YouVersion Logo
Search Icon

Sailm Dhaibhidh 119

119
Salm 119
ALEPH
1'S beannaicht' an dream tha foirfe glan
san t‑slighe dhìrich cheirt:
An dream a ghluaiseas ann an lagh
àrd-Thighearna nam feart.
2'S beannaicht' an aitim ud faraon
len coimhdear teisteas Dhè,
'S a dh'iarras e gu dìcheallach,
len uile chridhe fhèin.
3Na shlighean-san sìor ghluaisear leo,
's cha dèan iad aingidheachd.
4Dh'àithn thu dhuinn gu coimheadamaid
gu dìcheallach do reachd.
5O stiùir mo cheum, 's gun coimhdear leam
do reachdan dìreach fhèin!
6Cha ghabh mi nàir', tràth bheir mi spèis
dod àitheantan gu lèir.
7Le cridhe treibhdhireach gun ghò
mòr-mholam thu gu binn,
Tràth dh'fhòghlamas mi breitheanais
do cheartais naomha ghrinn.
8'S e seo mo rùn gun coimhdear leam
do reachdan naomh' a‑ghnàth:
O Thighearna, na trèig-sa mi
gu buileach no gu bràth.
BETH
9Ciod leis an glan an t‑òganach
a shlighe fhèin gu ceart?
Trìd faicill mhaith is furachrais,
rèir d'fhacail is do reachd.
10Lem uile chridhe fhèin, a Dhè,
dh'iarradh leam thu gu caomh;
Na leig dhomh dol air seacharan
od àitheantan ro‑naomh.
11Air eagal peacaidh, dh'fhalaich mi
am chridhe d'fhacal ceart.
12O teagaisg dhomh do reachdan naomh',
's beannaicht' thu, Dhia nam feart.
13Lem bhilean, breitheanais do bhèil
nochd mi air fad 's air leud.
14Slighe do theisteis b'aoibhnich' leam
na saoibhreas mòr da mheud.
15Socraichidh mi mo smaoineachadh
air àitheantan do reachd;
Air ceumannan do shlighe fhèin
sìor dhearcaidh mi le beachd.
16Gabhaidh mi tlachd is ciata mhath
dod statuisean gu lèir:
Air dearmad fòs cha leig mi chaoidh
deagh fhacal glan do bhèil.
GIMEL
17Riumsa, tha 'm òglach dhut, a Dhè
dèan toirbheartas gach àm:
A‑chum gum bithinn beò, is fòs
gun coimhdear d'fhacal leam.
18Fosgail mo shùilean, 's chì mi 'n sin
mòr-iongantais do reachd.
19'S coigreach air thalamh mi; na ceil
orm d'àitheantan ro‑cheart.
20Tha m'anam briste brùite staigh,
is muladach a‑ghnàth;
Aig meud mo thograidh is mo mhiann
dod bhreitheanais gach tràth.
21Luchd-uabhair mhallaicht' smachdaich thu,
a chlaon od iarrtas ceart.
22Cuir spìd is masladh fada uam,
oir choimhdeadh leam do reachd.
23Am aghaidh labhair prionnsan mòr
air suidhe dhaibh le chèil':
Ach air do statuisean ro‑naomh
do smaoinich d'òglach fhèin.
24A ta mi gabhail tlachd gu mòr
dod theisteis naomha fhèin;
Is mar an ceudna tha iad dhomh
nan comhairlich am fheum.
DALETH
25Tha m'anam leantainn ris an ùir:
rèir d'fhacail beothaich mi.
26Nochd mi mo shligh', is dh'èisd thu rium:
seòl dhomh do lagh, a Dhè.
27Air slighe fhìorghloin d'àitheantan
thoir dhòmhsa tuigse gheur;
Mar sin air d'oibrean iongantach
labhram, gan cur an cèill.
28Tha m'anam leaghadh as le bròn:
rèir d'fhacail deònaich neart.
29Cuir slighe bhreugach fada uam;
ad ghràs thoir dhomh do reachd.
30Slighe na fìrinn foirfe gloin,
is i bu roghainn leam:
Is chuir mi do cheart bhreitheanais
fam chomhair fhèin gach àm.
