YouVersion Logo
Search Icon

Mata 19

19
1Agus thàrladh, nuair a chrìochnaich Iosa na briathran sin, gun d’imich e o Ghalile, agus thàinig e gu crìochan Iudèa, air an taobh thall de Iòrdan:
2Agus lean sluagh mòr e, agus shlànaich e iad an sin.
3Thàinig na Pharasaich mar an ceudna da ionnsaigh ga dhearbhadh, agus ag ràdh ris, A bheil e ceadaichte do dhuine a bhean a chur uaithe air gach uile adhbhar?
4Agus fhreagair esan agus thubhairt e riu, Nach do leugh sibh, An tì a rinn air tùs iad, gun do rinn e iad fear agus bean?
5Agus thubhairt e, Air an adhbhar seo fàgaidh duine a athair agus a mhàthair, agus dlùth-leanaidh e ra mhnaoi: agus bidh iad araon nan aon fheòil.
6Air an adhbhar sin, cha dithis iad nas mò, ach aon fheòil. Uime sin, an nì a cheangail Dia, na sgaoileadh duine.
7Thubhairt iad ris, Carson, mas eadh, a dh’àithn Maois litir-dhealachaidh a thabhairt dhi, agus a cur air falbh?
8Thubhairt esan riu, Dh’fhuiling Maois dhuibhse, airson cruas ur cridhe, ur mnathan a chur uaibh: ach cha robh e mar sin o thùs.
9Agus tha mise ag ràdh ribh, ge bè a chuireas uaithe a bhean, ach airson strìopachais, agus a phòsas bean eile, tha e a’ dèanamh adhaltranais: agus ge bè neach a phòsas ise a chuireadh air falbh, tha e a’ dèanamh adhaltranais.
10Thubhairt a dheisciobail ris, Mas e sin cor an fhir ra mhnaoi, chan eil am pòsadh math ra dhèanamh.
11Ach thubhairt esan riu, Chan eil na h‑uile dhaoine comasach air a’ chainnt seo a ghabhail, ach iadsan don tugadh e.
12Oir tha cuid nan caillteanaich, a rugadh mar sin o bhroinn am màthar; agus tha cuid de chaillteanaich ann a rinneadh nan caillteanaich le daoine; agus tha caillteanaich ann a rinn iad fhèin nan caillteanaich airson rìoghachd nèimh. Ge bè neach a tha comasach air a ghabhail da ionnsaigh, gabhadh e e.
13An sin thugadh clann bheag da ionnsaigh, a‑chum gun cuireadh e a làmhan orra, agus gun dèanadh e ùrnaigh: agus chronaich na deisciobail iad.
14Ach thubhairt Iosa, Fuilingibh do na leanaban, agus na bacaibh dhaibh teachd am ionnsaigh: oir is ann dan leithidean sin a tha rìoghachd nèimh.
15Agus an dèidh dha a làmhan a chur orra, dh’imich e as a sin.
16Agus, feuch, thàinig neach agus thubhairt e ris, A Mhaighistir mhaith, ciod am math a nì mi a‑chum gum faigh mi a’ bheatha mhaireannach?
17Agus thubhairt esan ris, Carson a ghoireadh tu math dhìomsa? Chan eil aon neach math ach a h‑aon, eadhon Dia: ach mas àill leat dol a‑steach a‑chum na beatha, coimhead na h‑àitheantan.
18Thubhairt esan ris, Cia iad? Agus thubhairt Iosa, Na dèan mortadh. Na dèan adhaltranas. Na goid. Na toir fianais bhrèige.
19Thoir urram dod athair agus dod mhàthair: agus, Gràdhaich do choimhearsnach mar thu fhèin.
20Thubhairt an t‑òganach ris, Choimhead mi iad sin uile om òige: ciod a tha a dh’uireasbhaidh orm fhathast?
21Thubhairt Iosa ris, Mas àill leat a bhith coileanta, imich, reic na bheil agad, agus tabhair do na bochdan, agus gheibh thu ionmhas air nèamh; agus thig, agus lean mise.
22Ach nuair a chuala an t‑òganach na briathran sin, dh’fhalbh e gu brònach: oir bha mòr-shaoibhreas aige.
23An sin thubhairt Iosa ra dheisciobail, Gu fìrinneach tha mi ag ràdh ribh gu bheil e cruaidh air duine saoibhir dol a‑steach do rìoghachd nèimh.
24Agus a‑rìs tha mi ag ràdh ribh gur fhasa do chàmhal dol tro chrò snàthaid na do dhuine saoibhir dol a‑steach do rìoghachd Dhè.
25Agus nuair a chuala a dheisciobail seo, ghabh iad iongantas mòr, ag ràdh, Cò mas eadh an neach a dh’fhaodas a bhith air a shaoradh?
26Ach air amharc do Iosa orra, thubhairt e riu, Do dhaoine tha seo eu‑comasach, ach do Dhia tha na h‑uile nithean comasach.
27An sin fhreagair Peadar, agus thubhairt e ris, Feuch, thrèig sinne na h‑uile nithean, agus lean sinn thusa; air an adhbhar sin ciod a gheibh sinn?
28Agus thubhairt Iosa riu, Gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh, Sibhse a lean mise, anns an ath-ghineamhain, nuair a shuidheas Mac an Duine air cathair a ghlòire fhèin, gun suidh sibhse mar an ceudna air dà‑chathair-dheug, a’ toirt breith air dà‑threubh-dheug Israeil.
29Agus ge bè neach a thrèig taighean, no bràithrean, no peathraichean, no athair, no màthair, no bean-phòsda, no clann, no fearann air sgàth m’ainme-sa, gheibh e a cheud uiread, agus a’ bheatha mhaireannach mar oighreachd.
30Ach tha mòran air thoiseach a bhios air dheireadh; agus air dheireadh, a bhios air thoiseach.

Currently Selected:

Mata 19: ABG1992

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in

YouVersion uses cookies to personalize your experience. By using our website, you accept our use of cookies as described in our Privacy Policy