1
Romanaich 6:23
Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875
MacETN
Oir se tuarasdal a pheacaidh am bàs. Ach grasan De, a bheatha shiorruidh ann an Iosa Criosta ar Tighearna.
Compare
Explore Romanaich 6:23
2
Romanaich 6:14
Oir cha bhi lamh-an-uachdar aig a pheacadh oirbh: oir cha n-eil sibh fo ʼn lagh, ach fo ghrasan.
Explore Romanaich 6:14
3
Romanaich 6:4
Or leis a bhaisteadh tha sinn air ar tiodhlaiceadh maille ris gu bàs; los, mar dhʼ eirich Criosta bho na mairbh tromh ghloir ʼAthar, gun imich sinn mar an ciadna ann an nuadhachd beatha.
Explore Romanaich 6:4
4
Romanaich 6:13
Cha mhua liubhras sibh ur buill mar innealan uilc do ʼn pheacadh: ach tairgibh sibh fhein do Dhia, mar dhaoine a tha beo bho na mairbh, us ur buill ʼnan airm a cheartais do Dhia.
Explore Romanaich 6:13
5
Romanaich 6:6
Fiosrach air so, gum beil ar seann duine air a cheusadh maille ris, gu corp a pheacaidh a sgrios, agus nach dian sinn seirbhis do ʼn pheacadh nas fhaide.
Explore Romanaich 6:6
6
Romanaich 6:11
Mar an ciadna measaibhse, gum beil sibh fhein marbh gu dearbh do ʼn pheacadh, ach beo do Dhia ann an Iosa Criosta ar Tighearna.
Explore Romanaich 6:11
7
Romanaich 6:1-2
Ciod ma ta their sinn? An lean sinn sa pheacadh los grasan a leasachadh? Fad bho sin. Oir sinne a tha marbh do ʼn pheacadh, ciamar a chaitheas sinn ar beatha nas fhaide ann?
Explore Romanaich 6:1-2
8
Romanaich 6:16
Nach aithne dhuibh gur h-ann dhasan dha ʼm fiach sibh sibh fhein ʼnur seirbhisich gu umhlachadh dha, dhasan is seirbhisich sibh dha ʼm beil sibh umhailt, co dhiu ʼsann do ʼn pheacadh gu bàs, no do dhʼ umhlachd gu ceartas?
Explore Romanaich 6:16
9
Romanaich 6:17-18
Ach taing do Dhia gun do gheill sibhse, a bha ʼnur seirbhisich do ʼn pheacadh, bho ʼr cridhe do ʼn rian theagaisg sin, dha na liubhradh sibh. Rinneadh sibh ma ta, us sibh air ur saoradh bho ʼn pheacadh, ʼnur seirbhisich do cheartas.
Explore Romanaich 6:17-18
Home
Bible
Plans
Videos