II. Chorint 11
11
XI. CAIB.
Is fheudar dha e fhein ʼsa shaothair a mholadh, eagal muinntir Chorint a bhith air am mealladh le ostail-bhreige.
1Gun tugadh Dia dhuibh cur suas ri neoni bheag dhe mʼ aimideachd, ach giulanaibh leam:
2Oir tha mi eudmhor umaibh le eud Dhe. Oir chuir mi ceangal-posaidh oirbh ri aon fhear, gus ur tairgse mar oigh fhior-ghlain do Chriosta.
3Ach tha eagal orm, ceart mar a mheall an nathair Eubha le a ceilg, gun truaillear ur n-inntinn-sa, agus gun tuit sibh bho ʼn aon-fhillteachd a thʼ ann an Criosta.
4Oir ma shearmonaicheas am fear a thig Criosta eile, nach do shearmonaich sinne, no ma gheobh sibh spiorad eile nach dʼ fhuair sibh, no soisgeul eile nach do ghlac sibh, is ceart gum fuiligeadh sibh e.
5Ach tha mi ʼm barail nach dʼ rinn mi a bheag nas lugha na na h-ostail mhora.
6Oir ged a tha mi mi-dheiseil ann an cainnt, cha n-eil mi sin ann an eolas: ach anns a h-uile ni rinneadh sinn follaiseach dhuibhse.
7No an dʼ rinn mi coire, gam isleachadh fhein, gu sibhse ardachadh? chionn gun do theagaisg mi soisgeul De dhuibh a nasgaidh?
8Chreach mi eaglaisean eile, a gabhail duaise bhuapa gu frithealadh dhuibhse.
9ʼS nuair a bha mi ʼnur measgsa, ʼs mi an uireasuidh, cha robh mi na mʼ eallach air duine: oir rinn na braithrean, a thainig bho Mhacedonia suas na bha a dhith orm, us anns gach ni ghleidh mi mi fhein bho bhith na mʼ chudthrom oirbh, agus gleidhidh.
10Mar tha firinn Chriosta unnam, cha bhacar an uaill so leamsa ann an duchannan Achaia.
11Car-son? An e nach toigh leam sibh? Tha fios aig Dia.
12Ach na tha mi dianamh, ni mi, gu fàth na feadhnach a tha g-iarraidh cion-fàth a chasgadh, los gum faighear iad, anns an ni as a bheil iad a dianamh uaille, coltach ruinne.
13Oir tha ʼn leithidean sin de dhʼ ostail-bhreige ʼnan luchd-oibre cealgach, a gabhail orra fhein riochd ostail Chriosta.
14Agus cha n-ioghnadh: ʼs gum beil satan ga chur fhein an riochd aingeal soluis.
15Uime sin cha mhor e, gun gabh a sheirbhisich orra coltas luchd-frithealaidh a cheartais: ach bithidh an crioch a reir an oibrichean.
16Theiream a rithist (na saoileadh aon sa bith mi bhith aimideach, air-neo gabhaibh rium mar aimideach, los gun dian mise cuideachd beagan uaille):
17Na tha mi labhairt, cha n-eil mi ga labhairt a reir Dhe, ach mar gum bʼ eadh ann an aimideachd, a thaobh cuis na h-uaille so.
18Chionn tha moran dianamh uaille a reir na feola, ni agus mise cuideachd.
19Oir fuiligidh sibh amadain gu deonach, le sibh fhein a bhith glic.
20Oir giulainidh sibh ma bheir neach am braighdeanas sibh, ma dhʼ ichear suas sibh, ma ghabhar ur cuid, ma dhʼ ardaichear neach, ma bheir neach buille dhuibh san aodann.
21Tha mi labhairt a reir as-onair, mar gum bithemid lag sa chàs so. Far a bheil aon sa bith dana (tha mi labhairt gu h-amaideach) tha mise dana cuideachd:
22Is Eabhraich iad, is amhuil mise; às Isralaich iad, is amhuil mise; ʼsann de shliochd Abrahaim iad, is amhuil sin mise;
23Is luchd-frithealaidh Chriosta iad, (tha mi labhairt mar dhuine air bheag ceille) is mua na sin mise: ann am moran shaothraichean, nas tric am priosanan, an sgiursaidhean fos cionn tomhais, am bàsaibh gu minic.
24Dhʼ fhuilig mi bho na h-Iudhaich coig uairean dà-fhichead strachd, ach a h-aon.
25Tri chuairt sgiursadh mi le slatan, aon uair chlachadh mi, tri uairean bhristeadh an long orm, oidhche agus latha bha mi an doimhne na mara,
26Air turusan gu tric, an cunnartan aibhnichean, an cunnartan mheirleach, an cunnartan bho mo chinneadh fhein, an cunnartan bho na cinnich, an cunnartan sa bhaile, an cunnartan san fhasach, an cunnartan air muir, an cunnartan bho bhraithrean foilleil;
27An saothair ʼs an trioblaid, am moran faire, an acras ʼs am pathadh, an traisg gu tric, am fuachd ʼs an lomnochd;
28A bharrachd air na nichean so a tha an leth-mach, mʼ iomaguin lathail, curam nan eaglaisean uile.
29Co tha lag, gun mise a dhʼ fhas lag? Co tha faotuinn sgainneil, ʼs nach eil mise gam losgadh?
30Ma ʼs fheudar dhomh uaill a dhianamh; ni mi uaill a thaobh nan nichean a bhuineas dha mʼ laigse.
31Tha fios aig Dia ʼs aig Athair ar Tighearna Iosa Criosta, a tha beannaichte gu siorruidh, nach eil mi ri briagan.
32Aig Damascus chuir uachdran cinneadh righ Areta freiceadan air baile muinntir Dhamascuis, gus mo ghlacadh;
33Agus tromh uinneig leigeadh sios mi leis a bhalla ann an cliabh, ʼs mar sin thàr mi as a lamhan.
Currently Selected:
II. Chorint 11: MacETN
Highlight
Copy
Compare
Share
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Scottish Bible Society 2017
© Comann Bhìoball na h-Alba 2017