YouVersion Logo
Search Icon

N. Matu 24

24
XXIV. CAIB.
Criosta g-innse romh laimh sgrios an teampuill, agus nan comharran, a theid roimh sin, us roimh latha bhreitheanais. Feumaidh sinn a bhith daonnan ri faire.
1Agus chaidh Iosa mach as an teampull, us dhʼ imich e. Agus thainig a dheisciopuil gu aitreamh an teampuill fhiachuinn da.
2Ach thuirt esan riu, ʼs e freagairt: A bheil sibh faicinn so uile? gu deimhinn tha mi g-radh ribh: cha n-fhagar an so clach air muin cloiche, nach tilgear sios.
3ʼS nuair a shuidh e air beinn Olibheit, thainig a dheisciopuil ga ionnsuidh fos n-iosal, a g-radh: Innis dhuinn cuin a thachras iad so? agus ciod e an comharradh air do thighinn, ʼs air deireadh an t-saoghail?
4Agus Iosa a freagairt, thuirt e riu: Thugaibh an aire nach meall duine air bith sibh.
5Oir thig moran na mʼ ainmse, a g-radh: Is mise Criosta; us meallaidh iad moran.
6Agus cluinnidh sibh cogaidhnean, agus fathunn chogaidhnean. Thugaibh an aire nach bi sibh fo bhruaillean: oir feumaidh na nichean so tachairt, ach cha n-eil a chrioch ann fhathast:
7Oir eiridh cinneadh an aghaidh cinnidh, us rioghachd an aghaidh rioghachd, agus bithidh plaighean, us gorta, us crithean-talmhuinn feadh aiteachan.
8Ach cha n-eil an so uile ach toiseach nan truaighean.
9An sin liubhraidh iad seachad sibh gu doruinn, agus marbhaidh iad sibh: agus bithidh fuath aig a h-uile cinneadh oirbh as leth mʼainmse.
10An sin gabhaidh moran sgainneal, agus brathaidh iad a cheile, agus bheir iad fuath do gach a cheile.
11Agus eiridh moran fhaidhean-breige, us meallaidh iad moran.
12Agus a chionn gum bi an drochbheart pailt, fuaraichidh carrantachd mhorain.
13Ach an neach a bhuanaicheas thun na criche, bithidh e sabhailte.
14Agus searmonaichear soisgeul so na rioghachd feadh an domhain uile, mar theisteanas do na cinnich gu leir: an sin thig a chrioch.
15Nuair a chi sibh ma ta graineileachd an leir-sgrios, mun do labhair am faidh Daniel, ʼna seasamh san ionad naomh: am fear a leughas, tuigeadh e.
16An sin teicheadh iadsan a thʼ ann an Iudéa thun nam beann.
17ʼS am fear a tha air mullach an tighe, na tearnadh e a thoirt a bheag leis as a thigh:
18ʼS am fear a tha san achadh, na tilleadh e a thoirt leis a chota.
19Ach mo thruaighe iadsan, a tha lethtromach ʼsa toirt ciche anns na laithean sin.
20Ach guidhibh nach bi ur teicheadh sa gheamhradh no air an t-sàbaid.
21Oir san àm sin is mor an t-amhghar a bhios ann, a leithid ʼs nach robh bho thùs an t-saoghail, agus nach bi.
22ʼS mar rachadh na lài sin a ghiorrachadh, cha bhiodh feoil air bith sabhailte: ach air son nan daoine taghte giorraichear na lài sin.
23An sin ma their neach air bith ribh: Seall, tha Criosta an so, no ʼn sid, na creidibh e.
24Oir eiridh criostan-breige us faidhean-breige, agus ni iad comharran mora agus beartan iongantach, ann an rathad ʼs gum mealladh iad (nam faodadh e bhith) na daoine taghte fhein.
25Seall, dhʼinnis mise dhuibh roimh laimh.
26Ma their iad ma ta ribh, seall, tha e san fhasach, na rachaibh a mach, seall e sna seomraichean, na creidibh.
