Iob 14:7
Iob 14:7 LSN1987
O dhuine th' air do bhreith le mnaoi, cia tearc is truagh do làith! On duslach thàinig thu, is thèid gud dhuslach fhèin gun dàil. 2 Mar mhaoth‑lus fàsaidh tu fo bhlàth is gheibh thu bàs gu beachd: Mar fhaileas teichidh tu gu luath, 's cha bhuan air thalamh neach. 3 Làn ciont is truaigh, an seas aon dùil, fa chomhair sùilean Dhè? Cò chaoidh bheir uisge soilleir glan à tobar salach crèidh? 4 Ar làithean air an àireamh tha, 's gun tàmh a' gabhail seach'; Is goirid gus an tig an uair a nì don uaigh ar teach. 5 Dhè mhòir, na smachdaich ann ad fheirg an tomhas goirid faoin, De làithean diombuan an‑shocrach thug thu do chloinn nan daoin'. 6 Ged chrìonas lus, chan fhaigh e bàs, thig fhàs ri h‑ùine nìos; 'S ged sheargas craobh sa gheamhradh fhuar nì 'n t‑earrach nuadh i rithist. 7 Ach aon uair 's gum faigh duine bàs, cha thill a làith nas motha; A bheatha cha dèan earrach nuadh, 's air uaigh cha bhris an latha. 8 Amhlaidh mar shruth a ruitheas bras, 's nach till air ais ri shliabh; Tha latha is bliadhna 's linn dol seach, 's cha thill ri neach an triall. 9 San uaigh 'n tràth laigheas duine sìos, caidlidh e 'n dìon a' bhàis; 'S cha dùisg e tuilleadh gus an tèid an cruinne‑cè na smàl. 10 O biodh an uaigh na leabaidh thaimh dhomh fhèin, gu latha mo Thriath, San èirich mi gu h‑aoibhneach suas le naomh‑shluagh maiseach Dhia! 11 San dòchas ait, le foighid mhòir, feithidh mi òrdugh Nèimh, A thig san àm a shònraich Dia san triall mi thuige fhèin.





