YouVersion Logo
Search Icon

Gnàth‐fhacal 2:1-5

Gnàth‐fhacal 2:1-5 ABIG

A mhic, ma ghabhas tu mo bhriathran‐sa, agus ma dh’fhalaicheas tu m’àitheantan maille riut; Air chor is gun aom thu do chluas ri gliocas, gun leag thu do chridhe air tuigse: Seadh, ri eòlas ma dh’èigheas tu, ri tuigse ma thogas tu suas do ghuth; Ma dh’iarras tu i mar airgead, agus ma rannsaicheas tu air a son, mar airson ionmhasan falaichte; An sin tuigidh tu eagal an Tighearna, agus gheibh thu eòlas Dhè

Free Reading Plans and Devotionals related to Gnàth‐fhacal 2:1-5