YouVersion Logo
Search Icon

Sailm Dhaibhidh 120

120
Salm 120
1Am èiginn ghlaodh mi suas ri Dia,
is dh'èisd e rium gach rè.
2On teangaidh chealgaich, m'anam saor;
's o bheul nam breug, a Dhè.
3Ciod bheirear dhut, no nìthear ort,
a theanga làn de ghò?
4Mar shaighdean laoich, 's iad geuraichte,
mar eibhlean aiteil beò.
5Mo thruaighe mi, gu bheil mo chuairt
am Mesech; is mo thàmh
Am bùthan Chedair choigrich bhuirb,
gu muladach gun dàimh!
6Rinn m'anam còmhnaidh fhada bhuan
le neach thug fuath do shìth.
7Gu cogadh tha iad togarrach;
air sìth 'n tràth labhras mi.

Currently Selected:

Sailm Dhaibhidh 120: SD1992

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in

YouVersion uses cookies to personalize your experience. By using our website, you accept our use of cookies as described in our Privacy Policy