YouVersion Logo
Search Icon

I. Esdras 6

6
CAIB. VI.
1A nis, ann an dara bliadhna do rìoghachadh Dhariuis, rinn Aggeus, agus Sacharias mac Addo, na fàidhean, fàidheadaireachd do na h‑Iudhaich ann an Iudea agus Ierusalem, ann an ainm Thighearna Dhé Israeil, a bha maille riù.
2An sin dhʼ éirich Sorobabel mac Shalatieil, agus Iesus mac Iosedeic, agus thòisich iad air tigh an Tighearna a thogail a tha ann an Ierusalem: agus maille riù‑san bha fàidhean Dhé aʼ cuideachadh leò.
3Anns an àm sin fein thàinig dʼ an ionnsuidh Sisinnes uachdaran Shiria agus Phenice, maille ri Sathrabusanes agus a chompanaich, agus thubhairt iad riù,
4Cò a thug òrdugh dhuibhse an tigh so, agus am mullach so a thogail, agus gach nì eile a dheanamh? agus cò iad an luchd‑oibre a ta ʼdeanamh nan nithe so?
5Uime sin fhuair seanairean nan Iudhach deagh‑ghean, do bhrìgh gun dʼ fhiosraich an Tighearna am bràighdeanas;
6Agus cha do bhacadh iad o thogail, gus an dʼ rinneadh aithnichte do Dharius mu ʼn timchioll, agus gus an dʼ fhuaradh freagradh.
7Is e so dùblachadh nan litrichean a sgrìobh Sisinnes, uachdaran Shiria agus Phenice, agus Sathrabusanes, le ʼn cuideachd, riaghlairean ann an Siria agus Phenice, agus a chuir iad gu Darius; Do ʼn rìgh Darius, beatha agus slàinte:
8Biodh na h‑uile nithe air an deanamh aithnichte dʼ ar tighearn an rìgh, air dhuinn teachd gu tìr Iudea, agus dol a stigh do bhaile Ierusalem, fhuair sinn ann am baile Ierusalem seanairean nan Iudhach a bhuineadh do ʼn bhràighdeanas,
9Aʼ togail tighe do ʼn Tighearna, mòr agus nuadh, do chlachaibh snaighte agus luachmhor, agus am fiodh a cheana leagta air na ballachaibh.
10Agus tha na h‑oibre sin air an deanamh le mòr chabhaig, agus tha ʼn obair aʼ dol air a h‑aghaidh le soirbheas ʼnan làmhaibh, agus leis gach glòir agus dìchioll tha i ʼga deanamh.
11An sin, dhʼ fhiosraich sinn de na seanairibh sin, ag ràdh, Cò a thug òrdugh dhuibhse an tigh so thogail? agus bunaite nan oibre so a leagadh?
12Uime sin, le rùn gu ʼn tugamaid fiosrachadh dhuit le sgrìobhadh, dhʼ fheòraich sinn diubh cò iad an luchd‑deanamh àraidh, agus dhʼ iarr sinn orra ainmean nam prìomh‑dhaoine aca ann an sgrìobhadh.
13Mar sin thug iad dhuinn am freagradh so, Is sinn seirbhisich an Tighearna a rinn nèamh agus talamh.
14Agus a thaobh an tighe so, thogadh e o cheann iomadh bliadhna le rìgh air Israel a bha mòr agus cumhachdach, agus chrìochnuicheadh e,
15Ach an uair a bhrosnaich ar n‑aithriche Dia gu corruich, agus a pheacaich iad an aghaidh Thighearna Israeil, a ta air nèamh, thug e thairis iad do chumhachd Nabuchodonosoir rìgh Bhabiloin, nan Caldéach:
16A leag sìos an tigh, agus a loisg e, agus a ghiùlan an sluagh air falbh ʼnam bràighdibh do Bhabilon.
17Ach aʼ cheud bliadhna anns an do rìoghaich rìgh Cìrus thar duthaich Bhabiloin, sgrìobh Cìrus an rìgh chum an tigh so a thogail.
18Agus na soithichean naomha òir agus airgid, a thug Nebuchadonosor air falbh as an tigh aig Ierusalem, agus a chuir se ʼna theampull fein, iad sin thug Cìrus an rìgh a mach a rìs as an teampull ann am Babilon, agus thugadh iad do Shorobabel, agus do Shanabassarus an riaghlair,
19Le h‑òrdugh gu ʼn giùlaineadh se air falbh na soithichean ceudna, agus gun cuireadh se iad ʼsan teampull ann an Ierusalem; agus gu ʼn rachadh teampull an Tighearna a thogail ʼna àite fein.
20An sin air do ʼn t‑Sanabassarus ceudna teachd an so, leag e bunaite tighe an Tighearna ann an Ierusalem, agus air da a bhi ʼga thogail, o ʼn àm sin gu so, cha ʼn ʼeil e fathast gu buileach deas.
