YouVersion Logo
Search Icon

Mata 20

20
1Oir is cosmhail rìoghachd nèimh ri fear-taighe, a chaidh a‑mach moch air mhadainn a thuarasdalachadh luchd-obrach da ghàrradh-fìona.
2Agus an dèidh dha còrdadh ris an luchd-obrach air pèighinn Ròmanaich anns an là, chuir e da ghàrradh-fìona iad.
3Agus nuair a chaidh e a‑mach timcheall na treas uaire, chunnaic e dream eile nan seasamh dìomhanach anns a’ mhargadh,
4Agus thubhairt e riu, Imichibh-se mar an ceudna don ghàrradh-fhìona, agus ge bè nì a bhios ceart, bheir mi dhuibh e. Agus dh’imich iad.
5Nuair a chaidh e a‑mach a‑rìs timcheall na siathamh agus na naoidheamh uaire, rinn e mar an ceudna.
6Agus nuair a chaidh e a‑mach mu thimcheall na h‑aon-uaire-deug, fhuair e dream eile nan seasamh dìomhanach, agus thubhairt e riu, Carson a tha sibh nur seasamh an seo feadh an là dìomhanach?
7Thubhairt iad ris, A chionn nach do thuarasdalaich duine air bith sinn. Thubhairt esan riu, Imichibh-se mar an ceudna don ghàrradh-fhìona, agus ge bè nì a tha ceart, gheibh sibh e.
8Agus nuair a thàinig am feasgar, thubhairt tighearna a’ ghàrraidh-fhìona sin ra stiùbhard, Gairm an luchd-obrach, agus thoir dhaibh an tuarasdal, a’ tòiseachadh on dream a thàinig mu dheireadh gu ruig na ciad daoine.
9Agus nuair a thàinig iadsan a thuarasdalaicheadh mu thimcheall na h‑aon-uaire-deug, fhuair gach duine dhiubh pèighinn.
10Ach nuair a thàinig an ciad dream, shaoil iadsan gum faigheadh iad na bu mhò; ach fhuair gach aon dhiubh mar an ceudna pèighinn.
11Agus air dhaibh a fhaotainn, rinn iad gearan an aghaidh fhir-an‑taighe.
12Ag ràdh, An dream sin a thàinig mu dheireadh, cha do rinn iad obair ach aon uair, agus rinn thu iad ionnan rinne, a ghiùlain uallach agus teas an là.
13Ach fhreagair esan agus thubhairt e ri fear dhiubh, A charaid, chan eil mi a’ dèanamh eucoir ort: nach do chòrd thu rium air pèighinn?
14Tog leat do chuid fhèin, agus imich romhad: is i mo thoil-sa a thabhairt don tì seo a thàinig mu dheireadh, mar a thug mi dhutsa.
15Nach eil e ceadaichte dhòmhsa an nì as àill leam a dhèanamh rim chuid fhèin? A bheil do shùil-sa olc, airson gu bheil mise math?
16Mar sin bidh an dream dheireannach air thoiseach, agus an dream a tha air thoiseach air dheireadh: oir tha mòran air an gairm, ach beagan air an taghadh.
17Agus a’ dol do Iosa suas gu Ierusalem, thug e an dà‑dheisciobal-dheug leis a lethtaobh anns an t‑slighe, agus thubhairt e riu,
18Feuch, tha sinn a’ dol suas gu Ierusalem; agus bidh Mac an Duine air a bhrath thairis do na h‑àrd-shagartan, agus do na sgrìobhaichean, agus dìtidh iad a‑chum bàis e.
19Agus bheir iad thairis e do na Cinnich a‑chum fanaid a dhèanamh air, agus a‑chum sgiùrsadh, agus a cheusadh: ach air an treas là èiridh e a‑rìs.
20An sin thàinig da ionnsaigh màthair clann Shebede maille ra mic, a’ toirt adhraidh dha, agus ag iarraidh nì àraidh air.
21Agus thubhairt esan rithe, Ciod a b’àill leat? Thubhairt i ris, Abair gun suidh iad seo mo dhithis mhac, fear aca air do làimh dheis, agus am fear eile air do làimh chlì, ann ad rìoghachd.
22Ach fhreagair Iosa agus thubhairt e, Chan eil fhios agaibh ciod a tha sibh ag iarraidh. A bheil sibh comasach air a’ chupan sin òl a dh’òlas mise, agus a bhith air ur baisteadh leis a’ bhaisteadh lem baistear mise? Thubhairt iad ris, Tha sinn comasach.
23Agus thubhairt esan riu, Olaidh sibh gu deimhinn dem chupan-sa, agus baistear sibh leis a’ bhaisteadh lem baistear mise: ach suidhe air mo làimh dheis agus chlì, cha leamsa sin a thabhairt, ach dhaibhsan dom bheil e air ullachadh lem Athair.
24Agus nuair a chuala an deichnear seo, bha iad diombach ris an dithis bhràithrean.
25Ach ghairm Iosa iad da ionnsaigh, agus thubhairt e, Tha fhios agaibh gu bheil aig uachdarain nan Cinneach tighearnas orra, agus gu bheil aig an daoine mòra smachd orra.
26Ach mar sin cha bhi e nur measg-se: ach ge bè neach lem b’àill a bhith mòr nur measg, biodh e dhuibh na fhear-frithealaidh.
27Agus ge bè air bith lem b’àill toiseach a bhith aige nur measg, biodh esan na sheirbhiseach dhuibh:
28Amhail mar nach tàinig Mac an Duine a‑chum gun dèante frithealadh dha, ach a dhèanamh frithealaidh, agus a thabhairt a anama fhèin mar èirig airson mhòran.
29Agus a’ dol a‑mach dhaibh à Iericho lean sluagh mòr e:
30Agus, feuch, dithis dhaoine dall, a bha nan suidhe ri taobh na slighe, nuair a chuala iad gu robh Iosa a’ dol seachad, ghlaodh iad, ag ràdh, Dèan tròcair oirnne, a Thighearna, a Mhic Dhaibhidh.
31Agus chronaich an sluagh iad, a‑chum gum biodh iad nan tosd: ach is mò a ghlaodh iadsan ag ràdh, Dèan tròcair oirnn, a Thighearna, a Mhic Daibhidh.
32Agus sheas Iosa, agus ghairm e iad, agus thubhairt e, Ciod as àill leibh mise a dhèanamh dhuibh?
33Thubhairt iadsan ris, A Thighearna, ar sùilean a bhith air am fosgladh.
34Agus ghabh Iosa truas dhiubh, agus bhean e rin sùilean: agus air ball thàinig fradharc dan sùilean, agus lean iad e.

Currently Selected:

Mata 20: ABG1992

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in

YouVersion uses cookies to personalize your experience. By using our website, you accept our use of cookies as described in our Privacy Policy