1
Eclesiastes 1:18
Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992
ABIG
Oir ann am mòran gliocais tha mòran doilgheis; agus an tì a mheudaicheas eòlas, meudaichidh e bròn.
Compare
Explore Eclesiastes 1:18
2
Eclesiastes 1:9
An nì a bha ann, is e an nì sin fhèin a bhitheas ann; agus an nì sin a rinneadh, is e an nì sin fhèin a nìthear; agus chan eil nì sam bith nuadh fon ghrèin.
Explore Eclesiastes 1:9
3
Eclesiastes 1:8
Tha na h‑uile nithean làn de shaothair; chan urrainn duine a chur an cèill: cha sàsaichear an t‑sùil le faicinn, agus cha lìonar a chluas le cluinntinn.
Explore Eclesiastes 1:8
4
Eclesiastes 1:2-3
Dìomhanas nan dìomhanas! arsa an Searmonaiche; dìomhanas nan dìomhanas! Is dìomhanas na h‑uile nithean. Ciod an tairbhe a tha aig duine na uile shaothair a nì e fon ghrèin?
Explore Eclesiastes 1:2-3
5
Eclesiastes 1:14
Chunnaic mi na h‑uile obraichean fon ghrèin; agus, feuch, is dìomhanas iad uile, agus buaireadh spioraid.
Explore Eclesiastes 1:14
6
Eclesiastes 1:4
Tha aon ghinealach a’ siubhal, agus ginealach eile a’ teachd; ach fanaidh an talamh gu bràth.
Explore Eclesiastes 1:4
7
Eclesiastes 1:11
Chan eil cuimhne air bith air na nithean a bha ann roimhe; cha mhò a bhios cuimhne air na nithean a tha ri teachd, acasan a thig nan dèidh.
Explore Eclesiastes 1:11
8
Eclesiastes 1:17
Agus thug mi mo chridhe a dh’fhaotainn eòlais air gliocas, agus air cuthach agus amaideachd: dh’aithnich mi gur buaireadh spioraid e seo mar an ceudna.
Explore Eclesiastes 1:17