YouVersion Logo
Search Icon

Sailm 88

88
1Iehòbhah Dhia, mo Shlànaighear,
ort ghair mi dh’oidhch’ ’s a là.
2Ad fhianais thigeadh m’ùrnaigh fòs:
is èisd mo ghlaodh a-ghnàth.
3Oir m’anam làn de thrioblaid tha,
’s don uaigh mo bheatha dlùth.
4Seadh, mheasadh mi mar neach thèid sìos
don t-sloc, is mi gun lùth.
5Saor tha mi measg nam marbh, is fòs
mar mharbh san uaigh gun deò,
A sgathadh sìos led làimh gu beachd,
’s nach cuimhnichear nas mò.
6Chuir thu mi ’n àite domhain, dorch,
san t-sloc as ìsle th’ann.
7Is chlaoidh thu mi led thonnaibh àrd’,
laigh ormsa d’fhearg gu teann.
8Chuir thu luchd m’eòlais fada uam:
’s ro-sgreataidh mise leo:
Mar neach am prìosan druidt’ a tàim,
nach faigh a-mach nas mò.
9Do bhrìgh mo thrioblaid tha mo shùil
ri caoidh is bròn a-ghnàth:
Mo làmhan shìn mi riut, a Dhè,
is ghairm mi ort gach là.
10Do mhìorbhailean don dream tha marbh,
a Dhè, an taisbein thu?
An èirich iad a-nìos a-rìs,
a thabhairt dhutsa cliù?
11Do thròcair is do choibhneas caomh,
am foillsichear san uaigh?
Air d’fhìrinn ann an sgrios a’ bhàis,
le neach an toirear luaidh?
12Am bi maoin eòlais anns an dorch’
air d’fheartaibh mìorbhaileach?
No ’m bi an tìr na dìochuimhn’ fios,
no beachd air d’fhìreantachd?
13Ach riutsa ghlaodh mi, O mo Dhia:
gu moch thèid m’ùrnaigh suas.
14Dhia, cuim’ an tilg thu m’anam uat?
’s an cùm thu uam do ghnùis?
15Om òige tha mi air mo chràdh,
ro-dhlùth do bhàs is uaigh;
Air dhomh bhith fulang d’uamhasan,
tha mi an imcheist chruaidh:
16Oir dh’imich tharam d’fhearg gu trom;
chlaoidh d’uamhais mi a-ghnàth:
17Mar uisge chaidh iad timcheall orm,
gam chuartachadh gach là.
18Mo charaid chuir thu uam am fad,
’s am fear thug dhòmhsa gràdh:
Luchd m’eòlais mar an ceudna tha
an dorchadas nan tàmh.

Currently Selected:

Sailm 88: SD1826

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in

YouVersion uses cookies to personalize your experience. By using our website, you accept our use of cookies as described in our Privacy Policy