Ecclesiasticus 26
26
CAIB. XXVI.
1Is beannaichte an duine sin aig am bheil bean shubhailceach; oir bithidh àireamh nan làithean aige dà‑fhillte.
2Tha bean shubhailceach ʼna h‑aoibhneas dʼ a fear‑pòsda fein, agus coimhlionaidh e bliadhnan a bheatha ann an sìth.
3Is deagh chuibhrionn bean mhaith, a bheirear nan cuid dhoibh‑san air am bheil eagal an Tighearna.
4Cia achd tha duine beartach na bochd, ma tha cridhe maith aige thaobh an Tighearna, nì e gàirdeachas an còmhnuidh le gnùis aoibhnich.
5Tha trì nithe ann air son am bheil mo chridhe fo eagal, agus air son aʼ cheithreamh nì bha mòr uamhann orm; tuaileas baile, cruinneachadh mòr‑chuideachd aimhreitich rʼ a chéile, agus casaid bhréige: tha iad sin uile ni ʼs miosa ʼnam bàs.
6Ach is bròn cridhe agus àmhghair boirionnach a ta ʼg èudach a thaobh boirionnaich eile, agus plàigh na teanga a chuirear an céill do na h‑uile.
7Tha droch bhean ʼna cuing a luaisgear a null ʼsa nall; tha esan aig am bheil gréim oirre, mar neach aig am bheil gréim air scorpion.
8Tha bean mhisgeach, agus a bhios dol o àit gu àite, aʼ dùsgadh mòr‑chorruich, agus cha chòmhdaich i a nàire fein.
9Fanaichear strìopachas boirionnaich ʼna sealladh àrd, agus ann an rosgaibh nan sùl aice.
10Ma tha do nighean gun nàire, cùm gu teann a steach i, air eagal gu ʼm mill i i fein le barrachd saorsa.
11Dean faire os ceann na sùla dàna; agus na biodh iongantas ort ged a chiontaicheas i ʼnadʼ aghaidh.
12Fosglaidh i a beul, mar fhear‑turais tartmhor, an uair a thachair tobar air, agus òlaidh si as gach uisge ʼna fochair: ri taobh gach callaid suidhidh i sìos, agus do gach saighead fosglaidh i a dòrlach.
13Tha deagh ghiùlan mnà ʼna aoibhneas dʼ a companach, agus cuiridh a crìonnachd saill air a chnàmhaibh.
14Tha boirionnach tosdach agus gràdhach ʼna tiodhlac o ʼn Tighearna; agus cha ʼn ʼeil nì co luachmhor ann na inntinn air a deagh theagasg.
15Tha bean dhìleas agus nàrach ʼna gràs dà‑fhillte, agus tha ʼn inntinn stuama aice os ceann luach.
16Mar aʼ ghrian an uair a dhʼ éireas i ann an àirde nèimhe; mar sin tha maise na deagh mhnà ann an riaghladh a tighe.
17Mar an solus soilleir anns aʼ choinnleir naomha; mar sin tha maise na gnùise ann an aois abuich.
18Mar a ta na puist òir anns na socaibh airgid; mar sin tha na cosan àluinn le cridhe seasmhach.
19A mhic, gléidh blàth na h‑aois agad fallain; agus na tabhair do neart do choigrich.
20An uair a gheibh thu sealbh thorail air feadh an fhearainn air fad, cuir e ledʼ shìol fein, ag earbsadh ri maitheas do stuice.
21Mar sin bithidh do shliochd a dhʼ fhàgas tu air am meudachadh, air doibh dòchas a bhi aca ʼnan deagh bhreith.
22Measar strìopach mar smugaid; ach tha bean‑phòsda mar dhaingneach an aghaidh a bhàis dʼ a companach fein.
23Tha droch bhoirionnach air a toirt mar chuibhrionn do dhroch dhuine; ach tha boirionnach diadhaidh air a toirt do ʼn tì sin air am bheil eagal an Tighearna.
24Ni boirionnach eas‑ionraic tàir air nàire: ach cuiridh bean ionraic urram air a fear.
25Measar bean gun nàire mar chù: ach bithidh eagal an Tighearna oirre‑se a ta gnùis‑nàireach.
26Measar am boirionnach sin glic a ʼm measg nan uile a ta ʼcur urraim air a companach; ach measar ise a ta ʼcur eas‑urraim air ʼna h‑uaill fein an‑diadhaidh am measg nan uile.
27Rannsaichear a mach boirionnach àrd‑ghuthach agus càineach chum na nàimhdean fhògradh air falbh.
28Tha dà nì ann a ta ʼcur bròin air mo chridhe, agus cuiridh an treas nì corruich orm; Fear‑cogaidh aʼ fulang bochdainn; agus daoine aig am bheil tuigse nach ʼeil air an leantuinn; agus neach a philleas o fhìreantachd chum aʼ pheacaidh; tha ʼn Tighearna ag ullachadh a leithid sin do neach air son aʼ chlaidheimh.
29Is ann air éigin a chumas ceannaiche e fein o mhearachd; agus cha saorar fear‑paca#26.29 fear‑paca ‑ fear‑pacaireachd, ceannaiche‑siubhail ‑ pedlar, hawker o ʼn pheacadh.
Currently Selected:
Ecclesiasticus 26: MacGAP
Highlight
Copy
Compare
Share
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Scottish Bible Society 2017
© Comann Bhìoball na h-Alba 2017