31Lean mi gu dlùth 's gu faiceallach
rid theisteis naomha fhèin:
Na cuir gu h‑amhluadh nàire mi,
O Thighearna ro‑thrèin.
32An slighe fhìorghloin d'àitheantan
sìor ruithidh mi le tlachd;
Tràth nìthear leat mo chridhe teann
a chur am farsaingeachd.
HE
33Slighe do statuin teagaisg dhomh,
O Dhia Iehòbhah thrèin.
Is coimhdeam i gu dìcheallach,
gu crìch mo shaoghail fhèin.
34Tuigs' agus eòlas tabhair dhomh,
is coimhdidh mi do reachd;
Is fòs lem uile chridhe fhèin
coimhdear leam e gu beachd.
35An ceum do lagh' thoir orm bhith triall
oir leam 's ro‑thlachdmhor e.
36Gud theisteis naomh', 's chan ann gu sannt,
mo chridhe lùb, a Dhè.
37Mo shùilean till mun amhairc mi
air dìomhanas gun stàth:
Ach ann do shlighean naomha fhèin
ath-bheothaich mi a‑ghnàth.
38O daingnich d'fhacal fìrinneach
dod òglach fhèin gu mòr:
Don neach thug suas e fhèin air fad
dod eagal mar as còir.
39Till uam an nàir as eagal leam;
oir 's math do bhreith, a Dhè.
40Feuch, 's miannach leamsa d'àitheantan:
ad cheartas beothaich mi.
VAU
41Thigeadh do thròcair mar an ceudn'
am ionnsaigh fhèin, a Dhè;
Do chomhfhurtachd, 's do shlàinte chaomh,
a rèir do gheallaidh fhèin.
42Mar sin don neach bheir masladh dhomh,
bidh agam freagradh deas:
Oir ann ad fhacal fìrinneach
mo dhòchas cuiridh mis'.
43Facal na fìrinn na buin leat
gu h‑iomlan as mo bheul;
Oir ann ad bhreitheanais ro‑cheart
a ta mo dhòchas fhèin.
44Mar sin gu suthainn is gu sìor,
gnàth-choimhdidh mi do reachd:
45Airson gun iarram d'àitheantan,
gluaiseam am farsaingeachd.
46Ri rìghrean labhram air do theist,
gun amhluadh orm no sgàth.
47Is gabham tlachd dod àitheantan,
's ann dhaibh a thug mi gràdh.
48Rid àitheantan don tug mi toil,
togam mo làmhan fhèin:
Is ann ad statuisean ro‑naomh
bitheam ri cnuasachd ghèir.
ZAIN
49Cuimhnich am facal ud, a Dhè,
dod òglach fhèin a‑nis,
Thug thu mar bharrant dòchais dhomh,
's thug orm gun d'earb mi ris.
50'S e seo mo chomhfhurtachd ro‑mhòr
am theinn 's am àmhghar geur:
Oir rinn do bhriathar fìrinneach
m'ath-bheothachadh gu treun.
51Bha mi mar adhbhar fanaid mhòir
aig daoine àrdanach;
Gidheadh cha d'aom mi o do lagh,
le claonadh seachranach.
52Do bhreitheanais a tha o chian,
chuimhnich mi, Dhia, gu lèir:
Is ghlac mi thugam fhèin an sin
deagh chomhfhurtachd am fheum.
53Airson gun d'thrèig an daoi do lagh,
ghlac uamhann mi gu mòr.
54An taigh mo chuairt is m'oil-thìre,
do statuin b'iad mo cheòl.
55Chuimhnich mi d'ainm san oidhch', a Dhè,
is choimhdeadh leam do reachd.
56B'e seo mo chuid, oir choimhead mi
d'iarrtais, a Dhè, gu beachd.
CHETH
57Mo chuibhreann is mo chrannchur thu,
O Thighearn is a Dhè;
Le gealladh cinnteach thubhairt mi,
gu coimhdinn d'fhacal fhèin.
58Lem uile chridhe dh'iarr mi ort
do ghnùis 's do ghràsan saor:
A rèir do bhriathair fhìrinnich,
dèan tròcair orm gu caoin.
59Do chnuasaich mi mo shlighe fhèin,
's rid theisteas thill mo chos.
60Rinn deifir choimhead d'àitheantan
's nìor ghabh mi tàmh no fois.
