YouVersion Logo
Search Icon

N. Eoin 1

1
I. CHAIBIDEAL.
Diadhachd us daondachd Chriosta: Eoin a toirt fianuis air: Criosta tòiseachadh air ostail a ghairm.
1San toiseach bha am Facal, ʼs bha am Facal maille ri Dia, agus bʼ e am Facal Dia.
2Bha e so san toiseach maille ri Dia.
3Rinneadh a h-uile ni leis: ʼs gun e cha dʼ rinneadh ni a chaidh a dhianamh.
4Annsan bha a bheatha, ʼs bʼ i a bheatha solus dhaoine:
5Agus tha an solus a soillseachadh san dorchadas, ʼs cha do ghabh an dorchadas ris.
6Chuireadh duine bho Dhia, dha ʼm bʼ ainm Eoin.
7Thainig e so mar fhianuis gu teisteanas a thoirt air an t-solus, los gun creideadh daoine uile troimh-san.
8Cha bʼ e esan an solus, ach bha e gu teisteanas a thoirt air an t-solus.
9Bʼ e sin an solus firinneach, a tha soilleireachadh a h-uile duine, a tha tighinn dhʼ ionnsuidh an t-saoghail so.
10Bha e anns an t-saoghal, ʼs rinneadh an saoghal leis, ʼs cha bʼ aithne do ʼn t-saoghal e.
11Thainig e gu chuid fhein, ʼs cha do ghabh a mhuinntir fhein ris.
12Ach a mhiad ʼsa ghabh ris, thug e cumhachd dhaibh a bhith ʼnan cloinn do Dhia, dhaibhse a tha creidsinn ʼna ainm,
13A rugadh cha n-ann bho fhuil, no bho thoil na feola, no bho thoil duine, ach bho Dhia.
14Us ghabh am Facal feoil, us rinn e comhnuidh ʼnar measg: us chunnaic sinn a ghloir, mar ghloir aonghin an Athar, lan ghras agus firinn.
15Thug Eoin teisteanas air, agus dhʼeigh e, a g-radh: Bʼ e so esan mun do labhair mi: Esan a tha ri tighinn as mo dheigh, tha toiseach aige orm: a chionn gun robh e romham.
16Agus dhe a lanachd fhuair sinn uile, agus grasan air ghrasan:
17Oir thugadh an lagh le Maois, ach thainig grasan agus firinn le Iosa Criosta.
18Cha n-fhaca duine Dia riamh: an t-aonghin Mic, a tha an uchd Athar, se dhʼ innis e.
19Agus se so teisteanas Eoin, nuair a chuir na h-Iudhaich bho Ierusalem sagairt agus leibhitich ga ionnsuidh a dhʼfhaighneachd dheth: Co thu?
20Us dhʼ aidich e, ʼs cha dʼ aicheadh e; us dhʼ aidich e: Cha mhise Criosta.
21Agus dhʼ fharraid iad dheth: Co thu ma ta? An tu Elias? Us thuirt e: Cha mhi. Am faidh thu? Us fhreagair e: Cha n-eadh.
22Thuirt iad uime sin ris: Co thu, los gun toir sinn freagairt dhaibh-san, a chuir sinn? Ciod a tha thu g-radh mu dʼ dheidhinn fhein?
23Thuirt e: Is mi guth neach a g-eigheach san fhasach: Dianaibh direach slighe an Tighearna, mar a thuirt am faidh Isaias.
24Agus bʼ ann dhe na Phairisich iadsan a chuireadh ga ionnsuidh.
25ʼS dhʼfharraid iad dheth, us thuirt iad ris: Car-son ma ta a tha thu a baisteadh, mur tu Criosta, no Elias, no faidh?
26Agus fhreagair Eoin iad, a g-radh: Tha mise baisteadh le uisge: ach tha aon ʼna sheasamh ʼnur miadhon, nach aithne dhuibh.
27Se so esan a tha ri tighinn am dheigh, aig a bheil toiseach orm: air nach airidh mise air barriall a bhroige fhuasgladh.
28Rinneadh na nichean so ann am Bethania, air taobh thall Iordain, far an robh Eoin a baisteadh.
