1
Marcas 8:35
An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017
ATN
Oir ge b' e cò leis am bu toigh l' a bheatha a shàbhaladh, caillidh e i, ach ge b' e cò a chailleas a bheatha air mo shon‑sa 's airson an t‑soisgeil, sàbhailidh esan i.
Compare
Explore Marcas 8:35
2
Marcas 8:36
Oir dè a' bhuannachd a th' ann do dhuine an saoghal gu lèir a chosnadh agus a bheatha a chall?
Explore Marcas 8:36
3
Marcas 8:34
Agus ghairm e thuige an sluagh 's a dheisciobail, agus thuirt e riutha, “Mas e toil neach sam bith tighinn às mo dhèidh‑sa, àicheadh e e fhèin, is togadh e suas a chrann‑ceusaidh agus leanadh e mise.
Explore Marcas 8:34
4
Marcas 8:37-38
Oir dè as urrainn do dhuine a thoirt seachad an àite a bheatha? Oir ge b' e a ghabhas nàire mum dheidhinn‑sa agus m' fhaclan sa ghinealach adhaltranach is olc seo, bidh Mac an Duine cuideachd a' gabhail nàire dhethsan nuair a thig e ann an glòir Athar 's nan ainglean naomha.”
Explore Marcas 8:37-38
5
Marcas 8:29
Agus cheasnaich esan iad: “Ach cò a tha sibhse ag ràdh a th' annam?” Fhreagair Peadar e, “Is tusa an Crìosd.”
Explore Marcas 8:29
Home
Bible
Plans
Videos