61Chreach buidheann aingidh mi; gidheadh
nìor dhearmaid mi do reachd.
62Eiream mu mheadhon oidhche, chum
gum molam do bhreith cheart.
63'S fear-comainn mi is companach
don dream don eagal thu;
'S don aitim ud a choimhdeas fòs
d'fhìor-àitheantan gu dlùth.
64A Thighearna, tha 'n talamh làn
ded ghràs 's ded thròcair chaoimh:
Tuigs' agus eòlas tabhair dhomh
ad statuisean ro‑naomh.
TETH
65Dod òglach rinn thu math, a Dhè,
a rèir do bhriathair cheirt.
66Deagh thuigs' is eòlas teagaisg dhomh,
oir chreid mi fhèin do reachd.
67Mun robh mi 'n teinn, air seachran chaidh:
ach d'fhacal ghlèidh mi nis.
68'S math thus', is nìthear maitheas leat:
ad statuin teagaisg mis'.
69Am aghaidh luchd an àrdain bhuirb
dhealbh breugan baoth le chèil':
Ach gleidhidh mise d'àitheantan
lem chridhe fhèin gu lèir.
70Tha 'n cridhe-san cho reamhar fòs
ri saill aig meud an sògh:
Ach gabhaidh mise tlachd dhomh fhèin
ad lagh-sa, Dhè, gach lò.
71'S math dhòmhs' a‑nis gu robh mi fhèin
an teinn 's an àmhghar geur,
A‑chum gum fòghlamainn le beachd
do statuin cheart gu lèir.
72'S fheàrr dhomh gu mòr an lagh a tha
a' teachd od bheul a‑mach,
Na mìltean mòr den airgead ghlan,
's den òr as deirge dreach.
IOD
73Do rinn, 's do dhealbh do làmhan mi;
dèan tuigseach mi da rèir,
A‑chum gum faighinn eòlas math
Air d'àitheantan gu lèir.
74Tràth chì luchd d'eagail mi, bi 'd ait:
oir dh'earb mi as do theist.
75Dhia, 's ceart do bhreitheanais, 's le còir
leòn thusa mi gun cheist.
76Dhè, guidheam ort, do thròcair chaoin
bhith dhomh mar chomhfhurtachd:
A rèir an fhacail labhair thu
rid òglach fhèin gu beachd.
77O thigeadh thugam fhèin a‑nis
do thròcair chaomh, a Dhè,
Gam chumail beò: oir 's e do lagh
mo thlachd 's mo mhiann gach rè.
78Biodh nàir' air luchd an àrdain mhòir,
bhuin riumsa, gun chion-fàth,
Gu fealltach fiar; ach smaoinicheam
air d'àitheantan a‑ghnàth.
79Tilleadh luchd d'eagail rium, 's an dream
tha eòlach air do theist.
80Gu robh mo chridhe ceart ad reachd,
nach nàraichear mi 'm feasd.
CAPH
81Tha m'anam air a chlaoidh gu mòr,
feitheamh do shlàinte, Dhè:
Ach tha mo dhòchas bunaiteach
ad fhacal tairis fhèin.
82A' feitheamh d'fhacail chaith mo shùil:
furtachd, O cuin a nì?
83Oir tàim mar shearraig anns an toit;
's do reachd nìor dhearmaid mi.
84Cia lìon iad làithean d'òglaich fhèin?
is fòs, a Dhè, cia uair
Chuireas tu breitheanas an gnìomh
orra tha orms' an tòir?
85An dream tha làn den àrdan bhorb,
chladhaich iad dhomh gu beachd
Sluic dhomhain, chum mo ghlacadh leo,
nach robh a rèir do reachd.
86An tòir gu fealltach tha iad orm;
Dhè, cuidich leam gu grad:
Oir tairis agus fìrinneach
tha d'àitheantan air fad.
87Air talamh chaidh ach beag mo chlaoidh;
nìor thrèig mi d'iarrtas naomh.
88'S gun coimhdinn teisteas fìor do bhèil,
ath-bheothaich mi gu caomh.
LAMED
89Tha d'fhacail bunaiteach gu bràth
sna nèamhan àrd', a Dhè:
90Tha d'fhìrinn is do thairisneachd
buan-mhaireannach gach rè:
Do dhaingnicheadh an talamh leat,
's na sheasamh tha da rèir.
