Air a shon seo thug Dia thairis iad do ana‑miannan gràineil: oir chaochail eadhon am mnathan an gnàthachadh nàdarra a‑chum a’ ghnàtha a tha an aghaidh nàdair:
Agus mar an ceudna na fir, air trèigsinn dhaibh gnàthachadh nàdarra na mnà, loisgeadh iad len togradh da chèile, fireannaich ri fireannaich ag obrachadh gràinealachd agus iad a’ faotainn dìol‐thuarasdail an seachrain annta fhèin, mar a bu chòir.
Agus amhail mar nach bu taitneach leo eòlas Dhè a chumail, thug Dia thairis iad do inntinn mhì‐chèillidh, a dhèanamh nithean nach robh iomchaidh