Mata 3
3
1 Teagasg, dreuchd, agus caitheamh‐beatha Eòin Baistidh. 7 Thug e achmhasan do na Pharasaich. 13 Bhaist e Crìosd ann an uisge Iòrdain.
1Agus anns na làithean sin thàinig Eòin Baistidh#Lùc 3:2; Eòin 1:6, a’ searmonachadh ann am fàsach Iudèa,
2Agus ag ràdh, Gabhaibh aithreachas: oir tha rìoghachd nèimh am fagas#Mat 5:3; 11:11, 12; Daniel 2:44; Lùc 10:9‐11.
3Oir is e seo an tì ud mun do labhair Esaias am fàidh#Isa 40:3, ag ràdh, Guth an tì a ghlaodhas anns an fhàsach, Ullaichibh slighe an Tighearna, dèanaibh a cheuman dìreach.
4Agus bha a’ chulaidh aig Eòin de fhionnadh chàmhal#Mat 11:8; 2 Rìgh 1:8, agus crios leathair aige timcheall a leasraidh; agus is e bu bhiadh dha lòcaist agus mil fhiadhaich#Lebh 11:22.
5Chaidh Ierusalem a‑mach da ionnsaigh an sin agus Iudèa uile, agus luchd‐àiteachaidh na dùthcha timcheall Iòrdain uile,
6Agus bhaisteadh iad leis‐san ann an Iòrdan, ag aideachadh am peacaidhean#Gnìo 1:5; 2:38; 19:4, 5, 18.
7Ach nuair a chunnaic e mòran de na Pharasaich agus de na Sadusaich a’ teachd a‑chum a bhaistidh‐san, thubhairt e riu, A shìol nan nathraichean nimhe#Mat 12:34; 23:33; Isa 59:5; Lùc 3:7, cò a thug rabhadh dhuibhse teicheadh on fheirg a tha ri teachd#Ier 51:6; Ròm 1:18?
8Air an adhbhar sin, thugaibh a‑mach toradh iomchaidh don aithreachas.
9Agus na smaoinichibh a ràdh annaibh fhèin, Tha Abrahàm na athair againn: oir tha mi ag ràdh ribh gur comasach Dia air clann a thogail suas do Abrahàm de na clachan sin.
10Agus a‑nis tha an tuagh air a cur ri freumh nan crann: air an adhbhar sin, ge bè crann nach toir a‑mach toradh math, gearrar sìos e, agus tilgear anns an teine e.
11Gu deimhinn tha mise gur baisteadh le uisge#Lùc 3:16; Gnìo 19:4 a‑chum aithreachais; ach an tì a thig am dhèidh, is cumhachdaiche e na mi, agus chan airidh mise air a bhrògan a ghiùlan: baistidh esan sibh leis an Spiorad Naomh#Gnìo 1:5; 2:2‐4 agus le teine:
12Aig a bheil a’ ghuit na làimh, agus glanaidh e gu ro‑bhuileach a ùrlar‐bualaidh#Mal 3:2, 3, agus cruinnichidh e a chruithneachd da thaigh‐tasgaidh; ach loisgidh e am moll le teine nach faodar a mhùchadh#Salm 1:4; Mal 4:1; Marc 9:44.
13An sin thàinig Iosa o Ghalile gu Iòrdan a dh’ionnsaigh Eòin, a‑chum gum biodh e air a bhaisteadh leis#Marc 1:9; Lùc 3:21.
14Ach bhac Eòin e, ag ràdh, Tha feum agamsa a bhith air mo bhaisteadh leatsa, agus a bheil thusa a’ teachd am ionnsaigh‐sa?
15Agus fhreagair Iosa agus thubhairt e ris, Leig don chùis a bhith mar seo a‑nis: oir mar seo is iomchaidh dhuinn gach uile fhìreantachd a choileanadh. An sin dh’fhuiling e dha.
16Agus nuair a bhaisteadh Iosa, chaidh e air ball suas as an uisge; agus, feuch, dh’fhosgladh nèamh dha, agus chunnaic e Spiorad Dhè a’ tùirling mar chalaman#Isa 11:2; 42:1; 61:1, agus a’ teachd air:
17Agus, feuch, guth o nèamh, ag ràdh, Is e seo mo Mhac gràdhach#Salm 2:7; Lùc 9:35; Eph 1:6; 2 Pead 1:17, anns a bheil mo mhòr‐thlachd.
Currently Selected:
Mata 3: ABIG
Highlight
Share
Copy
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017

: