Philemon 1
1
I. CHAIBIDEAL.
Tha e moladh creideamh us carrantachd Philemon: ʼsa cur an t-seirbhisich, a theich bhuaithe, ʼsa thionndaidh e sa phriosan, air ais ga ionnsuidh.
1Pol, priosanach Iosa Criosta, us Timoti, brathair, gu Philemon gradhach agus ar co-oibriche,
2ʼS gu Appia ar piuthar ro ionmhuinn, ʼs gu Archippus ar co-shaighdear, agus gus an eaglais, a tha na dʼ thigh.
3Grasan gun robh dhuibh, us sith bho Dhia ar n-Athair, ʼs bho ʼn Tighearna Iosa Criosta.
4Tha mi toirt tainge dha mo Dhia, a toirt cuimhne ort daonnan na mʼ urnaighean,
5ʼS mi cluinntinn mu dʼ charrantachd, ʼs mu ʼn chreideamh a thʼ agad anns an Tighearna Iosa, ʼsa thaobh nan naomh uile,
6Gu comh-phairteachadh do chreidimh a dhianamh soilleir le aideachadh gach deagh ghniomh, a thʼ unnaibh ann an Iosa Criosta.
7Oir bu mhor mo thoil-inntinn ʼs mo shòlas as do charrantachd: a chionn gun robh innidh nan naomh air am furtachadh leatsa, a bhrathair.
8As leth sin ʼs mi am mor earbsa, ann an Iosa Criosta, an ni a tha iomchuidh àithneadh ort:
9ʼSann is docha leam guidhe ort as leth na carrantachd, bhon a tha thu aosda mar Phol, a tha nis cuideachd am phriosanach air son Iosa Criosta:
10Tha mi guidhe ort air son mo mhic Onesimus, a ghineadh dhomh na mʼ shlabhruidhean,
11A bha air uair neo-tharbhach dhut, ach a tha nis tarbhach dhomhsa mar-aon us dhutsa,
12A chuir mi air ais ad ionnsuidh. Agus gabh-sa ris, mar ri mʼ innibh-sa:
13Bʼ aill leam a chumail maille rium fhein, gu frithealadh dhomh na dʼ aite fhein na mʼ chuibhrichean air son an t-soisgeil:
14Ach gun do chomhairle cha bu mhath leam ni a dhianamh, gus do dheagh ghniomh a bhith, cha n-ann air eiginn mar gum bʼ eadh, ach le do thoil.
15Oir ma dhʼ fhaoidte gur h-ann air son so a dhealaich e riut car tamuill, gus thu ga fhaighinn a rithist a chaoidh tuille,
16Cha n-ann a nis mar sheirbhiseach, ach, an aite seirbhisich, ʼna bhrathair ro ghradhach, gu h-àraid leamsa: ach nach mor nas mua na sin leatsa, araon anns an fheoil agus anns an Tighearna?
17Uime sin ma mheasas tu mise mar chompanach, gabh ris-san, mar rium fhein:
18Agus ma rinn e call sa bith ort, no ma tha e fo fhiachan dhut, cuir sin sios am aghaidhse.
19Sgriobh mise, Pol, so le mʼ laimh fhein: paidhidh mise e, gun a radh riut gu bheil thu fhein agam mar fhiachan ort:
20Tha, a bhrathair. Gum meal mi thu san Tighearna: Furtaich air mʼ innibh anns an Tighearna.
21A g-earbsa as tʼ umhailteas sgriobh mi ga dʼ ionnsuidh, le fios cuideachd gun dian thu tuille na tha mi g-radh.
22Agus comhla ri so, dian deas cuideachd cairtealan dhomhsa: oir tha mi g-earbsa tromh ur n-urnaighean gun toirear dhuibh mi.
23Tha Epaphras mo cho-phriosanach ann an Iosa Criosta a cur bheannachd h-ugad,
24Us Marcus, Aristarchus, Demas, agus Lucas, mo luchd-co-oibre.
25Grasan ar Tighearna Iosa Criosta gun robh maille ri ʼr Spiorad. Amen.
Currently Selected:
Philemon 1: MacETN
Highlight
Copy
Compare
Share
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Scottish Bible Society 2017
© Comann Bhìoball na h-Alba 2017