1
Ephesuis 6:12
Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875
MacETN
Oir cha n-ann an aghaidh feola agus fala a tha ar gleachd, ach an aghaidh phrionnsachan us chumhachdan, an aghaidh riaghladairean saoghal an dorchadais so, an aghaidh spioraid an uilc sna h-ard-ionadan.
Compare
Explore Ephesuis 6:12
2
Ephesuis 6:18
Leis a h-uile urnaigh agus achanaich a guidhe san spiorad gach àm, ʼs as leth sin a caithris leis a h-uile durachd agus aslachadh air son nan naomh uile
Explore Ephesuis 6:18
3
Ephesuis 6:11
Cuiribh oirbh armachd Dhe, air chor ʼs gur urrainn duibh seasamh an aghaidh ribeachan an deomhain
Explore Ephesuis 6:11
4
Ephesuis 6:13
Air an aobhar sin glacaibh armachd Dhe ann an rathad ʼs gur urrainn duibh seasamh anns an droch latha, agus seasamh gu coimhlionta anns gach ni.
Explore Ephesuis 6:13
5
Ephesuis 6:16-17
Anns a h-uile ni a gabhail sgiath a chreidimh, leis am faod sibh uile ghathan teinteach an fhir is miosa a mhuchadh; Agus gabhaibh h-ugaibh clogaid an t-sabhalaidh, us claidheamh an Spioraid (se sin facal De).
Explore Ephesuis 6:16-17
6
Ephesuis 6:14-15
Seasaibh ma ta le ʼr leasraidh crioslaichte le firinn, agus uchd-eideadh a cheartais oirbh, ʼS mar chaiseirt deisealachd soisgeul na sithe
Explore Ephesuis 6:14-15
7
Ephesuis 6:10
A thaobh na cuid eile, a bhraithrean, bithibh air ur neartachadh san Tighearna, agus ann am feart a chumhachd.
Explore Ephesuis 6:10
8
Ephesuis 6:2-3
Thoir onair dha tʼ athair dha dʼ mhathair: si so a chiad fhainte le gealladh: Los gun soirbhich leat, agus gum bi fad laithean agad air talamh.
Explore Ephesuis 6:2-3
9
Ephesuis 6:1
A chlann, bithibh umhailt dha ʼr parantan san Tighearna: oir tha so ceart.
Explore Ephesuis 6:1