21A nis uime sin, ma ʼs i toil an rìgh e, rachadh rannsachadh a dheanamh ann an leabhraichibh‑eachdraidh rìgh Cìruis;
22Agus ma gheibhear a mach gun do thogadh tigh an Tighearna ann an Ierusalem le aontachadh rìgh Cìruis, agus ma ʼs i so toil an rìgh ar tighearna, leigeadh e ris e dhuinne.
23An sin dhʼ àithn rìgh Darius rannsachadh a dheanamh anns na leabhraichibh‑eachdraidh ann am Babilon: agus mar so fhuaradh ann an Ecbatana an lùchairt, a ta ann an tìr Mhedia, clàr anns an robh na nithe so air an sgrìobhadh:
24Anns a cheud bliadhna do rìoghachadh Chìruis, thug Cìrus an rìgh òrdugh seachad, gu ʼm biodh tigh an Tighearna ann an Ierusalem air a thogail a rìs; an t‑àit anns am bheil iad ag ìobradh le teine bithbhuan;
25ʼAirde, trì fichead làmh‑choille, agus a leud, trì fichead làmh‑choille, le trì sreathaibh do chlachaibh snaighte, agus aon sreath do fhiodh ùr na tìre sin; agus luasaichear#6.25 luasaichear ceadaichear ‑ allow, permit, confer an costus á tigh Chìruis an rìgh:
26Agus mar an ceudna gun aisigear soithichean naomha tighe an Tighearna, araon do ʼn òr agus do ʼn airgiod, a thug Nabuchodonosor as an tigh ann an Ierusalem, agus a thug e do Bhabilon, air an ais a rìs do ʼn tigh a ta ann an Ierusalem, agus gun suidhichear iad ʼsan àite far an robh iad roimhe.
27Agus thug e òrdugh mar an ceudna gu ʼm biodh Sisinnes, uachdaran Shiria agus Phenice, agus Sathrabusanes, agus an cuideachd, agus iadsan a rinneadh ʼnan riaghlairibh ann an Siria agus Phenice, cùramach gun bheanachd#6.27 bheanachd bheantainn ‑ touch (not blessing) ris an àite, ach gun ceaduicheadh iad do Shorobabel, seirbhiseach an Tighearna, agus uachdaran Iudea, agus do sheanairibh nan Iudhach, tigh an Tighearna a thogail ʼsan àite sin.
28Dhʼ òrduich mi mar an ceudna e a bhi air a thogail gu h‑iomlan a rìs; agus iad a shealltuinn le cùram gun dean iad cuideachadh leò‑san a bhuineas do bhràighdeanas nan Iudhach, gus an crìochnaichear tigh an Tighearna:
29Agus gun toirear le cùram, á cìs Chelosiria agus Phenice, earrann do na daoinibh sin air son ìobairtean an Tighearna, ʼse sin, do Shorobabel an t‑uachdaran, araon tàirbh òga, agus reitheachan, agus uain;
30Agus mar an ceudna, cruithneachd, salann, fìon, agus oladh, agus sin do ghnàth gach bliadhna gun teagamh idir, a réir mar a their na sagartan ann an Ierusalem a chosdair gach là:
31Chum tabhartais a bhi air an toirt do ʼn Dia a ʼs àirde, air son an rìgh, agus air son a chloinne, agus gun dean iad ùrnuigh air son am beatha.
32Agus thug e seachad òrdugh, ge bʼ e neach a chiontaicheas, seadh, na chuireas ann an suarachas nì sam bith a labhradh no sgrìobhadh roimh, gun gabhar craobh as a thigh fein, agus gu ʼn crochar air e, agus gu ʼn deanar gréim air a chuid gu léir air son an rìgh.
33Agus an Tighearna uime sin, aig am bheil ainm fein air a ghairmeadh an sin, gu ʼn sgriosadh esan gu h‑iomlan gach rìgh agus cinneach, a shìneas a mach a làmh a chumail air ais, no a mhilleadh tighe an Tighearna ann an Ierusalem.
34Thug mise Darius an rìgh òrdugh seachad, a chum, a réir nan nithe sin, gun deanar gu luath e.

Currently Selected:

I. Esdras 6: MacGAP

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in

YouVersion uses cookies to personalize your experience. By using our website, you accept our use of cookies as described in our Privacy Policy