N. Matu 27
MACETN
27
XXVII. CAIB.
A chuid eile de phais Chriosta: a bhàs, agus a thiodlacadh.
1ʼS nuair a thainig a mhaduinn, ghabh na h-ard-shagairt uile agus seanairean an t-sluaigh comhairle an aghaidh Iosa, gus a chur gu bàs.
2Agus thug iad leo e an ceangal, agus liubhair iad e do Phontius Pilat, an t-uachdran.
3An sin Iudas, a bhrath e, a faicinn gun deach a dhiteadh, ghabh e aithreachas, agus thug e air ais na deich buinn fhichead airgid do na h-ard-shagairt ʼs do na seanairean,
4A g-radh: Pheacaich mi le fuil neochiontach a bhrath. Ach thuirt iadsan: Ciod e sin dhuinne? seall thusa ris.
5ʼSa tilgeadh sios na buinn airgid san teampull, thug e e fhein as; ʼsa falbh chroch e e fhein le taod.
6Agus na h-ard-shagairt a gabhail na buinn airgid, thuirt iad: Cha chòir an cur anns an ionmhas: a chionn gur pris fala iad.
7ʼS an deigh an comhairle a chur ri cheile, cheannaich iad leo achadh a chriadhadair air son cladha choigreach.
8ʼSann air son sin a theirear Haceldama ris an achadh sin, se sin, achadh na fala, gus an latha an diugh.
9An sin choimhlionadh na labhradh leis an fhaidh Ieremias, a g-radh: Us ghabh iad na deich buinn fhichead airgid, pris an fhir a mheasadh, ʼs air na chuir iad pris de chloinn Israil.
10 Agus thug iad air son achadh a chriadhadair iad, air reir ʼs mar a dhʼorduich an Tighearna dhomhsa.
11Us sheas Iosa air bialaobh an uachdrain, agus dhʼfharraid an t-uachdran deth, a g-radh: An tusa righ nan Iudhach? Ars Iosa ris: Thuirt thu e.
12ʼS nuair a chuir na h-ard-shagairt ʼs na seanairean coire as a leth, cha do fhreagair e ni sa bith.
13An sin thuirt Pilat ris: Nach eil thu cluinntinn co liuthad ni, a tha iad a toirt mar fhianuis na tʼaghaidh?
14Agus cha tug e freagairt dha fiu facail, air chor ʼs gum bʼanabarrach an t-ioghnadh a ghabh an t-uachdran.
15A nis air latha na feille bʼabhuist doʼn uachdran a leigeil mu sgaoil do ʼn t-sluagh aon phriosanach air bith a bʼàill leo.
16A nis sa cheart àm bha priosanach comharraichte aige, dhaʼm bʼainm Barabbas.
17Bho na bha iadsa ma ta cruinn, thuirt Pilat: Co is aill leibh mi leigeil mu sgaoil dhuibh, an e Barabbas, no Iosa ris an canar Criosta?
18Oir bha fios aige gum bʼann tre fharmad a liubhair iad seachad e.
19ʼS nuair a bha e ʼna shuidhe air cathair a bhreitheanais, chuir a bhean ga ionnsuidh, a g-radh: Na biodh idir gnothach agad ris an duine ionraic sin: oir dhʼfhuilig mise moran air a shon an diugh ann am bruadar.
20Ach thug na h-ard-shagairt ʼs na seanairean comhairle air an t-sluagh, Barabbas iarraidh, ach Iosa chur gu bàs.
21Agus an t-uachdran a freagairt, thuirt e riu: Co dheʼn dithis is math leibh leigeadh as dhuibh? Agus thuirt iadsa: Barabbas.
22Thuirt Pilat riu: Ciod ma ta ni mi ri Iosa, ris an canar Criosta?
23Fhreagair iad uile: A cheusadh. Thuirt an t-uachdran riu: Ach ciod an t-olc a rinn e? Ach ʼsann is mua dhʼeigh iad, a g-radh: Ceusar e.
24Ach Pilat a faicinn nach robh e a cosnadh dad, ach gur ann is mua a bha am buaireas a fàs, ghabh e uisge, agus nigh e a lamhan an lathair an t-sluaigh, a g-radh: Tha mise neochiontach de dhʼfhuil an duine ionraic so: seallaibhse ris.
25Agus an sluagh uile freagairt, thuirt iad: Biodh fhuil oirnne agus air ar cloinn.
26An sin leig e Barabbas mu sgaoil dhaibh: ach liubhair e Iosa dhaibh, an deigh a sgiursadh, gus a cheusadh.
27An sin thug saighdearan an uachdrain Iosa leo doʼn talla, agus thionail iad a bhuidheann uile mun cuairt da.
28Agus ga rusgadh, chuir iad cleochd sgarlaid uime.
29ʼSa fighe crun dreighinn, chuir iad air a cheann e, agus cuilc ʼna laimh dheis. ʼSa lùbadh an glun air a bhialaobh, rinn iad fanaid air, a g-radh: Fàilt ort, a righ nan Iudhach.
30ʼSa caitheamh smugaidean air, rug iad air a chuilc, agus bhuail iad sa cheann e.
31ʼS an deigh dhaibh fanaid a dhianamh air, thug iad dheth an cleochd, agus chuir iad aodach fhein air, agus thug iad leo e gus a cheusadh.
32ʼSa dol a mach fhuair iad duine bho Chirene, dhaʼm bʼainm Simon: thug iad airsan a chrois a ghiùlan.
