YouVersion Logo
Search Icon

Sailm 89

89
1Air tròcair Dhè sìor sheinnidh mi
is nì mi oirre sgeul;
O àl gu àl gu maireannach
air d’fhìrinn thig mo bheul.
2Oir thubhairt mi, Gun togar suas
do thròcair mhòr do shìor:
Is d’fhìrinn cheart sna nèamhaibh àrd’
socraichear leat gu fìor.
3Coicheangal rinn mi rim Aon naomh
a roghnaich mi gu sìor:
’S do Dhaibhidh tha na òglach dhomh,
mhionnaich mi fhèin gu fìor.
4Socraichidh mi gu daingeann buan
do ghinealach ’s do shìol,
Do chathair rìoghail togam suas
o linn gu linn gu sìor.
5Molaidh na nèamhan àrd gu binn
do mhìorbhailean, a Dhè;
Is d’fhìrinn ann an coitheanal
do chloinne naomha fhèin.
6Oir cò sna nèamhaibh choimeasar
ri Dia Iehòbhah mòr?
Is cò tha measg nan cumhachdach
cosmhail ri Dia na glòir’?
7An coitheanal nan naomh gu beachd
’s cùis eagail Dia gun cheist:
Ard-urram o gach neach mun cuairt
dha ’s dleasdanach am feasd.
8O Thighearna ’s a Dhia nan sluagh,
cò ’n Triath sin ann an neart
As cosmhail riut? Ad fhìrinn fòs
gad chuartachadh gu beachd?
9Ard-onfhadh cuain is fairge mòir’,
’s tu chuireas iad fo reachd:
A tonnan àrd’ tràth dh’èireas suas,
coisgidh tu iad le smachd.
10Mar dhuine buailte dol don eug,
mhìn-phronnadh Rahab leat:
Do naimhdean sgaoil thu as a chèil’
led ghàirdean treun ’s led neart.
11Is leatsa, Dhè, na flaitheanais,
’s an talamh tha for bonn:
’S tu dhaingnich fòs an cruinne-cè,
le ’làn de thoradh trom.
12An àird a deas is tuath faraon,
do chruthaicheadh iad leat:
Sliabh Thaboir agus Hermoin
àird ad ainm bidh aoibhneach ait.
13Tha agad gàirdean cumhachdach:
a ta do làmh ro-threun,
A Dhè, a ta do dheaslàmh fòs
àrdaichte mar an ceudn’.
14Mar àite-tàimh dod chathair rìgh
tha cothrom agus ceart:
Bidh tròcair agus fìrinn fòs
dol ro do ghnùis gu beachd.
15’S beannaicht’ an sluagh a thuigeas fòs
an fhuaim tha aoibhneach ait:
An solas glan do ghnùis’, a Dhè,
sìor ghluaisidh iad gu ceart.
16Ad ainm-s’ air feadh an là bidh iad
gu h-aoibhneach mar bu chòir:
Is ann ad fhìreantachd faraon,
àrdaichear iad gu mòr.
17Oir mais’ is glòir an spionnaidh siud
is tus’ a-mhàin, a Dhè:
Ar n-adharc ann ad choibhneas caomh
àrdaichear leat gu treun.
18Oir ’s e Iehòbhah Dia nam feart
ar targaid is ar sgiath;
’S e ’n tì ro-naomh sin Israeil
ar n-Ard-Rìgh is ar Triath.
19An taisbean, anns an àm sin fhèin,
labhair thu, Dhè, gu ceart
Rid dhuine naomh; is thubhairt thu,
le fìrinn, is gu beachd:
Leag mise ’s chuir mi cuideachadh
air gaisgeach treun nam buadh;
Is dh’àrdaich mi gu mòr an neach
a thagh mi as an t-sluagh.
20B’e Daibhidh neach a fhuaradh leam,
mo sheirbhiseach ro-chaomh;
’S e sin an neach a rinneadh leam
ungadh lem oladh naomh.
21Is socraichear mo làmh do shìor
gu dìleas daingeann leis;
Is nì mo ghàirdean cumhachdach
a neartachadh le treis.
22Le mac an uilc cha chlaoidhear e;
a nàmh cha tog dheth cìs.
23Buailidh mi ’eascairdean na làth’r,
leagaidh mi ’nàmh a sìos.
24Ach bidh mo thròcair maille ris,
is m’fhìrinn mar an ceudn’:
Is adharc-san am ainm-sa fòs
bidh àrdaichte gu treun.
25A làmh-san cuiridh mi sa chuan,
