YouVersion Logo
Search Icon

N. Matu 7

7
VII. CAIB.
An treas earrann den t-searmoin air a bheinn.
1Na tugaibh breth, ʼs cha toirear breth oirbh.
2Oir a reir na breth a bheir sibh, bheirear breth oirbh: ʼsa reir an tomhais leis an tomhais sibh, tomhaisear dhuibh air ais.
3Agus car-son a tha thu faicinn a chaimein an suil do bhrathar, ʼs nach leir dhut an t-sail na dʼshuil fhein?
4No ciamar a their thu ri do bhrathair: Leig dhomh an caimein a thoirt á do shuil: us, seall, tha sail na dʼshuil fhein?
5A chealgaire, spion an toiseach an t-sail á do shuil fhein, us chi thu an sin an caimein a thoirt á suil do bhrathar.
6Na tugaibh ni naomh do na coin; cha mhua chuireas sibh ur seudan priseil air bialaobh mhuc, eagal ma dhʼ fhaoidte gun saltair iad orra leʼn casan, agus a tionndadh gun riab iad sibhse.
7Iarraibh, agus bheirear dhuibh; siribh, agus gheobh sibh: buailibh, agus fosglar dhuibh.
8Oir gach aon a dhʼiarras, bheirear dha; ʼs am fear a shireas, gheobh e: agus do ʼn fhear, a bhuaileas, fosglar.
9Oir co am fear agaibhse, ma dhʼiarras a mhac aran air, a shineas clach dha?
10No ma dhʼiarras e iasg, an sìn e nathair dha?
11Ma ʼs aithne dhuibhse ma ta, a tha olc, dea-thiodhlaicean a thoirt dha ʼr cloinn: nach mor nas mua na sin a bheir ur n-Athair, a tha air neamh, nichean matha dhaibhse a dhʼiarras iad air?
12A h-uile ni ma ta bu mhath leibh daoine a dhianamh dhuibh, dianaibh dhaibh. Oir se so an lagh agus na faidhean.
13Rachaibh a stigh air a gheata chumhann: a chionn gur leathan an geata ʼs gur farsuinn an rathad, a tha gabhail gu sgrios, agus is lionor iad a tha dol a stigh air.
14Nach cumhann an geata, ʼs nach aimhlean an rathad, a tha gabhail gu beatha, agus nach tearc iad a tha g-amas air!
15Bithibh air ur faicill roi fhaidhean-breige, a thig gu ʼr n-ionnsuidh an eideadh chaorach, ach air an taobh-stigh is madaidhean-alluidh riabach iad.
16Air an toradh aithnidh sibh iad. An tionailear dearcan-fiona dheʼn droighionn, no figisean dhe na drisean?
17Mar sin bheir a h-uile deagh chraobh a mach deagh mheas: ach bheir droch chraobh a mach droch mheas.
18Cha n-urrainn deagh chraobh droch mheas a thoirt a mach: cha mhua ʼs urrainn droch chraobh deagh mheas a thoirt a mach.
19A h-uile craobh nach toir a mach deagh mheas, gearrar sios i, agus tilgear san teine i.
20Uime sin air am meas aithnidh sibh iad.
21Cha teid a h-uile fear a their riumsa, a Thighearna, a Thighearna, a stigh do rioghachd fhlathanais: ach se am fear a ni toil mʼAthar, a tha air neamh, a theid a stigh do rioghachd fhlathanais.
22Their moran rium san latha sin: A Thighearna, a Thighearna, nach dʼrinn sinn faisneachd ad ainm, ʼs nach do thilg sinn a mach deomhain ad ainm, ʼs nach dʼrinn sinn moran mhiarailtean ad ainm?
23Agus an sin their mi riu: Cha bʼaithne dhomh riamh sibh: deilichibh rium, a luchd-dianamh an uilc.
24Air an aobhar sin, h-uile h-aon a chluinneas na briathran so agamsa, ʼsa ni iad, samhlaichear e ri duine glic, a thog a thigh air creig;
25Agus shil an t-uisge, us thainig na tuiltean, us sheid na gaoithean, agus bhuail iad ris an tigh sin, ʼs cha do thuit e, oir bha e air a steidheachadh air carraig.
26Agus gach aon a chluinneas iad so mo bhriathran-sa, ʼs nach dian iad, tha e coltach ri duine gorach, a thog a thigh air a ghainmhich:
27Agus shil an t-uisge, us thainig na tuiltean, us sheid na gaoithean, agus bhuail iad ris an tigh sin, us thuit e; agus bu mhor an sgrios a bhʼaige.
28Agus thachair nuair a chriochnaich Iosa na briathran so, guna ghabh an sluagh iongantas ri theagasg.
29Oir bha e gan teagasg mar neach aig an robh cumhachd, ʼs cha n-ann mar na Sgriobhaich aca agus na Phairisich.

Currently Selected:

N. Matu 7: MacETN

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in

YouVersion uses cookies to personalize your experience. By using our website, you accept our use of cookies as described in our Privacy Policy