Air son so liubhair Dia seachad iad do dhʼ ana-miannan graineil. Oir dhʼ atharraich na boirionnaich aca an cleachdadh nadurra gus an cleachdadh a tha an aghaidh naduir.
ʼS mar an ciadna na firionnaich, a leigeil dhiubh gnath nadurra a bhoirionnaich, las iad suas ʼnan ana-miannan do gach a cheile, firionnaich ri firionnaich a g-oibreachadh graineileachd, ʼsa faighinn unnta fhein na duaise, a thoill an seachran.
ʼS bho nach robh càil aca air Dia a bhith ʼnan aire, liubhair Dia seachad iad do bheachd eucorach, gus na nichean sin a dhianamh, a tha mi-iomchuidh