91Tàid buan an‑diugh rèir d'òrdaigh fhèin;
do mhuinntir iad gu lèir.
92Mur bith gun ghabh mi ciata mhòr
dod fhacal fìrinneach,
Ghrad-fhàilnichinn is gheibhinn bàs
am àmhghar iomarcach.
93D'iarrtais cha dìochuimhnich mi chaoidh;
oir bheothaich thu mi leo.
94'S leat mi, fòir orm; oir dh'iarr mi fhèin
d'àitheantan-sa gach lò.
95Bha luchd an uilc gu furachair
gam fheitheamh chum mo sgrios;
Ach air do theisteas fìrinneach
lem smuaintean dearcaidh mis'.
96Chunnaic mi crìoch gach nì a tha
sa bheatha seo da mheud:
Ach d'àithne tha gun tomhas fòs
aig farsaingeachd is leud.
MEM
97Cia ionmhainn leam do lagh-sa, Dhè!
mo smaoineach' e gach là.
98Thar m'eascar thug thu gliocas dhomh
led reachd, tha leam a‑ghnàth.
99Is tuigsich' mi na 'n aitim ud
thug teagasg dhomh gu lèir;
Bhrìgh gur ann air do theisteas naomh
tàim smaoineachadh gu geur.
100Tàim tuigseach eagnaidh fòs os cionn
gach seanair anns an tìr:
Airson gun choimhdeadh leam gu beachd
iarrtais do reachd gu fìor.
101Thill mi mo chas o ròd gach uilc,
gun coimhdinn d'fhacal ceart.
102Nìor chlaon mi fòs od bhreitheanais;
oir theagaisgeadh mi leat.
103Lem bhlas cia milis, O mo Dhia,
do bhriathran ceart gu lèir!
Dom chàirean 's mìlse iad gu mòr
na mil air feadh mo bhèil.
104Tred àitheantan tàim faghail fòs
tuigs' agus eòlais mhaith;
Is uime sin 's ro‑fhuathach leam
gach slighe cham air bith.
NUN
105Is lòchran d'fhacal fhèin dom chois,
solas dom cheum gu beachd.
106Do mhionnaich mi, 's nì mi da rèir:
gun coimhdinn fhèin do reachd.
107Tha mis' an trioblaid iomarcaich,
O Thighearna nam feart:
A rèir an fhacail labhair thu,
ath-bheothaich mi led neart.
108Gabh uam gu taitneach, guidheam ort,
ofrail mo bhèil a‑nis,
A bheir mi dhut gu toileach saor;
stiùir mi ad bhreitheanais.
109Tha m'anam bochd am làimh a‑ghnàth:
ach chuimhnich mi do reachd.
110Leag droch dhaoin' romham lìon; gidheadh
nìor chlaon od iarrtas ceart.
111Do theisteis fhìor ghabh mise fhèin
mar m'oighreachd bhuan am feasd;
Oir 's iad a bheir dom chridhe leòint'
mòr-shubhachas gun cheist.
112Dh'aom mi mo chridhe fòs a‑chum
gun dèanar leam a‑ghnàth
Do statuin cheart a chur an gnìomh,
o seo a‑mach gu bràth.
SAMECH
113Is fuath leam smuaintean dìomhanach;
dod reachd ach thug mi gràdh.
114'S tu m'ionad-falaich, 's tu mo sgiath:
à d'fhacal m'earbsa tha.
115O sibhs' a chleachd bhith dèanamh uilc,
imichibh uam a‑nis;
Oir àitheantan mo Thighearna
le cùram coimhdidh mis'.
116Rèir d'fhacail dèan mo chumail suas,
a‑chum gum mairinn beò:
'S na leig fo nàire mi, fa chùis
mo dhòchais fhèin gach lò.
117Neartaich mi, 's tèarnaidh mise slàn;
sìor dhearcam air do reachd.
118Shaltair thu air na chlaon od lagh;
oir 's breug am feall gu beachd.
119Mar shal droch-mhiotail tilgear uat
gach daoi air thalamh tha:
Is uime sin 's ro‑chaomh leam fhèin
teisteis do bhèil a‑ghnàth.
