Oir iadsan a rinn braighdean dhinn
dh'iarr òran oirnn is gean:
Seadh iadsan len do chreachadh sinn
dh'iarr luathghair oirnn is ceòl;
Seinnibh de laoidhean Shioin dhuinn,
(ars' iadsan) mar bu nòs.
'N tìr choigrich ciamar dh'fhaodar leinn
òran Iehòbhah sheinn?