sna sruthaibh a làmh dheas.
26Carraig mo shlàinte, their e rium,
m’athair, mo Dhia, ’s mo threis.
27Mo chiad-ghin nì mi dheth faraon,
àrdaichte thar gach rìgh.
28Mo chùmhnant seasaidh daingeann leis;
mo ghràs dha gleidhidh mi.
29Is bheir mi air a shliochd gum mair
iad feadh gach linn gu bràth:
’S a chathair rìoghail uasal àrd
mar làithean nèimh a-ghnàth.
30Mas e ’s gun trèig a chlann mo lagh,
’s nach gluais iad ann am reachd;
31Gun truaill iad m’àitheantan ro-naomh,
m’iarrtais nach cùm gu ceart:
32Fiosraichidh mi an sin gu beachd
le slait, an eucoir chlaon;
Am peacaidh fiosraicheam ’s an lochd,
le sgiùrsadh goirt faraon.
33Gidheadh, gu tur mo choibhneas gràidh
cha bhuin mi uaith’ gun cheist:
Chan fhuiling mi gum breugaichear
mo ghealladh fìor am feasd.
34Mo choicheangal cha bhrisear leam,
no ’n cùmhnant rinn mi ris;
’S am facal a chaidh as mo bheul,
am feasd cha chaochail mis’.
35Oir aon uair mhionnaich mi mar seo,
’s ann air mo naomhachd fhèin,
Do Dhaibhidh tha na òglach dhomh,
am feasd nach dèan mi breug.
36Bithidh a shliochd ’s a ghinealach
sìor-mhaireannach gach ial,
’S a chathair rìoghail bithidh i
am fhianais mar a’ ghrian.
37Is bithidh mar a’ ghealach ghlan
gu daingeann buan do shìor:
’S mar fhianais anns na nèamhaibh àrd
bhios tairis agus fìor.
38Ach thilg thu uat, is thrèig gu tur,
is ghabh thu gràin a-nis;
’S an tì dh’ung thu led ola naomh,
tha thu an corraich ris.
39Coicheangal d’òglaich dhìleis fhèin,
sgaoil thusa, Dhè, le tàir:
’S a choron uasal thruailleadh leat,
ga thilgeadh air an làr.
40A ghàrradh dìdein bhriseadh leat;
’s a dhaingneach làidir leag.
41Mar chobhartach e do luchd-ròid:
da choimhearsnaich mar sgeig.
42Làmh dheas a nàmhaid thog thu suas:
uil’ eascaird’ rinn thu ait.
43Is thill thu faobhar ’arm; sa chath
cha tug thu dhàsan neart.
44Choisg thu a ghlòir, ’s a chathair-rìgh
leag thusa sìos gu làr.
45Is aimsir ’òige ghearradh leat;
chòmhdaich thu e le nàir’.
46Cia fhad a dh’fhalaicheas tu, Dhè,
thu fhèin a-chaoidh nan cian?
An loisg do chorraich fòs gu cas,
mar theine lasrach dian?
47Tabhair fa-near is cuimhnich fhèin
giorrad mo rè ’s mo lò:
Carson a rinn thu clann nan daoin’
mar dhìomhanas no ceò?
48Cò e am fear am measg nam beò,
am bàs nach faicear leis?
No anam fhèin o làimh na h-uaigh’,
an teasairg e le treis?
49Càit bheil do choibhneas gràidh, a Dhè,
a thaisbein thu o thùs,
A mhionnaich thu air d’fhìrinn cheirt
do Dhaibhidh chumail suas?
50Cuimhnich, a Thighearn, toibheum trom
do sheirbhiseach gu lèir:
Is mar a ghiùlain mis’ am uchd
masladh a’ phobaill thrèin,
51Len tug do naimhdean masladh uap’
gun adhbhar, Dhè nam feart,
Oir mhaslaich iadsan ceumannan
an tì a dh’ungadh leat.
52Mòr-bheannaicht’ agus cliùiteach fòs
gu robh Iehòbhah treun,
Gu sìorraidh suthainn fad gach rè!
Amen, agus Amen.

Currently Selected:

Sailm 89: SD1826

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in

YouVersion uses cookies to personalize your experience. By using our website, you accept our use of cookies as described in our Privacy Policy