YouVersion Logo
Search Icon

Sailm Dhaibhidh 65

65
Salm 65
1Tha ann an Sion feitheamh ort
moladh, a Dhè, gun dìth:
'S ann dhut a dhìolar fòs gu pailt
a' bhòid mar gheallar i.
2O thus' a dh'èisdeas ùrnaigh ghlan,
's ann thugad thig gach aon.
3Mo sheachrain tha an uachdar orm:
glan thus' ar peacaidh uainn.
4'S beannaicht' an duine sin a‑chaoidh
a thaghar leatsa, Dhè,
'S a bheir thu fòs am fagas dhut:
còmhnaidh ad chùirt gheibh e.
Sàsaichear sinn le maitheas mòr
do theach, 's do theampaill naoimh.
5Le nithean uamhasach, bheir dhuinn,
ad cheartas, freagradh caomh:
A Dhia ar slàinte, 's tu gu dearbh
làn dòchas crìoch gach tìr';
'S na bheil san fhairge fada uainn,
an dòchas 's tu do shìor.
6Le 'neart-san shocraich slèibhtean mòr',
e crioslaicht' fòs le treis.
7'S e chaisgeas fuaim gach mara 's tuinn,
is còmhstri dhaoine leis.
8Na daoine tha an còmhnaidh thall,
sna tìrean fad a‑mach,
Na uamhann orra tha gu mòr,
do chomhar mìorbhaileach:
Is tusa bheir air dol a‑mach
na maidne gach aon là,
'S air dol an fheasgair mar an ceudn',
bhith aoibhinn ait a‑ghnàth.
9An talamh tha thu fiosrachadh,
's ga uisgeachadh gu rèidh:
Le abhainn Dhè tha làn den uisg',
trom beartach nì thu e.
Dhaibh arbhar tha thu deasachadh,
led fhreasdal caomha fhèin;
10'S ag uisgeachadh le pailteas mòr,
nan iomairean gu mìn:
A sgrìoban leagaidh tu a sìos,
le frasan nì thu tais;
A chinneas agus fhochann fòs,
beannaichidh tu le mais'.
11Mun bhliadhna coron tha thu cur,
led mhaitheas fhèin, a Dhè;
Tha saill a' sileadh anns gach àit,
od cheumannan gu rèidh.
12Air cluainean glas' an fhàsaich luim,
nuas silidh iad gu mìn;
Na tulaich bheag', gach taobh a ta
làn aoibhneis agus gean;
13Na cluainean air an sgeadachadh
le treudan anns gach àit;
Na glinn, le arbhar falaichte,
a' seinn le iolach àrd.

Currently Selected:

Sailm Dhaibhidh 65: SD1992

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in

YouVersion uses cookies to personalize your experience. By using our website, you accept our use of cookies as described in our Privacy Policy