33Us thainig iad gu aite ris an canar Golgotha, se sin, ionad Chalbhari.
34ʼS thug iad dha ri ol fion measgte le domblas. Agus nuair a bhlais e e, cha bʼaill leis ol.
35Agus an deigh dhaibh a cheusadh, roinn iad aodach a tilgeadh chrann; gus an ni a labhradh leis an fhaidh a choimhlionadh a g-radh: Roinn iad mʼaodach eatorra, agus air mʼeideadh uachdrach thilg iad croinn.
36Agus a suidhe sios, rinn iad faire air.
37Agus chuir iad a chùis-dhitidh sgribhte fos cionn a chinn: Se so Iosa Righ Nan Iudhach.
38An sin cheusadh comhla ris dà mheirleach, fear air a laimh dheis, us fear air a laimh chli.
39Agus thug iadsan, a bha gabhail seachad, toibheum dha, a crathadh an cinn,
40ʼSa g-radh: A! thusa a leagas teampull De, agus an tri latha a thogas e rithist, teasraig thu fhein: ma ʼs tu Mac De, thig a nuas bhoʼn chrois.
41Air an alt chiadna thuirt na h-ard-shagairt, maille ris na Sgriobhaich ʼs ris na seanairean, a magadh air:
42Shabhail e feadhainn eile, e fhein cha n-urrainn e shabhaladh: ma se righ Israil e, thigeadh e nis a nuas bhon chrois, agus creididh sinn e:
43Chuir e earbsa ann an Dia: tiarnadh e nis e, ma tha toil aige dha; oir thuirt e: Is mi Mac Dhe.
44Agus mar an ciadna thug na meirlich, a cheusadh comhla ris, taire dha.
45A nis bhoʼn t-siathamh uair gus an naoitheamh uair bha dorchadas air an talamh uile.
46Agus muʼn naoitheamh uair dhʼeigh Iosa le gu ard, a g-radh: Eli, Eli, lamma sabacthani? se sin: Mo Dhia, mo Dhia, car-son a threig thu mi?
47Us thuirt cuid a bha ʼnan seasamh an sin, ʼsa cluinntinn: Tha e so a gairm Eliais.
48Agus ruith fear dhiu san uair, ʼsa breith air spuing lion e le fion-geur i, us chuir e air cuilc i; agus thairg e dha ri ol.
49Ach thuirt càch: Leig leis, fiach am faic sinn an tig Elias gus a theasraiginn.
50Agus Iosa a g-eigheach a rithist le guth ard, thug e suas an spiorad.
51Agus, seall, sthracadh cuirtein an teampuill ʼna dhà bhloigh, bho bhraighe gu iochdar: agus chrith an talamh, agus sgain na creagan.
52Us dhʼfhosgladh na h-uaighean, agus dhʼeirich moran de chuirp nan naomh, a bha ʼnan cadal.
53ʼSa tighinn a mach as na h-uaighean an deigh aiseirighse, thainig iad do ʼn bhaile naomh, agus chunnacas le moran iad.
54A nis nuair a chunnaic an ceannard-ciad, us iadsan a bha cuide ris, a cumail faire air Iosa, a chrith-thalmhuinn ʼs na nichean a thachair, ghabh iad eagal mor, a g-radh: Gu firinneach bʼe so Mac Dhe.
55Agus bha an sin moran bhoirionnach fad as, a lean Iosa bho Ghalile, a frithealadh dha:
56Bʼann dhiu sin Mairi Magdalen, agus Mairi, mathair Sheumais us Ioseiph, agus mathair mic Shebede.
57ʼS nuair bhaʼm feasgar ann, thainig duine beartach àraid bho Arimatéa dha ʼm bʼainm Ioseph, a bha e fhein ʼna dheisciopul do Iosa.
58Chaidh esan gu Pilat, agus dhʼiarr e corp Iosa, An sin dhʼorduich Pilat an corp a thoirt da.
59Agus Ioseph a gabhail a chuirp, phaisg e ann an annart glan e.
60Us chuir e ʼna uaigh ùir fhein e, a bha e air gearradh ann an creig. Agus charaich e clach mhor gu dorus na h-uaighe, us dhʼfhalbh e.
61Agus bha Mairi Magdalen agus a Mhairi eile ʼnan suidhe an sin mu choinneamh na h-uaghach.
62Agus an ath latha, a tha an deigh an deasachaidh, chruinnich na h-ard-shagairt agus na Phairisich gu Pilat,
63A g-radh: A thighearna, tha cuimhne againn, gun tuirt am mealltair ud, ʼs e fhathast beo: An ceann thri laithean eiridh mi rithist.
64Air an aobhar sin orduich freiceadan a chur air an uaigh gus an treas latha, eagal gum faod a dheisciopuil tighinn agus a ghoid, agus guʼn abair iad ris an t-sluagh: Dhʼeirich e bho na mairbh; agus bithidh am mearachd mu dheireadh nas miosa na ʼn ciad mhearachd.
65Thuirt Pilat riu: Tha freiceadan agaibh: falbhaibh, cuiribh freiceadan mar is aithne dhuibh.
66Us dhʼfhalbh iadsa, agus rinn iad an uaigh tiaruinte leis a chlach a sheuladh agus le luchd-faire.

© Scottish Bible Society 2017

© Comann Bhìoball na h-Alba 2017

Learn More About Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875