YouVersion Logo
Search Icon

N. Matu 21

21
XXI. CAIB.
Criosta marcachd air asail gu Ierusalem; a tilgeadh luchd-reic us ceannachd a mach as an teampull; a mollachadh na craoibh-fige; a cur nan sagart ʼs nan Sgriobhach ʼnan tosd.
1Agus nuair a thainig iad teann air Ierusalem, ʼsa rainig iad Bethphage aig sliabh Olibheit, an sin chuir Iosa dithis dhe dheisciopuil,
2A g-radh riu: Rachaibh doʼn bhaile a tha muʼr coinneamh, agus gun dàil gheobh sibh asal an ceangal, us loth comhla rithe, fuasglaibh iad, agus thugaibh gam ionnsuidh iad.
3Agus ma their duine facal ribh, abraibh gum beil feum aig an Tighearna orra, agus leigidh e bhuaithe san uair iad.
4Us thachair so uile, gus an ni a labhradh leis an fhaidh a choimhlionadh, a g-radh;
5 Abraibh ri nighean Shioin: Seall, tha do righ a tighinn dha tʼionnsuidh ciuin, ʼna shuidhe air asail ʼs air bioraiche, mac na té a chaidh fo chuing.
6Agus dhʼfhalbh na deisciopuil, agus rinn iad mar a dhʼorduich Iosa dhaibh.
7ʼS thug iad leo an asal agus am bioraiche; us chuir iad an aodach orra, agus thug iad air suidhe air am muin.
8Agus sgaoil moran sluaigh am falluinnean air an rathad, agus ghearr feadhainn eile giagan bharr nan craobh, agus sgap iad air an rathad iad.
9Agus ghlaodh an sluagh a bha roimhe ʼs ʼna dheigh, a g-radh: Hosanna do Mhac Dhài: Is beannaichte esan, a tha tighinn an ainm an Tighearna; hosanna anns na h-airdibh.
10ʼS nuair a chaidh e stigh do Ierusalem, ghluaiseadh am baile uile, a g-radh: Co e so?
11Ach thuirt an sluagh: Se so Iosa, faidh bho Nasareth Ghalile.
12Agus chaidh Iosa a stigh do theampull Dhe, ʼs thilg e mach iadsan uile a bha reic ʼsa ceannach san teampull; agus leag e buird luchd-mhalairt an airgid, agus cathraichean luchd-reic chalman.
13Agus thuirt e riu: Tha e sgribhte: Theirear tigh urnaigh ri mo thighse, ach rinn sibhse uamha mheirleach dheth.
14Agus thainig doill us bacaich ga ionnsuidh san teampull, agus leighis e iad.
15Ach nuair chunnaic na h-ard-shagairt ʼs na Sgriobhaich na miarailtean a rinn e, ʼsa chlann a g-eigheach san teampull, ʼsa g-radh: Hosanna do Mhac Dhài: las am fearg,
16Us thuirt iad ris: Am beil thu cluinntinn ciod a tha iad sin a cantuinn? Agus thuirt Iosa riu: Tha mi. An do leugh sibh riamh: A bial naoidhean agus chiochran choimhlion thu moladh?
17Agus dhʼfhag e iad, ʼs chaidh e mach as a bhaile gu Bethania, agus dhʼfhan e an sin.
18ʼSa tilleadh sa mhaduinn thun a bhaile, bha acras air.
19ʼSa faicinn craoibh-fige aig taobh an rathaid, thainig e ga h-ionnsuidh; ʼs cha dʼfhuair e dad oirre ach duilleach a mhain, us thuirt e: Gu bràth na fasadh meas ortsa. Agus shearg a chraobh-fhige sa cheart uair.
20ʼS na deisciopuil a faicinn so, ghabh iad iongantas, a g-radh: Ciamar a shearg i as ann an tiota?
21ʼSa freagairt thuirt Iosa riu: Gu deimhinn tha mi g-radh ribh: ma bhios creideamh agaibh, ʼs nach cuir sibh ag ann, cha n-ann a mhain air craoibh-fhige, a ni sibh so, ach ma their sibh ris a bheinn so: Tog agus tilg thu fhein sa mhuir, nithear e.
22Agus a h-uile ni a dhʼ iarras sibh ann an urnaigh, ma chreideas sibh, gheobh sibh e.
23An deigh dha an teampull a ruighinn, thainig ga ionnsuidh, agus esan a teagasg, na h-ard-shagairt us seanairean a phobuill, a g-radh: Ciod e an t-ughdaras leis am beil thu dianamh nan nichean so? Us co thug an t-ughdaras so dhut?