27Oir mar a thig an dealanach bhoʼn aird-an-ear, ʼsa chithear e gu ruig aird-an-iar: is amhuil a bhios tighinn Mhic an duine.
28Ge bʼe aite am bi a chairbh, ʼsann an sin a chruinnichear na h-iolairean.
29Air ball as deigh anradh nan laithean sin, thig dorchadas air a ghrein, ʼs cha toir a ghealach a solus, us tuitidh na reultan bho neamh, agus bithidh cumhachdan nan neamh air an gluasad.
30An sin chithear comharradh Mhic an duine san athar: an sin guilidh treubhan an talmhuinn gu leir; agus chi iad Mac an duine a tighinn ann an neoil nan speur le mor-chumhachd agus le gloir.
31Us cuiridh e ʼainglean le trombaid ʼs le guth mor: agus cruinnichidh iad a dhaoine taghte bho na ceithir gaoithean, bho iomall nan neamh gus an iomall eile.
32ʼS bhoʼn chrann-fhige ionnsaichibh dubhfhacal: nuair a tha a mheangan a nis maoth, ʼs an duilleach a bristeadh a mach, tha fios agaibh gum beil an samhradh faisg.
33Mar an ciadna sibhse, nuair a chi sibh na nichean so uile, tuigibh gum beil e faisg, seadh aig na dorsan.
34Gu deimhinn tha mi g-radh ribh, nach teid an ginealach so seachad, gus an tachair so uile.
35Theid neamh agus talamh seachad, ach cha teid mo bhriathran-sa seachad.
36Ach air an là sin no air an uair cha n-eil fios aig duine, no aig ainglean fhlathanais, ach aig an Athair ʼna aonar.
37Mar a thachair an lài Noé, ʼsann a bhios aig tighinn Mhic an duine.
38Oir mar a bha iad sna laithean romh ʼn tuil, a g-iche, ʼsa g-ol, a posadh, ʼs toirt am posadh, gus a cheart latha anns an deach Noé stigh doʼn àirc,
39Agus cha tug iad toighe, gus an tainig an tuil, ʼs an tug i leatha iad uile: is amhuil a bhios tighinn Mhic an duine.
40An sin bithidh dithis san achadh: gabhar fear dhiu, agus fagar fear.
41Bithidh dithis bhan a bleith sa mhuilionn: gabhar té dhiu, agus fagar té.
42Air an aobhar sin dianaibh faire: a chionn ʼs nach eil fhios agaibh ciod an uair san tig ur Tighearna.
43Ach biodh fios agaibh air so, nam bitheadh brath aig fear-an-tighe dé an uair aig an tigeadh am meirleach, gun dianadh e faire, ʼs nach fuiligeadh e a thigh a bhristeadh.
44Uime sin bithibhse deas: oir thig Mac an duine an uair nach saoil sibh.
45Co shaoileas tu is e an seirbhiseach dileas agus glic, a dhʼorduich a thighearna fos cionn a theaghlaich, gu biadh a thoirt daibh na àm?
46Is beannaichte an seirbhiseach sin, a gheobh a thighearna, nuair a thig e, a dianamh mar sin.
47Gu dearbh tha mi radh ribh, gun cuir e fos cionn a mhaoin uile e.
48Ach ma their an droch sheirbhiseach sin ʼna chridhe: Tha mo thighearna a dianamh moille ʼna thighinn:
49ʼS gun teann e ri cho-sheirbhisich a bhualadh, agus ri iche ʼs ri ol comhla ri misgearan:
50Thig tighearna an t-seirbhisich sin an latha air nach bi duil ris, ʼs air an uair nach saoil e:
51Agus tearbaidh e e, agus cuiridh e a chrannchur am measg chealgairean: an sid bithidh gal us giosgan fhiacal.

Currently Selected:

N. Matu 24: MacETN

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in

YouVersion uses cookies to personalize your experience. By using our website, you accept our use of cookies as described in our Privacy Policy