1
Lùcas 2:11
An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017
ATN
Oir rugadh dhuibh an‑diugh, ann am baile Dhaibhidh, Slànaighear, agus is esan Crìosd an Tighearna.
Compare
Explore Lùcas 2:11
2
Lùcas 2:10
Ach thuirt an t‑aingeal riutha, “Na biodh eagal oirbh: oir seallaibh, tha mi a' toirt deagh sgeul thugaibh, a bhios na mhòr‑aoibhneas dhuibhse agus dhan t‑sluagh gu lèir.
Explore Lùcas 2:10
3
Lùcas 2:14
“Glòir do Dhia anns na h‑àrdan, agus air talamh sìth am measg dhaoine leis a bheil e toilichte.”
Explore Lùcas 2:14
4
Lùcas 2:52
Agus thàinig Ìosa air adhart ann an gliocas is ann an inbhe is ann an fàbhar le Dia is daoine.
Explore Lùcas 2:52
5
Lùcas 2:12
Agus bidh seo na chomharra dhuibh: gheibh sibh an leanabh paisgte ann an aodach‑suainidh, agus na laighe ann am prasaich.”
Explore Lùcas 2:12
6
Lùcas 2:8-9
Agus anns an aon dùthaich bha buachaillean anns na h‑achaidhean is iad a' cumail faire na h‑oidhche air an treud aca. Agus nochd aingeal an Tighearna riutha, agus dheàlraich glòir an Tighearna mun cuairt orra, agus ghabh iad eagal mòr.
Explore Lùcas 2:8-9
Home
Bible
Plans
Videos