Sailm Dhaibhidh 114
114
Salm 114
1Air teachd do Israel as an Eiph't,
's do Iàcob mach on dream
Gan robh an cainnt ro‑chruaidh is dorch
aig coimhicheas an teang';
2Bha Iùdah dha mar chòmhnaidh naomh,
bu rìoghachd Israel leis.
3Air faicinn siud ghrad-theich an cuan;
sruth Iòrdain thill air ais.
4Mar reithe bras leum beanntan suas;
leum cnocan beag' mar uain:
5Iòrdan, carson a thill air d'ais?
carson a theich thu, chuain?
6Carson a leum sibh, shlèibhtean àrd',
mar reithe meargant bras?
Carson, mar uain nan caorach fòs,
a leum sibh, chnocan glas'?
7O thalaimh, criothnaich fòs le geilt,
ro ghnùis Iehòbhah mhòir;
O criothnaich fòs le geilt ro ghnùis
Dhè Iàcoib mar as còir!
8Oir thionndaidh e an ailbhinn theann
gu loch de uisge tàimh,
'S a' charraig chruaidh gu tobar uisg',
le cumhachdan a làimh'.
Currently Selected:
Sailm Dhaibhidh 114: SD1992
Highlight
Share
Copy
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Comann Bhìoball na h-Alba (Scottish Bible Society) 1992.