24Fhreagair Iosa, us thuirt e riu: Faighnichidh mise aon fhacal dhibhse; ʼs ma dhʼ innseas sibh dhomh e, innsidh mise dhuibhse ciod an t-ughdaras leis a bheil mi dianamh so.
25Co as a bha baisteadh Eoin? an ann bho neamh, no bho dhaoine? Ach smaoinich iadsan aca fhein, a g-radh:
26Ma their sinn bho neamh, their e ruinn: Car-son ma ta nach do chreid sibh e? Ach ma their sinn bho dhaoine, tha eagal an t-sluaigh oirnn: oir sheall iad uile air Eoin mar fhaidh.
27Agus fhreagair iad Iosa, agus thuirt iad: Cha n-aithne dhuinn. Agus thuirt esan riu: Cha mhua dhʼinnseas mise dhuibhse ciod an t-ughdaras leis a bheil mi dianamh so.
28Ach ciod e ur barail? Aig duine àraidh bha dithis mhac, agus chaidh e dhʼionnsuidh a chiad fhir, us thuirt e: A mhic, falbh an diugh a dhʼobair na mʼ fhion-lios.
29Ach thuirt esan, ʼs e freagairt: Cha teid. Ach le gluasad an aithreachais dhʼ fhalbh e an deigh sin.
30ʼSa dol a dhʼionnsuidh an fhir eile, thuirt e an ni ciadna. Ach thuirt esan, ʼs e freagairt: Theid mi, a thighearna; ʼs cha deach e.
31Co dheʼn dithis a rinn toil ʼathar? Thuirt iad ris: A chiad fhear. Agus thuirt Iosa riu: Gu deimhinn tha mi a g-radh ribh, gun teid cismhaoir agus striopaichean do rioghachd Dhe roimhibhse.
32Oir thainig Eoin guʼr n-ionnsuidh air slighe a cheartais, agus cha do chreid sibh e: ach chreid cismhaoir agus striopaichean: agus sibhse, a chunnaic so, cha do ghabh sibh aithreachas an deigh sin, los gun creideadh sibh e.
33Eisdibh ri dubhfhacal eile: Bha fear-tighe àraidh ann a phlanntaich fion-lios, ʼsa chuartaich le gàradh e, ʼsa chladhaich amar-fìona ann, ʼsa thog tùr, agus a shuidhich air tuath e, ʼsa dhʼfhalbh do dhuthaich choigrich.
34Agus nuair a dhluthaich àm nam meas, chuir e sheirbhisich thun na tuatha, gus a mheas fhaighinn.
35Ach rug an tuath air na seirbhisich, agus bhuail iad fear dhiu, mharbh iad fear eile, agus chlach iad fear eile.
36A rithist chuir e seirbhisich eile na bu lionoire na chiad fheadhainn, agus rinn iad orrasan air an alt chiadna.
37Ach mu dheireadh chuir e mhac gan ionnsuidh, a g-radh: Bheir iad athadh do mʼ mhac.
38Ach air doʼn tuath am mac fhaicinn, thuirt iad ʼnam measg fhein: Se so an t-oighre: thigibh, marbhamaid e, ʼs bithidh ʼoighreachd againn fhein.
39Agus ga ghlacadh thilg iad a mach as an fhion-lios e, agus mharbh iad e.
40Nuair thig ma ta tighearna an fhion-lios, ciod a ni e air an tuath sin?
41Thuirt iad ris: Bheir e na droch dhaoine sin gu droch chrich, agus suidhichidh e fhion-lios air tuath eile, a bheir dha na measan ʼnan àm fhein.
42Thuirt Iosa riu: Nach do leugh sibh riamh anns na sgriobturan: A chlach a dhiult na clachairean, rinneadh clach-chinn na h-oisinn dhi? Rinneadh so leis an Tighearna, ʼs tha e iongantach ʼnar suilean?
43Uime sin tha mi g-radh ribh, gun toirear bhuaibhse rioghachd Dhe, agus bheirear i do chinneach a bheir mach a toradh.
44Agus an neach a thuiteas air a chloich so, pronnar e, ach an neach air an tuit i, min-bhleithear e.
45ʼS nuair a chuala na h-ard-shagairt, ʼs na Phairisich a dhubhfhaclan, thuig iad gum bʼann muʼn deidhinn fhein a bha e labhairt.
46ʼS ged bha toil aca a ghlacadh, bha eagal an t-sluaigh orra: oir bha iad coimhead air mar fhaidh.

Currently Selected:

N. Matu 21: MacETN

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in

YouVersion uses cookies to personalize your experience. By using our website, you accept our use of cookies as described in our Privacy Policy