Ecclesiasticus 21
21
CAIB. XXI.
1A mhic, an do pheacaich thu? na dean tuilleadh e, ach iarr maitheanas air son do pheacanna roimh so.
2Teich o ʼn pheacadh mar o ghnùis nathrach; oir ma thig thu tuilleadh ʼs fagus da, teumaidh e thu; tha na fiaclan aige mar fhiacla leòmhain, aʼ marbhadh anam dhaoine.
3Tha gach aingidheachd mar chlaidheamh dà‑fhaobhair, aig am bheil leònta nach gabh leigheas.
4Caithidh a bhi ʼcur eagail, agus a bhi ʼdeanamh an uilc, saibhreas: mar so bithidh tigh dhaoine uaibhreach air fhàsachadh.
5Ruigidh ùrnuigh á beul an duine bhochd air cluasaibh Dhé, agus thig a bhreitheanas gu h‑ealamh.
6Tha esan aig am bheil fuath do chronachadh ann an slighe pheacach: ach nì esan air am bheil eagal an Tighearna aithreachas o ʼchridhe.
7Fainichear duine deas‑chainnteach am fad ʼsam fagus; ach tha fios aig duine na tuigse cuin a shleamhnaicheas e.
8Tha esan a thogas a thigh le h‑airgiod dhaoine eile cosmhuil ri aon a ta ʼtional chlach dha fein air son uaigh an adhlaic aige.
9Tha co‑chruinneachadh nan aingidh cosmhuil ri h‑asgart air a phasgadh rʼ a chéile; agus is i an crìoch lasair theine chum an sgrios.
10Tha slighe pheacach air a deanamh réidh le clochaibh; ach aig a crìche tha slochd ifrinn.
11Gheibh esan a ghléidheas lagh an Tighearna tuigse an lagha; agus is gliocas iomlanachd eagail an Tighearna.
12Cha teagaisear esan nach ʼeil glice; ach tha gliocas ann a chuireas searbhadas ann an lìonmhorachd.
13Bithidh eòlas duine glice ann am meud mar thuil; agus tha a chomhairle mar thobar fìor‑ghlan beatha.
14Tha na h‑earrainnean a stigh aig amadan cosmhuil ri soitheach briste, agus cha ghléidh e eòlas sam bith am feadh is beò e.
15Ma chluinneas duine innleachdach focal glice, molaidh se e, agus co‑chuiridh e ris: ach co luath ʼsa chluinneas duine gun tuigse e, mì‑thoilichidh se e, agus tilgidh se air a chùlaobh e.
16Tha còmhradh amadain mar uallach air an t‑slighe; ach gheibhear gràs ann am bilibh nan daoine glice.
17Tha iad aʼ geur‑fhiosrachadh o bheul an duine ghlice ʼsa choimhthional; agus beachd‑smuainichidh iad air a bhriathraibh ʼnan cridhe.
18Mar thigh a ta air a mhilleadh, mar sin tha gliocas do dhʼ amadan; agus tha eòlas nan neo‑ghlice mar chòmhradh gun seadh.
19Tha teagasg do na h‑amadanaibh mar chuibhrichean air na cosaibh, agus mar cheanglaichean air an làimh dheise.
20Togaidh amadan suas a ghuth le gàire; ach is ann air éigin a nì duine glice fèith‑ghàire.
21Tha foghlum do dhuine glice mar nì maiseach do ʼn òr, agus mar làmh‑fhaile air a ghàirdean dheise.
22Tha cos an duine amaidich gu luath ann an tigh a (choimhearsnaich): ach tha nàir air duine aig am bheil cleachd air a shon.
23Bithidh amadan ri dìdeagaich a stigh do ʼn tigh air an dorus: ach seasaidh an tì a ta gu ceart air ʼàrachadh an taobh a muigh.
24Is mì‑mhodh do dhuine a bhi ʼg éisdeachd aig an dorus; ach cuiridh am masladh bròn air an duine ghlice.
25Cuiridh bilean luchd‑labhairt an céill nithe nach buin doibh: ach tha briathra na muinntir aig am bheil tuigse air an tomhas air a mheigh.
26Tha cridhe nan amadan ʼnam beul: ach tha beul nan daoine glice ʼnan cridhe.
27An uair a mhallaicheas an duine mì‑dhiadhaidh Sàtan, tha e ʼmallachadh anama fein.
28Tha fear na cogarsaich aʼ truailleadh anama fein, agus bheirear fuath dha ge bʼ e àit san gabh e còmhnuidh.
Currently Selected:
Ecclesiasticus 21: MacGAP
Highlight
Copy
Compare
Share
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Scottish Bible Society 2017
© Comann Bhìoball na h-Alba 2017