1
Romanaich 12:2
Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875
MacETN
Na bithibh air ur cumadh ris an t-saoghal so, ach bithibh air ur n-ath-chumadh ann an urachd ur n-inntinn, los gun dearbh sibh ciod e toil mhath, agus thaitneach, agus choimhlion Dhe.
Compare
Explore Romanaich 12:2
2
Romanaich 12:1
Guidheam oirbh uime sin, a bhraithrean, tromh iochd Dhe, gun tairg sibh ur coluinnean mar iobairt bheo, naoimh, thaitnich do Dhia, ur seirbhis reusonta.
Explore Romanaich 12:1
3
Romanaich 12:12
Ri aoibhneas ann an dochas; faighidneach fo thrioblaid; dìan ri urnaigh
Explore Romanaich 12:12
4
Romanaich 12:21
Na faigheadh an t-olc buaidh ort, ach thoir buaidh air an olc leis a mhath.
Explore Romanaich 12:21
5
Romanaich 12:10
A toirt gaoil da cheile le carrantachd bhraithreil; ann an urram a toirt toisich do gach a cheile
Explore Romanaich 12:10
6
Romanaich 12:9
Biodh gradh gun fhoill: a toirt grain do ʼn olc, a dluth-leanail ris a mhath
Explore Romanaich 12:9
7
Romanaich 12:18
Ma ghabhas e dianamh, cho fad ʼsa dhʼ fhaodas sibh, biodh sith agaibh ri daoine uile
Explore Romanaich 12:18
8
Romanaich 12:19
Na dianaibh diughaltas air ur son fhein, a chuideachda mo ruin, ach thugaibh aite do dhʼ fheirg: oir tha e sgriobhte: Is leamsa diughaltas; diolaidh mise, os an Tighearna.
Explore Romanaich 12:19
9
Romanaich 12:11
Curamach, gun leisg; deothasach san spiorad; a seirbhiseachadh an Tighearna.
Explore Romanaich 12:11
10
Romanaich 12:3
Oir leis na grasan a thugadh dhomh, tha mi g-radh riusan uile, a tha ʼnur measg, gun iad a bhith nas glice na ʼs còir a bhith glic, ach a bhith glic ann am measarrachd; ʼsa reir mar a roinn Dia tomhas a chreidimh air gach aon.
Explore Romanaich 12:3
11
Romanaich 12:17
Na diolaibh olc air son uilc do neach sa bith; solairibh nichean matha, cha n-ann a mhain an lathair Dhe, ach an lathair dhaoine uile mar an ciadna.
Explore Romanaich 12:17
12
Romanaich 12:16
A dhʼ aon inntinn do gach a cheile; neo-dheidheil air nichean arda, ach a g-aontachadh leis na h-iriosail. Na bithibh glic ʼnur barail fhein
Explore Romanaich 12:16
13
Romanaich 12:20
Ach ma bhios do namhaid air acras, thoir biadh dha; ma bhios pathadh air, thoir deoch dha: oir le so dhianamh carnaidh tu eibhlean teine air a cheann.
Explore Romanaich 12:20
14
Romanaich 12:14-15
Beannaichibh ur luchd-geur-leanmhuinn: beannaichibh; agus na mollaichibh. Bithibh aighearach comhla riusan a tha ri aighear, agus a gal comhla riusan a tha gal
Explore Romanaich 12:14-15
15
Romanaich 12:13
A cobhair air uireasuidh nan naomh; a cleachdadh aoidheachd.
Explore Romanaich 12:13
16
Romanaich 12:4-5
Oir mar a tha moran bhall againn ann an aon chorp, ach nach e an t-aon dhriachd a thʼ aig a h-uile ball: Mar an ciadna, ge lionar sinn, is aon chorp sinn ann an Criosta, agus is buill sinn gach aon da cheile
Explore Romanaich 12:4-5
Home
Bible
Plans
Videos