YouVersion Logo
Search Icon

Mata 9

9
1 An dèidh do Chrìosd neach air an robh am pairilis a leigheas, 9 ghairm e Mata o bhòrd na cìse; 10 dh’ith e maille ri cìs‐mhaoir agus ri peacaich; 20 shlànaich e bean air an robh dòrtadh fala; 32 agus duine balbh anns an robh deamhan.
1Agus air dol ann an luing dha, chaidh e thar an uisge, agus thàinig e da bhaile fhèin#Mat 4:13.
2Agus, feuch, thug iad da ionnsaigh duine air an robh a’ phairilis#Marc 2:3‐12; Lùc 5:18‐26, na laighe air leabaidh: agus nuair a chunnaic Iosa an creideamh, thubhairt e ri fear na pairilis, Biodh deagh mhisneach agad, a mhic#Marc 5:34, tha do pheacaidhean air am maitheadh dhut.
3Agus, feuch, thubhairt dream àraidh de na sgrìobhaichean annta fhèin, Tha am fear seo a’ labhairt toibheim.
4Agus air do Iosa an smuaintean fhaicinn, thubhairt e, Carson a tha sibh a’ smaoineachadh uilc nur cridheachan?
5Oir cia as fhasa a ràdh, Tha do pheacaidhean air am maitheadh dhut, no a ràdh, Eirich agus imich?
6Ach a‑chum gum bi fhios agaibh gu bheil cumhachd aig Mac an Duine peacaidhean a mhaitheadh air an talamh (thubhairt e an sin ri fear na pairilis), Eirich, tog do leabaidh, agus imich dod thaigh.
7Agus dh’èirich e, agus chaidh e da thaigh fhèin.
8Ach nuair a chunnaic am poball seo, ghabh iad iongantas, agus thug iad glòir do Dhia#Gnìo 4:21; Gal 1:24, a thug a leithid seo de chumhachd do dhaoine.
9Agus a’ dol do Iosa as an àite sin, chunnaic e duine na shuidhe aig bòrd na cìse#Marc 2:14; Lùc 5:27, etc., dom b’ainm Mata; agus thubhairt e ris, Lean mise. Agus dh’èirich e, agus lean e e.
10Agus thàrladh, air suidhe do Iosa aig biadh anns an taigh, feuch, thàinig mòran chìs‐mhaor agus pheacach, agus shuidh iad sìos maille ris‐san agus ra dheisciobail.
11Agus nuair a chunnaic na Pharasaich seo, thubhairt iad ra dheisciobail, Carson a dh’itheas ur Maighistir‐se maille ri cìs‐mhaoir agus ri peacaich#Mat 11:19; Lùc 15:2; Eabh 5:2?
12Ach nuair a chuala Iosa seo, thubhairt e riu, Chan ann aig a’ mhuinntir a tha slàn a tha feum air an lèigh, ach aig a’ mhuinntir a tha easlan.
13Ach imichibh agus fòghlamaibh ciod as ciall dha seo, Tròcair is àill leam, agus chan ìobairt#Mat 12:7; Gnà 21:3; Hos 6:6; Mic 6:6‐8: oir cha tàinig mise a ghairm nam fìreanach, ach nam peacach a‑chum aithreachais#Lùc 24:27; Gnìo 5:37; 2 Pead 3:9.
14An sin thàinig deisciobail Eòin da ionnsaigh, ag ràdh, Carson a tha sinne agus na Pharasaich a’ trasgadh gu minig, agus nach eil do dheisciobail‐sa a’ trasgadh?
15Agus thubhairt Iosa riu, Am faod clann seòmar an fhir‐nuadh‐phòsda a bhith brònach, am feadh a bhios am fear‐nuadh‐pòsda maille riu#Mat 25:1‐10; Eòin 3:29? Ach thig na làithean anns an toirear am fear‐nuadh‐pòsda uapa, agus an sin nì iad trasgadh#Isa 22:12; Lùc 24:13‐21.
16Cha chuir duine sam bith mìr de aodach nuadh air seann aodach: oir buinidh an nì a chuireadh ga lìonadh suas as an aodach, agus nìthear an reubadh nas miosa.
17Cha mhò a chuireas daoine fìon nuadh ann an seann searragan: no brisear na searragan#Iob 32:19, agus dòirtear am fìon, agus caillear na searragan: ach cuiridh iad fìon nuadh ann an searragan nuadha, agus bidh iad araon tèarainte.
