YouVersion Logo
Search Icon

Genesis 28

28
1 Bheannaich Isaac Iàcob, agus chuir e e do Phadan‐aram. 11 Aisling Iàcoib. 18 Clach Bheteil. 20 Bòid Iàcoib.
1Agus ghairm Isaac air Iàcob, agus bheannaich e e, agus dh’àithn e dha, agus thubhairt e ris, Cha ghabh thu bean de nigheanan Chanàain#Gen 24:3.
2Eirich, imich do Phadan‐àram#Hos 12:12, do thaigh Bhetueil#Gen 25:20, athair do mhàthar, agus gabh dhut fhèin as a sin bean de nigheanan Làbain, bràthair do mhàthar#Gen 24:29.
3Agus gum beannaicheadh Dia Uile‐chumhachdach thu, agus gun dèanadh e sìolmhor thu, agus gun tugadh e ort fàs lìonmhor, air chor is gum bi thu ad cho‐chruinneachadh chinneach:
4Agus gun tugadh e dhut beannachadh Abrahàim#Gen 12:2, dhutsa agus dod shliochd maille riut; a‑chum gun sealbhaich thu am fearann anns a bheil thu ad choigreach#28:4 fearann do chuairt., a thug Dia do Abrahàm.
5Agus chuir Isaac air falbh Iàcob, agus chaidh e do Phadan‐àram, gu Làban, mac Bhetueil an Sirianach, bràthair Rebecah, màthair Iàcoib agus Esau.
6Nuair a chunnaic Esau gun do bheannaich Isaac Iàcob#Gen 27:33, agus gun do chuir e air falbh e do Phadan‐àram, a ghabhail mnà dha fhèin as a sin; agus nuair a bheannaich e e, gun tug e àithne dha, ag ràdh, Cha ghabh thu bean de nigheanan Chanàain;
7Agus gun d’èisd Iàcob#Gen 27:43 ra athair, agus ra mhàthair, agus gun deachaidh e do Phadan‐àram;
8Agus nuair a chunnaic Esau nach do thaitinn nigheanan Chanàain ra athair Isaac,
9An sin chaidh Esau a dh’ionnsaigh Ismaeil, agus ghabh e Mahalat#28:9 ann an Gen 36:3, tha Basemat air a ràdh rithe., nighean Ismaeil, mhic Abrahàim, piuthar Nebaioit, dha fhèin mar mhnaoi a thuilleadh air na mnathan a bha aige.
10Agus chaidh Iàcob a‑mach o Bheer‐sèba#Hos 12:12, agus chaidh e gu Hàran#28:10 Charan, Gnìo 7:2..
11Agus thachair e air àit àraidh, agus dh’fhan e an sin an oidhche sin, a chionn gu robh a’ ghrian air laighe: agus ghabh e aon de chlachan an àite sin, agus chuir e fo a cheann i, agus laigh e sìos anns an àite sin a chadal.
12Agus bhruadair e#Gen 41:1; Àir 12:6; Iob 4:13; agus, feuch, fàradh air a chur suas air an talamh, agus a bhàrr a’ ruigheachd gu nèamh: agus, feuch, ainglean Dhè a’ dol suas agus a’ teachd a‑nuas air#Eòin 1:51; Eabh 1:14.
13Agus, feuch, sheas an Tighearna os a chionn, agus thubhairt e, Is mise an Tighearna, Dia Abrahàim d’athair#Gen 26:24; Ecs 3:6; Mat 22:32, agus Dia Isaaic: am fearann air a bheil thu ad laighe, bheir mise dhut e, agus dod shliochd;
14Agus bidh do shliochd mar dhuslach na talmhainn#Gen 13:16; agus sgaoilidh tu a‑mach#28:14 brisidh tu a‑mach. a dh’ionnsaigh na h‑àird an iar agus na h‑àird an ear, agus a dh’ionnsaigh na h‑àird a tuath agus na h‑àird a deas: agus beannaichear annadsa uile theaghlaichean na talmhainn, agus ann ad shliochd#Gen 18:18.
15Agus, feuch, tha mise maille riut#Ios 1:5; Bri 6:16, agus gleidhidh mi thu#Salm 121:5‐8 anns gach àite don tèid thu, agus bheir mi a‑rìs thu a dh’ionnsaigh na tìre seo#Gen 35:6; oir cha trèig mi thu#Eabh 13:5, gus an dèan mi an nì sin a labhair mi riut.
16Agus dhùisg Iàcob as a chadal, agus thubhairt e, Gu cinnteach tha an Tighearna anns an àite seo#Ecs 3:5; Ios 5:15, agus cha robh fhios agam air.
17Agus bha eagal air, agus thubhairt e, Cia uamhasach an t‑ionad seo! Chan àit air bith seo ach taigh Dhè, agus is e seo geata nèimh.
18Agus dh’èirich Iàcob gu moch anns a’ mhadainn, agus ghabh e a’ chlach a chuir e fo a cheann, agus chuir e suas na carragh i, agus dhòirt e ola air a mullach#Àir 7:1.
19Agus thug e Betel mar ainm air an àite sin: ach b’e Luds#Bri 1:23, 26; Hos 12:4 ainm a’ bhaile sin air tùs.
20Agus bhòidich Iàcob bòid, ag ràdh, Ma bhios Dia leam#2 Sam 15:8, agus ma ghleidheas e mi air an t‑slighe sin air a bheil mi ag imeachd, agus ma bheir e dhomh aran ra ithe, agus aodach ra chur umam;
21Agus gun tig mi a‑rìs ann an sìth a dh’ionnsaigh taigh m’athar; an sin bidh an Tighearna agam na Dhia#Deut 26:17.
22Agus bidh a’ chlach seo, a chuir mi suas na carragh, na taigh aig Dia#Gen 35:7, 14: agus de gach nì a bheir thu dhomh, bheir mi gu cinnteach an deicheamh dhut#Lebh 27:30.

Currently Selected:

Genesis 28: ABIG

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in

YouVersion uses cookies to personalize your experience. By using our website, you accept our use of cookies as described in our Privacy Policy