YouVersion Logo
Search Icon

Mata 14

14
1 Barail Heroid mu thimcheall Chrìosd. 3 Chaidh an ceann a bhuntainn o Eòin Baistidh. 13 Chaidh Iosa gu ionad fàsail, 15 far an do bheathaich e còig mìle fear le còig buileannan aran, agus dà iasg. 22 Dh’imich e air an fhairge a dh’ionnsaidh a dheisciobail. 34 Shlànaich e sluagh a bha euslan.
1Anns an àm sin chuala Herod an tretrarch cliù Iosa,
2Agus thubhairt e ra sheirbhisich, Is e seo Eòin Baistidh; dh’èirich e o na mairbh, agus uime sin tha feartan air an obrachadh leis.
3Oir air do Herod Eòin a ghlacadh#Lùc 3:19, 20, cheangail e e, agus thilg e ann am prìosan e airson Heròdiais, bean Philip, a bhràthair fhèin#Lùc 3:1.
4Oir thubhairt Eòin ris, Chan eil e dligheach dhut i a bhith agad#Lebh 18:16; 20:21.
5Agus nuair a bu mhiann leis a chur gu bàs, bha eagal a’ phobaill air, oir bha meas fàidh aca air#Mat 21:26; Lùc 20:6.
6Ach nuair a bha co‑ainm là‑breithe Heroid air a chumail, rinn nighean Heròdiais dannsa nan làthair, agus thaitinn i ri Herod:
7Ionnas gun do gheall e le mionnan gun tugadh e dhi ge bè air bith nì a dh’iarradh i.
8Agus air dhise a bhith air a teagasg le a màthair ro‑làimh, thubhairt i, Thoir dhomh an seo ceann Eòin Baistidh air mèis#Gnà 29:10.
9Agus bha an rìgh duilich: ach airson a mhionnan#Bri 11:31, 35; Daniel 6:14‐16; Bri 21:1; 1 Sam 14:28; 25:22; Ecl 5:2, agus na muinntir a bha nan suidhe aig biadh maille ris, dh’àithn e a thabhairt dhi.
10Agus air cur fir‐marbhaidh uaithe, bhuin e a cheann de Eòin anns a’ phrìosan.
11Agus thugadh a cheann air mèis, agus thugadh don chailinn e: agus thug ise da màthair e.
12Agus thàinig a dheisciobail, agus thug iad an corp leo, agus dh’adhlaic iad e#Gnìo 8:2, agus thàinig iad agus dh’innis iad sin do Iosa.
13Nuair a chuala Iosa seo, chaidh e as a sin air luing gu ionad fàsail air leth#Mat 10:23; 12:15; Marc 6:32, etc.; Lùc 9:10; Eòin 6:1, 2, etc.: agus nuair a chuala am poball sin, lean iad dan cois e as na bailtean.
14Agus air dol a‑mach do Iosa, chunnaic e coitheanal mòr#Mat 9:36, agus ghabh e truas mòr dhiubh#Eabh 4:15, agus shlànaich e an dream aca a bha easlan.
15Agus nuair a b’fheasgar e, thàinig a dheisciobail da ionnsaigh, ag ràdh, Is àite fàsail seo, agus tha an t‑àm a‑nis air dol seachad; cuir an sluagh air falbh, a‑chum gun tèid iad do na bailtean, agus gun ceannaich iad biadh dhaibh fhèin.
16Ach thubhairt Iosa riu, Cha ruig iad a leas falbh; thugaibh‐se dhaibh ra ithe.
17Agus thubhairt iad ris, Chan eil againn an seo ach còig buileannan agus dà iasg.
18Thubhairt esan riu, Thugaibh an seo iad am ionnsaigh‐sa.
19Agus dh’àithn e don t‑sluagh suidhe sìos air an fheur, agus ghlac e na còig buileannan agus an dà iasg, agus air amharc dha suas gu nèamh, bheannaich agus bhris e, agus thug e na buileannan da dheisciobail, agus thug na deisciobail don t‑sluagh iad.
20Agus dh’ith iad uile, agus shàsaicheadh iad: agus thog iad làn dà‑chlèibh‐dheug den bhiadh bhriste, a bha a dh’fhuidheall aca#2 Rìgh 4:1‐7.
21Agus bha iadsan a dh’ith mu thimcheall còig mìle fear, a thuilleadh air mnathan agus air cloinn.
22Agus air ball cho‐èignich Iosa a dheisciobail gu dol an luing, agus dol roimhe a‑chum an taoibh eile, gus an cuireadh esan an sluagh air falbh.
23Agus nuair a leig e an sluagh uaithe, chaidh e suas air beinn na aonar a dhèanamh ùrnaigh#Marc 6:46: agus nuair a bha am feasgar air teachd, bha e an sin na aonar.
24Ach bha an long anns an àm sin ann am meadhon na fairge, air a tilgeadh a‑null agus a‑nall leis na tonnan: oir bha a’ ghaoth nan aghaidh.
25Agus anns a’ cheathramh faire den oidhche, chaidh Iosa dan ionnsaigh, ag imeachd air an fhairge.
26Agus nuair a chunnaic na deisciobail e ag imeachd air an fhairge#Iob 9:8; Eòin 6:19, bha iad fo bhuaireas#Lùc 24:37, ag ràdh, Is spiorad a tha ann; agus ghlaodh iad a‑mach le eagal.
27Ach labhair Iosa riu air ball, ag ràdh, Biodh misneach mhath agaibh#Gnìo 23:11; is mise a tha ann, na biodh eagal oirbh.
28Agus fhreagair Peadar e agus thubhairt e, A Thighearna, mas tusa a tha ann, iarr ormsa teachd ad ionnsaigh air na h‑uisgeachan.
29Agus thubhairt esan, Thig. Agus nuair a bha Peadar air teachd a‑nuas as an luing, dh’imich e air na h‑uisgeachan, a‑chum teachd gu Iosa.
30Ach nuair a chunnaic e a’ ghaoth làidir, ghabh e eagal: agus nuair a thòisich e air dol fodha, ghlaodh e, ag ràdh, A Thighearna, fòir orm.
31Agus air ball shìn Iosa a‑mach a làmh, agus rug e air, agus thubhairt e ris, O thusa air bheag creidimh#Seum 1:6, carson a bha thu fo amharas?
32Agus nuair a chaidh iad a‑steach don luing, laigh a’ ghaoth#Salm 107:29.
33An sin thàinig iadsan a bha anns an luing, agus rinn iad adhradh dha, ag ràdh, Gu fìrinneach is tu Mac Dhè#Salm 2:7; Lùc 1:32; 4:41; Eòin 1:49; 6:69; 11:27; Gnìo 8:37; Ròm 1:4.
34Agus nuair a chaidh iad gus an taobh eile, thàinig iad gu talamh Ghenesaret.
35Agus nuair a fhuair muinntir an àite sin fios uime, chuir iad fios air feadh na tìre sin uile air gach taobh dhiubh, agus thug iad da ionnsaigh an dream sin uile a bha easlan.
36Agus ghuidh iad air gum faodadh iad beantainn ri iomall a aodaich a‑mhàin; agus a mheud dhiubh is a bhean#Eòin 6:37, shlànaicheadh gu h‑iomlan iad.

Currently Selected:

Mata 14: ABIG

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in

YouVersion uses cookies to personalize your experience. By using our website, you accept our use of cookies as described in our Privacy Policy