18Nuair a bha e a’ labhairt nan nithean seo riu#Marc 5:22; Lùc 8:41, etc., feuch, thàinig uachdaran àraidh, agus thug e adhradh dha, ag ràdh, Fhuair mo nighean bàs air ball: ach thig‐sa, agus cuir do làmh oirre, agus bidh i beò.
19Agus dh’èirich Iosa, agus lean e fhèin agus a dheisciobail e.
20(Agus, feuch, thàinig bean#Marc 5:25; Lùc 8:43, air an robh dòrtadh fala rè dà‑bhliadhna‐dheug, air a chùlaibh, agus bhean i ri iomall a aodaich:
21Oir thubhairt i innte fhèin, Ma bheanas mi ach ra aodach#Gnìo 19:12, bidh mi slàn.
22Ach air tionndadh do Iosa mun cuairt, chunnaic e i, agus thubhairt e, A nighean, biodh deagh mhisneach agad; shlànaich do chreideamh thu#Lùc 7:50; 18:42; Gnìo 14:9. Agus bha a’ bhean slàn on uair sin.)
23Agus nuair a thàinig Iosa gu taigh an uachdarain, agus a chunnaic e an luchd‐ciùil, agus a’ chuideachd a’ dèanamh toirm bhròin#2 Each 35:25,
24Thubhairt e riu, Imichibh romhaibh, oir chan eil an nìonag marbh ach na cadal#Gnìo 20:10. Agus rinn iad gàire fochaid ris.
25Ach nuair a chuireadh a’ chuideachd a‑mach#2 Rìgh 4:33, etc.; Marc 5:34, chaidh e a‑steach, agus rug e air làimh oirre, agus dh’èirich an nìonag.
26Agus chaidh iomradh sin a‑mach air feadh na tìre sin uile.
27Agus nuair a dh’imich Iosa as a sin, lean dithis dhall e#Mat 20:30‐34, ag èigheach, agus ag ràdh, A Mhic Dhaibhidh#Mat 15:22; Marc 10:47, 48; Lùc 18:38, 39, dèan tròcair oirnne.
28Agus nuair a thàinig e a‑steach don taigh, thàinig na doill da ionnsaigh: agus thubhairt Iosa riu, A bheil sibh a’ creidsinn gur comasach mise air seo a dhèanamh? Thubhairt iad ris, Tha, a Thighearna.
29An sin bhean e rin sùilean, ag ràdh, Biodh e dhuibh a rèir ur creidimh.
30Agus dh’fhosgladh an sùilean, agus bhagair Iosa gu geur iad, ag ràdh, Faicibh nach faigh neach air bith fios air seo#Mat 12:16; Isa 42:2; 52:13.
31Ach nuair a dh’imich iad a‑mach, sgaoil iad a chliù air feadh na dùthcha sin uile.
32Agus a’ dol dhaibhsan a‑mach, feuch, thug iad da ionnsaigh duine balbh anns an robh deamhan#Mat 12:22; Lùc 11:14.
33Agus an dèidh don deamhan a bhith air a thilgeadh a‑mach, labhair am balbhan#Isa 35:6: agus ghabh an sluagh iongantas, ag ràdh, Chan fhacas a leithid seo ann an Israel riamh.
34Ach thubhairt na Pharasaich, Tro phrionnsa nan deamhan tha e a’ tilgeadh a‑mach dheamhan#Mat 12:24; Marc 3:22; Lùc 11:15.
35Agus ghabh Iosa mun cuairt nan uile chathraichean#9:35 bhailtean mòra agus beaga. agus bhailtean#Mat 4:23, a’ teagasg nan sionagogan, agus a’ searmonachadh soisgeul na rìoghachd, agus a’ slànachadh gach uile easlaint agus eucail am measg a’ phobaill.
36Ach nuair a chunnaic e an sluagh, ghabh e truas dhiubh, airson gu robh iad air fannachadh, agus air an sgapadh o chèile, mar chaoraich aig nach eil buachaille#Àir 27:17; 1 Rìgh 22:17; Esec 34:5; Sech 10:2.
37An sin thubhairt e ra dheisciobail, Gu deimhinn is mòr am fogharadh#Lùc 10:2; Eòin 4:35, ach is tearc an luchd‐obrach.
38Uime sin, guidhibh‐se air Tighearna an fhogharaidh, luchd‐obrach a chur a‑mach a‑chum a fhogharaidh fhèin#Salm 68:11.

Currently Selected:

Mata 9: ABIG

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in

YouVersion uses cookies to personalize your experience. By using our website, you accept our use of cookies as described in our Privacy Policy