120Do chriothnaich m'fheòil fan eagal ud
a ghabh mi romhad fhèin;
Is lìonadh mi le uamhann fòs
fad bhreitheanais gu lèir.
AIN
121Rinn mi breith chothromach; na fàg
fo iochd luchd m'fhòirneirt mi.
122Air d'òglach 'n urras bi chum maith;
na leig luchd-buirb dom chlaoidh.
123Mo shùilean tha air fàilneachadh
feitheamh do shlàinte, Dhè;
'S a' feitheamh gus an coileanar
deagh bhriathar ceart do bhèil.
124Rid òglach buin a rèir do ghràis,
seòl dhomh do lagh gu beachd.
125'S mi d'òglach, tabhair eòlas dhomh
gun tuiginn fhèin do reachd.
126'S mithich dhut gnìomh a thaisbeanadh,
a Dhè Iehòbhah thrèin:
Oir sgaoileadh agus bhriseadh leò
d'àitheantan naomh' gu lèir.
127Fan adhbhar ud, O Thighearna,
gu dearbh is ionmhainn leam
D'àitheantan fhèin os cionn an òir,
an òir as fheàrr a th'ann.
128Measam d'uil' iarrtais, uime sin,
bhith anns gach aon nì ceart;
Is fuathach fòs lem chridhe fhèin
gach slighe bhrèig' gu beachd.
PE
129Tha d'fhacal is do theisteis fhèin,
a Dhè, ro‑iongantach:
Is uime sin nì m'anam bochd
'n coimhead gu cùramach.
130Bheir tionnsgnadh d'fhacail solas math
ri dol a‑staigh na phàirt;
Do dhaoine sìmplidh aineolach,
do bheir e eòlas àrd.
131Gu farsaing dh'fhosgail mi mo bheul,
a' plosgartaich gu mòr:
Fa mheud mo thoil' dod àitheantan
bhiom muladach gu leòr.
132Seall agus amhairc orm, a Dhia,
dèan tròcair orm gu caomh;
Mar rinneadh leat a‑ghnàth don dream
lem b'ionmhainn d'ainm ro‑naomh.
133Peacadh na biodh an uachdar orm:
ad fhacal stiùir mo cheum.
134O fhòirneart dhaoine teasairg mi;
is coimhdeam d'iarrtais fhèin.
135Dealradh do ghnùis' air d'òglach tog,
seòl dhomh do statuin cheart.
136Ruith sruthan dheur om shùilean fòs,
air briseadh leo do reachd.
TSADDI
137'S ro‑chothromach thu fhèin, a Dhè,
's is dìreach rèidh do bhreith.
138Do theisteis dh'àithn thu dhuinn, a tha
ro‑thairis ceart gach leth.
139Do rinn mo ghràdh is m'eud ro‑mhòr
mo chaitheamh as gu lèir;
Do bhrìgh gun dhearmaid m'eascairdean
deagh bhriathran ceart do bhèil.
140'S ro‑fhìorghlan d'fhacal; uime sin
's ionmhainn led òglach e.
141Tàim suarach beag, gidheadh do reachd
air dìochuimhn' nìor leig mi.
142Do cheartas fhèin is ceartas e
tha sìorraidh buan gu bràth;
Is amhlaidh sin do lagh ro‑cheart
na fhìrinn ghloin a ta.
143Ghlac trioblaid mi, is ghabh orm greim
teinn agus àmhghar geur;
Gidheadh a ta mo thlachd gu mòr
ad àitheantan gu lèir.
144Ceartas do theisteis fhèin, a Dhè,
tha sìorraidh buan gun cheist:
Deagh thuigse tabhair thusa dhomh,
is bitheam beò am feasd.
KOPH
145Ghlaodh mi lem uile chrìdh'; a Dhè
èisd, 's coimhdidh mi do reachd.
146Ghlaodh mise riut, fòir orm; 's an sin
coimhdeam do theist gu beachd.
147Do thionnsgain mi ron chamhanaich,
is ghlaodh mi riutsa, Dhè;
Oir tha mo dhòchas bunaiteach
ad fhacal daingeann fhèin.
148Mo shùilean tha nas furachair'
na forair' theann na h‑oidhch';
A‑chum gum bithinn smaoineachadh
air d'fhacal fhèin a‑chaoidh.