29Air an ath latha chunnaic Eoin Iosa a tighinn ga ionnsuidh, us thuirt e: Seall uan De, seall esan a tha toirt air falbh peacadh an t-saoghail.
30Se so esan mun tuirt mi: Thig fear am dheigh aig a bheil toiseach orm: chionn bha e romham.
31ʼS cha bʼ aithne dhomh e: ach ʼsann los gum biodh e air fhoillseachadh ann an Israel a thainig mise a baisteadh le uisge.
32Agus thug Eoin fianuis, a g-radh: Chunnaic mi an Spiorad a tearnadh mar chalaman bho neamh, us dhʼfhan e air.
33Agus cha bʼ aithne dhomh e: ach esan a chuir mise a bhaisteadh le uisge, thuirt e rium: Esan air am faic thu an Spiorad a tearnadh ʼsa fantuinn air, se esan a bhaisteas leis an Spiorad Naomh.
34Agus chunnaic mise: ʼs tha mi toirt fianuis, gur e so Mac Dhe.
35A rithist air an ath latha sheas Eoin agus dithis dhe dheisciopuil.
36ʼSa faicinn Iosa coiseachd, thuirt e: Seall uan De.
37Agus chuala an dithis dheisciopul e a labhairt, us lean iad Iosa.
38Us Iosa a tionndadh ʼs gam faicinn ga leanail, thuirt e riu: Ciod a tha sibh a sireadh? Thuirt iad ris: A Rabbi (se sin air eadar-theangachadh, a mhaighistir), càite am beil thu fuireach?
39Thuirt e riu: Thigibh, agus faicibh. Thainig iad, ʼs chunnaic iad càite an robh e fuireach, agus dhʼ fhan iad maille ris an latha sin: oir bha e nis mun cuairt do ʼn deicheamh uair.
40Agus bʼ e Aindris brathair Shimoin Pheadair a h-aon de ʼn dithis, a chuala so bho Eoin, ʼsa lean e.
41Fhuair esan an toiseach a bhrathair Simon, us thuirt e ris: Fhuair sinn am Messias (se sin air eadar-theangachadh Criosta).
42Agus thug e gu Iosa e. Us Iosa a sealltuinn air, thuirt e: Is tusa Simon mac Iona: theirear Cephas riut, se sin air eadar-theangachadh, Peadar.
43Air an latha an deigh sin bʼ aill leis dol do Ghalile, us fhuair e Philip. Us thuirt Iosa ris: Lean mise.
44A nis bha Philip bho Bhethsaida, baile Aindris agus Pheadair.
45Fhuair Philip Nathanael, us thuirt e ris: Fhuair sinn esan mun do sgriobh Maois anns an lagh, agus na faidhean, Iosa mac Ioseph bho Nasareth.
46Us thuirt Nathanael ris: An urrainn do ni math air bith tighinn á Nasareth? Thuirt Philip ris: Thig, us faic.
47Chunnaic Iosa Nathanael a tighinn ga ionnsuidh, agus thuirt e mu dheidhinn: Seall fior Isralach, anns nach eil dad a dhʼ fhoill.
48Thuirt Nathanael ris: Ciamar is aithne dhut mi? Fhreagair Iosa, us thuirt e ris: Mun do ghairm Philip thu, nuair bha thu fo ʼn chrann-fhige, chunnaic mi thu.
49Fhreagair Nathanael, us thuirt e: A Rabbi, is tu Mac De, is tu righ Israil.
50Fhreagair Iosa us thuirt e ris: A chionn gun tuirt mi riut, chunnaic mi thu fo ʼn chrann-fhige, tha thu creidsinn: chi thu nichean nas mua na iad sin.
51Us thuirt e ris: Gu firinneach firinneach tha mi g-radh ribh, gum faic sibh neamh fosgailte, agus ainglean De a direadh ʼsa tearnadh air Mac an duine.

Currently Selected:

N. Eoin 1: MacETN

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in

YouVersion uses cookies to personalize your experience. By using our website, you accept our use of cookies as described in our Privacy Policy