
na Rìgh air feadh gach rè.
3Is anns an dannsa thugadh iad
da ainm-san moladh binn:
A chliù le tiompan seinneadh iad,
is leis a' chlàrsaich ghrinn.
4Oir tha Iehòbhah gabhail tlachd
na phoball dìleas fhèin:
Ro‑sgiamhach fòs le shlàinte nì
na daoine sèimh gu lèir.
5Biodh air na daoine naomh' an sin
ùr‑ghàirdeachas an glòir:
Is air an leabaidh seinneadh iad
do Dhia le iolaich mhòir.
6Gu robh àrd-chliù an Tighearna
gu dligheach ann am beul,
Is ann an làimh-san fòs gu robh
claidheamh dà‑fhaobhair geur.
7A‑chum gu dèant' air fineachan
làn-dìoghaltas gu lèir:
Is mar an ceudna air na slòigh
làn-smachdachadh gu geur.
8A‑chum gun dèant' an rìghrean-san
a chur fo chuibhrich ghèir;
Fo gheimhlean teann den iarann chruaidh
an uaislean mòr' gu lèir.
9Chum dìoghaltas a chur an gnìomh,
tha sgrìobht' na fhacal ceart:
Seo cliù nam fìreanach gu lèir,
Molaibh-se Dia nam feart.
Currently Selected:
Sailm Dhaibhidh 149: SD1992
Highlight
Share
Copy
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Comann Bhìoball na h-Alba (Scottish Bible Society) 1992.