YouVersion Logo
Search Icon

Sailm 90

90
1’S tu b’ionad còmhnaidh dhuinn gach linn,
a Thighearna na glòir’;
2Cian mun do ghineadh fòs na cnuic,
’s na slèibhtean beag’ no mòr’.
Cian mun do dhealbh thu ’n talamh trom,
no ’n cruinne-cè led neart;
O bhith-bhuantachd gu bith-bhuantachd,
is tusa Dia gu beachd.
3Gu neoni tillear leatsa rìs
an duine truagh ga sgrios;
Is their thu fòs, O chlann nan daoin’,
grad-thillibh air ur n-ais.
4Oir mìle bliadhn’ ad shealladh fhèin,
mar an là-’n-dè a ta,
’N tràth thèid e seach: is amhlaidh fòs
mar fhorair oidhch’ ad làth’r.
5Dh’fhuadaich thu sìos iad mar le sruth,
mar chadal iad no suain:
Sa mhadainn bidh iad mar am feur
gu moch a dh’èireas suas.
6Air madainn brisidh e fo bhlàth,
is fàsaidh e gu h-àrd:
Ri àm an fheasgair gearrar e,
is seargaidh air an làr.
7Oir chaitheadh sinn led chorraich ghèir;
chlaoidh d’fhearg-sa sinn gu tur.
8Ar peacaidh dhiamhair, is ar lochd,
an sealladh d’aodainn chuir.
9Oir ann ad fheirg ar n-uile làith’
tha teireachdainn fa seach:
Is chaithear leinn ar bliadhnaidh fòs,
mar sgeul a dh’innseadh neach.
10’S iad làith’ ar bliadhna mar an ceudn’
trì-fichead bliadhn’ ’s a deich,
No, faodaidh bith, le tuilleadh neirt
ceithir-fichead bliadhn’ do neach:
Gidheadh chan eil nan spionnadh siud
ach cràdh is cùradh geur:
Oir sgathar sìos gu h-ealamh e,
is siùbhlaidh sinn gu lèir.
11Cò aig a bheil deagh thuigs’ is fios
air neart do chorraich fhèin?
Is amhlaidh fòs mar d’eagal mòr,
tha lasair d’fheirg’ da rèir.
12O teagaisg dhuinn, a Dhè nam feart,
mar àirmhear leinn ar làith’;
A-chum ar cridh’ a shocrachadh
air gliocas ceart gach tràth.
13O Thighearna Iehòbhah mhòir,
till fhèin a-rìs: cia fhad?
Mu thimcheall staid do sheirbhiseach
gabh aithreachas gu grad.
14O dèan ar sàsachadh gu moch
led thròcair chaoimh, a Dhè,
A-chum gum bi sinn aoibhneach ait,
ri fad ar là ’s ar rè.
15Dèan subhach sinn a rèir nan là
a chràidh thu sinn gu goirt:
A rèir nam bliadhna ud faraon
am faca sinn an t-olc.
16Taisbein dod sheirbhisich do ghnìomh,
faiceadh an clann do ghlòir.
17Is bitheadh mais’ ar Tighearn Dia
a’ dealradh oirnn gu mòr.
Na gnìomharan a rinn ar làmh,
socraich iad dhuinn, a Dhè:
Na gnìomharan a rinneadh leinn,
dèan daingeann iad gu lèir.

Currently Selected:

Sailm 90: SD1826

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in

YouVersion uses cookies to personalize your experience. By using our website, you accept our use of cookies as described in our Privacy Policy