YouVersion Logo
Search Icon

Taisbeanadh 4

4
1An dèidh seo dh’amhairc mi, agus, feuch, bha doras fosgailte air nèamh; agus bha an ciad ghuth a chuala mi, mar fhuaim trompaid a’ labhairt rium, ag ràdh, Thig a‑nìos an seo, agus nochdaidh mise dhut nithean as èiginn tachairt an dèidh seo.
2Agus air ball bha mi anns an Spiorad: agus, feuch, bha rìgh-chathair air a suidheachadh air nèamh, agus bha neach na shuidhe air an rìgh-chathair.
3Agus bha an Tì a shuidh, ri amharc air, cosmhail ri cloich iasper, agus shardis: agus bha bogha-frois timcheall na rìgh-chathrach mun cuairt, cosmhail, ri fhaicinn, ri emerald.
4Agus timcheall na rìgh-chathrach mun cuairt bha ceithir-cathraichean-fichead; agus air na cathraichean chunnaic mi ceithir-seanairean-fichead nan suidhe, air an sgeadachadh ann an culaidhean geala; agus bha aca air an cinn crùin òir.
5Agus chaidh a‑mach as an rìgh-chathair dealanaich, agus tàirneanaich, agus guthannan: agus bha seachd lòchrain theine a’ dearg-lasadh am fianais na rìgh-chathrach, as iad seachd spioradan Dhè.
6Agus fa chomhair na rìgh-chathrach bha fairge ghloine cosmhail ri criostal: agus ann am meadhon na rìgh-chathrach, agus mun cuairt den rìgh-chathair, bha ceithir beò-chreutairean làn de shùilean air am beulaibh agus air an cùlaibh.
7Agus bha an ciad bheò-chreutair cosmhail ri leòmhann, agus an dara beò-chreutair cosmhail ri laogh, agus bha aig an treas beò-chreutair aghaidh mar dhuine, agus bha an ceathramh beò-chreutair cosmhail ri iolair ag itealaich.
8Agus aig na ceithir beò-chreutairean, aig gach aon dhiubh fa leth, bha sia sgiathan mun cuairt dha, agus bha iad làn de shùilean an taobh a‑staigh; agus cha do sguir iad a là no a dh’oidhche, ag ràdh, Naomh, naomh, naomh, an Tighearna Dia uile-chumhachdach, a bha, agus a tha, agus a bhitheas.
9Agus nuair a thug na beò-chreutairean sin glòir, agus urram, agus buidheachas don Tì a bha na shuidhe air an rìgh-chathair, a tha beò gu saoghal nan saoghal,
10Thuit na ceithir-seanairean-fichead sìos an làthair an Tì a bha na shuidhe air an rìgh-chathair, agus rinn iad adhradh dhàsan a tha beò gu saoghal nan saoghal, agus thilg iad sìos an crùin an làthair na rìgh-chathrach, ag ràdh,
11Is airidh thusa, a Thighearna, air glòir, agus urram, agus cumhachd fhaotainn; oir chruthaich thu na h‑uile nithean, agus airson do thoile-sa tha iad ann, agus chruthaicheadh iad.

Currently Selected:

Taisbeanadh 4: ABG1992

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in

YouVersion uses cookies to personalize your experience. By using our website, you accept our use of cookies as described in our Privacy Policy