YouVersion Logo
Search Icon

Mata 16

16
1Agus air teachd do na Pharasaich agus do na Sadusaich ga dhearbhadh, dh’iarr iad air comharradh a nochdadh dhaibh o nèamh.
2Ach fhreagair esan agus thubhairt e riu, Nuair is feasgar e, their sibh, Bidh deagh aimsir ann, oir tha an t‑adhar dearg:
3Agus air madainn, Bidh droch aimsir ann an‑diugh, oir tha an t‑adhar dearg agus dorcha. A chealgairean, is aithne dhuibh breith a thoirt air gnùis an adhair, agus nach eil e an comas dhuibh comharraidhean nan aimsir a thuigsinn?
4Tha ginealach aingidh agus adhaltranach ag iarraidh comharraidh, agus cha toirear comharradh dhaibh, ach comharradh an fhàidh Iònas. Agus air dha am fàgail, dh’imich e as a sin.
5Agus nuair a thàinig a dheisciobail a dh’ionnsaigh an taoibh eile, dhìochuimhnich iad aran a thabhairt leo.
6Agus thubhairt Iosa riu, Thugaibh an aire, agus gleidhibh sibh fhèin o thaois ghoirt nam Pharasach, agus nan Sadusach.
7Agus bha iad a’ reusonachadh eatorra fhèin ag ràdh, Is ann airson nach tug sinn aran leinn.
8Agus nuair a thuig Iosa sin, thubhairt e riu, O sibhse air bheag creidimh, carson a tha sibh a’ reusonachadh eadaraibh fhèin gur ann a chionn nach tug sibh aran leibh?
9Nach eil sibh fhathast a’ tuigsinn, no a’ cuimhneachadh còig buileannan nan còig mìle, agus cia lìon cliabh a thog sibh?
10No seachd buileannan nan ceithir mìle, agus cia lìon basgaid a thog sibh?
11Cionnas nach eil sibh a’ tuigsinn nach ann mu aran a thubhairt mi ribh, sibh a bhith air ur faicill o thaois ghoirt nam Pharasach agus nan Sadusach?
12An sin thuig iad cionnas nach d’iarr e orra a bhith air am faicill o thaois ghoirt an arain, ach o theagasg nam Pharasach agus nan Sadusach.
13Agus air teachd do Iosa gu crìochan Chesarèa Philipi, dh’fheòraich e de a dheisciobail, ag ràdh, Cò tha daoine ag ràdh as e Mac an Duine?
14Agus thubhairt iadsan, Tha cuid ag ràdh Eòin Baistidh, cuid Elias, agus cuid eile Ieremias, no aon de na fàidhean.
15Thubhairt esan riu, Ach cò tha sibhse ag ràdh as mi?
16Agus fhreagair Sìmon Peadar agus thubhairt e, Is tusa Crìosd, Mac an Dè bheò.
17Agus fhreagair Iosa agus thubhairt e ris, Is beannaichte thusa, a Shìmoin Bhar-Iona; oir cha d’fhoillsich fuil agus feòil sin dhutsa, ach m’Athair-sa a tha air nèamh.
18Agus tha mise ag ràdh riut gur tusa Peadar, agus air a’ charraig seo togaidh mise m’eaglais: agus cha toir geatachan ifrinn buaidh oirre.
19Agus bheir mi dhut iuchraichean rìoghachd nèimh: agus ge bè nì a cheanglas tusa air talamh, bidh e ceangailte air nèamh; agus ge bè nì a dh’fhuasglas tusa air talamh, bidh e fuasgailte air nèamh.
20An sin dh’àithn e da dheisciobail gun iad a dh’innse do neach air bith gum b’esan Iosa an Crìosd.
21On àm sin a‑mach thòisich Iosa air a nochdadh da dheisciobail gur èiginn dhàsan dol suas gu Ierusalem, agus mòran de nithean fhulang o na seanairean, agus na h‑àrd-shagartan, agus na sgrìobhaichean, agus a bhith air a chur gu bàs, agus a bhith air a thogail suas air an treas là.
22Agus ghabh Peadar e, agus thòisich e air achmhasan a thabhairt dha, ag ràdh, Guma fada sin uatsa, a Thighearna: cha tachair sin dhutsa.
23Ach air tionndadh dhàsan, thubhairt e ri Peadar, Imich air mo chùl, a Shàtain; is oilbheum dhomh thu: oir chan eil spèis agad de nithean Dhè, ach de nithean dhaoine.
24An sin thubhairt Iosa ra dheisciobail, Mas àill le neach air bith teachd am dhèidh-sa, àicheadh e e fhèin, agus togadh e air a chrann-ceusaidh, agus leanadh e mise.
25Oir ge bè neach lem b’àill a anam a ghleidheadh, caillidh e e; agus ge bè neach a chailleas a anam air mo sgàth-sa, gheibh e e.
26Oir ciod an tairbhe a tha ann do dhuine, ged chosnadh e an saoghal uile, agus a anam fhèin a chall? No ciod a’ mhalairt a bheir duine airson a anama?
27Oir thig Mac an Duine ann an glòir a Athar, maille ra ainglean; agus an sin bheir e do gach neach a rèir a ghnìomharan.
28Gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh, Gu bheil cuid den dream a tha nan seasamh an seo nach blais bàs gus am faic iad Mac an Duine a’ teachd na rìoghachd fhèin.

Currently Selected:

Mata 16: ABG1992

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in

YouVersion uses cookies to personalize your experience. By using our website, you accept our use of cookies as described in our Privacy Policy