149A rèir do choibhneis thròcairich
èisd fhèin rim ghuth a‑nis:
A rèir do bhreitheanais ro‑mhòir,
Iehòbhah, beothaich mis'.
150Luchd-leanmhainn uilc tha teannadh orm:
a ta iad fad od reachd.
151Dhè, tha thu 'm fagas: agus tha
d'uil' iarrtais fìor is ceart.
152Fa thimcheall fòs do theisteas naomh',
o thoiseach b'fhiosrach mi,
Gun d'rinneadh leat an socrachadh
a‑chum bhith buan gach rè.
RESH
153Amhairc, a Dhè, air m'àmhghar goirt,
is fuasgail orm am fheum;
Fan adhbhar nach do dhearmaid mi
an reachd a dh'àithn thu fhèin.
154Tagair mo chùis, is fuasgail orm;
rèir d'fhacail cùm mi beò.
155'S fad slàint' o luchd an uilc airson
do reachd nach iarrar leo.
156'S ro‑lìonmhor mòr do thròcair chaomh,
a Thighearn is a Dhè:
A rèir do bhreitheanais ro‑cheirt
dèan beòthail ealamh mi.
157'S lìonmhor luchd-leanmhainn orm an tòir
is m'eascairdean faraon;
Ach mis' od theisteas fìrinneach,
cha deach' air seachran claon.
158Chunnaic mi peacaich, chràidh siud mi,
do reachd oir bhriseadh leo.
159Feuch mar as ionmhainn leam do lagh;
ad choibhneas cùm mi beò.
160A Thighearna tha d'fhacal fhèin
o thoiseach daingeann fìor;
Is tha do bhreitheanais air fad
ceart agus buan gu sìor.
SCHIN
161Bha prionnsan làidir orm an tòir,
gun adhbhar no cion-fàth;
Ach air mo chrìdh' tha eagal mòr
rod fhacal fhèin a‑ghnàth.
162Tha aiteas orm rid fhacal math,
mar neach fhuair creach gun tòir.
163'S oillteil 's is fuath leam breug; ach thug
mi gràdh dod lagh gu mòr.
164Tha mi a' tabhairt molaidh dhut
seachd uairean gach aon là,
Airson do bhreitheanais gu lèir
tha ceart, a Dhè, gu bràth.
165'S mòr sìth na muinntir ud a tha
a' tabhairt gràidh dod reachd;
Chan èirich tuisleadh idir dhaibh
no oilbheum fòs gu beachd.
166Rid shlàinte dh'fheith mi fhèin, a Dhè;
coimhdeam do reachd air chòir.
167Do theisteis choimhead m'anam fhèin;
's ionmhainn leam iad gu mòr.
168Do theisteis agus d'àitheantan,
do choimhdeadh leam a‑ghnàth;
Oir tha mo shligheannan gu lèir
fad chomhair fhèin gach là.
TAU
169Thigeadh mo ghlaodh am fagas dhut,
ad fhianais fhèin, a Dhè:
Is fòs rèir d'fhacail fhìrinnich
dèan tuigseach eòlach mi.
170Ad làthair thigeadh m'athchuinge;
rèir d'fhacail ormsa fòir.
171Air teagasg dhut do statuin dhomh,
mo bheul bheir dhutsa glòir.
172Labhraidh mo theang' air d'fhacal fìor;
oir tha d'uil' iarrtais ceart.
173Dèanadh do làmh-sa còmhnadh leam;
oir roghnaich mi do reachd.
174A' feitheamh air do shlàinte, Dhè,
bhiom fhèin gu tùirseach trom;
Is mar an ceudna tha do reachd
ro‑thlachdmhor ciatach leam.
175Deònaich dom anam bochd bhith beò,
is dhutsa bheir e glòir:
Is dèanadh do cheart-bhreitheanais
deagh chòmhnadh dhomh le fòir.
176Do chaidh mi fhèin air seacharan
mar chaoraich chaillte thruaigh:
Iarr d'òglach, oir cha d'leig dod reachd
dol as mo chuimhne uam.

Currently Selected:

Sailm Dhaibhidh 119: SD1992

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in

YouVersion uses cookies to personalize your experience. By using our website, you accept our use of cookies as described in our Privacy Policy