YouVersion Logo
Search Icon

N. Matu 18

18
XVIII. CAIB.
Criosta teagasg na h-umhlachd, a bhith seachnach air sgainneal, ʼs air ceann-aobhair a pheacaidh; ʼs na peacaich rag-mhuinealach a thoirt fos naird doʼn eaglais; sealltuinn orrasan nach eisd ris an eaglais mar phaganaich: tha e toirt comais ceangal us fuasgladh pheacannan do na h-ostail, ʼsa gealltuinn a bhith maille riu ʼnan co-thionalan; ʼsa g-innse nach faigh daoine mathanas mur toir iad mathanas.
1ʼSa cheart uair sin thainig na deisciopuil gu Iosa, a g-radh: Co shaoileas tu is mua bhios ann an rioghachd fhlathanais?
2Agus Iosa a gairm leinibh bhig ga ionnsuidh, chuir e ʼnam miadhon e.
3Agus thuirt e: Gu deimhinn tha mi g-radh ribh: mur tionndaidh sibh, ʼs mur fàs sibh mar leanabain, nach teid sibh a stigh do rioghachd fhlathanais.
4Co sam bith ma ta, a dhʼislicheas e fhein mar an leanabh so, se is mua ann an rioghachd fhlathanais.
5Agus ge bʼe a ghabhas ri leanabh beag mar so na mʼ ainmse, tha e gabhail riumsa.
6Ach an neach a bheir sgainneal do h-aon deʼn fheadhainn bheaga so, a tha creidsinn unnamsa, bʼfhearr dha clach-mhuilinn a bhith crochte mu ʼamhaich, ʼsa bhith air a bhathadh an doimhne na fairge.
7Mo thruaighe an saoghal as leth sgainneil. Is fheudar gun tig sgainneal, ach se mo thruaighe am fear sin leis an tig sgainneal.
8Le sin ma bheir do lamh, no do chas sgainneal dhut, gearr dhiot i, us tilg bhuat i: ʼs fhearr dhut dol a stigh do bheatha air lethlaimh, no air lethchois, na do thilgeadh le dà laimh, no le dà chois ann an teine siorruidh.
9ʼS ma bheir do shuil sgainneal dhut, spion asad i, us tilg bhuat i: ʼs fhearr dhut dol a stigh do bheatha le aon shuil, no do thilgeadh le dà shuil an teine iutharna.
10Seallaibh nach cuir sibh suarach gin deʼn fheadhainn bheaga so: oir tha mi g-radh ribh, gum beil an ainglean air neamh a faicinn daonnan gnuis mʼAthar a tha air neamh.
11Oir thainig Mac an duine a shabhaladh an ni a bha caillte.
12Ciod e ur barail? ma bhios ciad caora aig duine, ʼs gun teid h-aon diu air seachran; nach fag e an ceithir-fichead us naoi-diag air na beanntan, agus nach teid e shireadh na té a chaidh air seachran?
13Agus ma thachras gum faigh e i, gu dearbh tha mi radh ribh, gum bi tuille aighir air a son so, na air son a cheithir-fichead agus naoi-diag, nach deach air seachran.
14Mar sin cha n-eil toil aig ur n-Athair, a tha air neamh, gun teid gin deʼn fheadhainn bheaga sin a dhith.
15Ach ma pheacaicheas do bhrathair ad aghaidh, falbh, us cronaich e eadar thu fhein agus esan leibh fhein. Ma dhʼeisdeas e riut, bithidh tu air do bhrathair a chosnadh.
16Ach mur eisd e riut, gabh fear no dithis eile comhla riut, los ann am bial dithis no triuir fhianuisean, gun seas a h-uile facal.
17Agus mur eisd e riusan, innis doʼn eaglais, ʼs mur eisd e ris an eaglais, biodh e dhut mar phaganach ʼs mar chismhaor.
18Gu deimhinn tha mi g-radh ribh: ge bʼe ni a cheanglas sibh air talamh, bithidh e ceangailte air neamh; agus ge bʼe ni a dhʼ fhuasglas sibh air talamh, bithidh e fuasgailte air neamh.
19A rithist tha mi g-radh ribh, ma chordas dithis agaibh air talamh mu dheidhinn ni air bith a dhʼiarras iad, gun toirear dhaibh e le mʼAthair a tha air neamh.
20Oir far a bheil dithis no triuir cruinn am ainmse, tha mise an sin ʼnam miadhon.
21An sin Peadar a tighinn ga ionnsuidh, thuirt e: A Thighearna, co miad uair a pheacaicheas mo bhrathair am aghaidh, ʼsa mhathas mi dha? an ann gu ruig seachd uairean?
22Thuirt Iosa ris: Cha n-ann gu ruig seachd uairean tha mise g-radh riut, ach gu ruig deich us tri-fichead seachd uairean.
23Uime sin tha rioghachd fhlathanais air a samhlachadh ri righ, leis am bʼ aill cunntas a dhianamh ri sheirbhisich.
24ʼS nuair a theann e ri cunntas a ghabhail, thugadh fear ga ionnsuidh, air an robh aige deich mile talann.
25ʼS nuair nach robh a bheag aige leis am paidheadh e, dhʼorduich a thighearna e fhein, ʼs a bhean, ʼs a chlann, ʼs gach ni bhʼaige a reic, agus dioladh a dhianamh.
26Ach an seirbhiseach a tuiteam sios, ghrios e air, a g-radh: Dean faighidin rium, us paidhidh mi dhut an t-iomlan.
27An sin ghabh tighearna an t-seirbhisich sin truas ris, ʼs leig e chead dha, agus mhath e dha na fiachan.
28Ach nuair chaidh an seirbhiseach sin a mach, fhuair e fear dhe cho-sheirbhisich fhein, air an robh aige ciad peighinn: ʼsa breith air bha e ga thachdadh, a g-radh: Paidh tʼfhiachan.
29Ach a cho-sheirbhiseach a tuiteam sios, ghrios e air, a g-radh: Dean faighidin rium, us paidhidh mi dhut an t-iomlan.
30Ach cha bʼaill leis; ach dhʼfhalbh e, agus sparr e am priosan e, gus am paidheadh e na fiachan.
31Ach a cho-sheirbhisich a faicinn na thachair, bha iad ro-dhuilich; us thainig iad, agus dhʼinnis iad dhaʼn tighearna gach ni a chaidh dhianamh.
32An sin ghairm a thighearna e, us thuirt e ris: A sheirbhisich eucoraich, mhath mise dhutsa na fiachan uile bho na ghrios thu sin orm.
33Nach bu chòir dhutsa ma ta truas a ghabhail ri do cho-sheirbhiseach, mar a ghabh mise truas riutsa?
34ʼS a thighearna a gabhail feirge, liubhair e seachad doʼn luchd-riaslaidh e, gus am paidheadh e na fiachan uile.
35Is amhuil a ni mʼAthair neamhaidh ribhse, mur math gach aon agaibh dha bhrathair bho ʼr cridheachan.

Currently Selected:

N. Matu 18: MacETN

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in

YouVersion uses cookies to personalize your experience. By using our website, you accept our use of cookies as described in our Privacy Policy