YouVersion Logo
Search Icon

Habacuc 1

1
LAOIDH 32
Habac. 3.17,18
1Chaoidh ged nach toir crann fìge blàth,
's nach fàs air fìon‑chrann meas;
Saoth'r a' chroinn‑ola ged a thrèig,
's fàs dèis gun bhith air slios#1.1 slios sliabh;
2Gach treud on mhainnir#1.2 mhainnir crò‑chruidh ged a bhuail
grad fhuathas nuair nach saoil:
Greigh#1.2 reigh treud ged nach fàg an t‑Earrach cruaidh,
no bò air uachdar raoin;
3Gidheadh san Triath bidh mise ait,
is nì mi uaill na ghràdh;
Mòr aoibhneas nì mi ann am Dhia;
's e Dia mo shlàint gu bràth.
4Bheir Dia dhomh neart chum ruith gu dian
mar fhiadh air fireach#1.4 fireach sliabh uachdrach àrd:
Is bheir e mi gu rìogh'chd na glòir,
fa sheòla#1.4 sheòla slighe caomh a ghràis.
5'S e Dia mo stòr, mo bheatha 's m' iùl
on tig mo lùth 's mo threis;
Gainne no gort, beatha no bàs,
cha sgar o ghràdh mi 'm feasd.

Currently Selected:

Habacuc 1: LSN1987

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in

YouVersion uses cookies to personalize your experience. By using our website, you accept our use of cookies as described in our Privacy Policy