YouVersion Logo
Search Icon

Ghalatia 3

3
III. CAIB.
Cha n-ann tromh ʼn lagh, ach tromh chreideamh, a gheobhar an Spiorad ʼs am beannachd, a ghealladh do Abraham.
1O mhuinntir Ghalatia gun chiall, co chuir buidseachd oirbh, nach striochd sibh do ʼn fhirinn, agus Iosa Criosta air fhiachuinn dhuibh mu choinneamh ur sul, air a cheusadh ʼnur measg?
2Is math leam so a mhain a thuigsinn bhuaibh: An ann bho oibrichean an lagha, no bho eisdeachd a chreidimh a fhuair sibh an Spiorad?
3Am beil sibh cho gorach, ʼs an deigh tòiseachadh leis an Spiorad, gun criochnaich sibh leis an fheoil?
4Na dhʼ fhuilig sibh nichean cho mor gu diomhain? ma se ʼs gur h-ann gu diomhain.
5Am beil esan ma ta, a tha toirt dhuibh an Spioraid, ʼsa dianamh mhiarailtean ʼnur measg, a dianamh so le oibrichean an lagha, no an ann le eisdeachd a chreidimh?
6Mar tha e sgriobhte: Chreid Abraham Dia, us mheasadh sin da gu ceartas.
7Tuigibh ma ta gur iadsan, a tha dhe ʼn chreideamh, is clann do dhʼ Abraham.
8Agus an Sgriobtur a faicinn roimh laimh gun naomhaicheadh Dia na cinnich le creideamh, thug e fios roimh laimh do dhʼ Abraham: Beannaichear na cinnich uile unnadsa.
9Uime sin bithidh iadsan, a tha dhe ʼn chreideamh, air am beannachadh maille ri Abraham, a chreid.
10Oir a mhiad ʼsa tha de dhʼ oibrichean an lagha, tha iad fo mhollachd. Oir tha e sgriobhte: Is mollaichte gach aon nach lean ris na nichean sin uile, a tha sgriobhte ann an leabhar an lagha, gus an dianamh.
11Ach nach naomhaichear an lathair Dhe duine air bith leis an lagh, is cuis shoilleir: a chionn gum beil an duine ceart beo tromh chreideamh.
12Ach cha n-ann bho chreideamh a tha an lagh, ach: Esan a ni iad sin, bithidh e beo unnta.
13Shaor Criosta sinn bho mhollachd an lagha le bhith ʼna mhollachd air ar son: oir tha e sgriobhte: Is mollaichte a h-uile h-aon a chrochar air crann:
14Los gun struthadh beannachd Abrahaim air na cinnich tromh Iosa Criosta, ʼs gum faigh sinne gealladh an Spioraid tromh chreideamh.
15A bhraithrean (mar dhuine tha mi ga radh), cha chuir aon sa bith tiomnadh daingnichte duine suarach, cha mhua chuireas e ris.
16Thugadh na gealltanasan do dhʼ Abraham agus dha shiol. Cha n-eil e g-radh: Dha shil, mar do mhoran, ach mar do h-aon: Agus dha dʼ shiol, se sin Criosta.
17A nis tha mi g-radh so, nach eil an lagh, a rinneadh an ceann ceithir chiad us deich bliadhna fichead, a bristeadh an tiomnaidh tha daingnichte le Dia, gus an gealltanas fhagail gun mhath.
18Oir ma ʼsann bho ʼn lagh a tha ʼn oighreachd, cha n-eil i a reir sin bho ʼn ghealltanas. Ach thug Dia i do dhʼ Abraham tromh ghealladh.
19Car-son ma ta an lagh? Thugadh e air son pheacannan gus an tigeadh an siol, dha ʼn tug e an gealladh, air orduchadh le ainglean an laimh eadar-mhiadhonair.
20A nis cha n-eil eadar-mhiadhonair air son aon: ach is aon Dia.
21An robh an lagh ma ta an aghaidh geallaidhnean Dhe? Fada bho sin. Oir nan tugteadh lagh seachad a bʼ urrainn beatha thoirt, gu deimhinn ʼsann bho ʼn lagh a bhiodh ceartas.
22Ach dhruid an Sgriobtur a h-uile ni fo ʼn pheacadh, los gum biodh an gealltanas tromh chreideamh Iosa Criosta air a thoirt do na creidich.
23Ach mun tainig creideamh, ghleidheadh sinn duinte fo ʼn lagh thun a chreidimh sin, a bha ri thaisbeanadh.
24Mar sin bʼ e an lagh ar ceann-iuil gu Criosta, los gum bi sinn air ar naomhachadh tromh chreideamh.
25Ach air tighinn do ʼn chreideamh, cha n-eil sinn nas fhaide fo cheann-iuil.
26Oir tha sibh uile ʼnur cloinn do Dhia tromh ʼn chreideamh, a tha ann an Iosa Criosta.
27Oir uibhir ʼsa bhaisteadh dhibh ann an Criosta, chuir sibh Criosta umaibh.
28Cha n-eil Iudhach no Greigeach: cha n-eil daor no saor: cha n-eil firionn no boirionn ann. Oir tha sibh uile ʼnur n-aon ann an Iosa Criosta.
29Agus ma ʼs le Criosta sibh, tha sibh le sin de shiol Abrahaim, ʼnur n-oighreachan a reir a ghealltanais.

Currently Selected:

Ghalatia 3: MacETN

Highlight

Copy

Compare

Share

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in