YouVersion Logo
Search Icon

Sailm Dhaibhidh 93

93
Salm 93
1Is Rìgh Dia, air a sgeadachadh
le mòralachd gach àm;
Tha air a sgeadachadh le neart,
is crioslaichte gu teann.
Shocraicheadh leis an cruinne-cè,
nach gluaisear e a‑chaoidh.
2Do chathair daingeann tha o chian,
's tu fhèin gun tùs gun chrìoch.
3Do thog na tuiltean suas, a Dhè,
na tuiltean thog an guth;
Seadh thog na tuiltean suas gu h‑àrd
an tonnan mòr' gu tiugh.
4Is treasa Dia tha chòmhnaidh shuas
na fuaim nan uisge garbh';
Is treasa Dia na sumainnean,
is tonnan cuain gu dearbh.
5A ta do theisteis is do reachd
ro‑dhaingeann agus fìor:
Tha naomhachd iomchaidh air do thaigh,
a Dhè nam feart, gu sìor.

Currently Selected:

Sailm Dhaibhidh 93: SD1992

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in

YouVersion uses cookies to personalize your experience. By using our website, you accept our use of cookies as described in our Privacy Policy