YouVersion Logo
Search Icon

Taisbeanadh 3

3
1Agus a‑chum aingeal na h‑eaglais a tha ann an Sardis, sgrìobh: Na nithean seo tha an Tì aig a bheil seachd spioradan Dhè, agus na seachd reultan, ag ràdh: Is aithne dhomh d’obraichean, gu bheil ainm agad gu bheil thu beò, gidheadh tha thu marbh.
2Bi faireil, agus neartaich na nithean a tha an làthair, agus a tha ullamh gu bàsachadh: oir cha d’fhuair mi d’obraichean coileanta am fianais Dhè.
3Cuimhnich uime sin cionnas a fhuair agus a chuala tu, agus glèidh, agus gabh aithreachas. Uime sin mura dèan thu faire, thig mi ort mar ghadaiche, agus cha bhi fhios agad ciod i an uair anns an tig mi ort.
4Tha beagan ainmean agad eadhon ann an Sardis, nach do shalaich an aodach; agus imichidh iad maille riumsa ann an culaidhean geala: oir is airidh iad.
5An tì a bheir buaidh, sgeadaichear e ann an aodach geal; agus cha dubh mi a‑mach a ainm à leabhar na beatha, ach aidichidh mi a ainm-san am fianais m’Athar, agus am fianais a ainglean.
6An tì aig a bheil cluas, èisdeadh e ciod a tha an Spiorad ag ràdh ris na h‑eaglaisean.
7Agus a‑chum aingeal na h‑eaglais ann am Philadelphia, sgrìobh: Na nithean seo tha an Tì naomh ag ràdh, an Tì fìor, an Tì aig a bheil iuchair Dhaibhidh, an Tì a dh’fhosglas, agus cha dùin neach air bith; agus a dhùineas, agus chan fhosgail neach air bith:
8Is aithne dhomh d’obraichean: feuch, chuir mi doras fosgailte romhad, agus chan urrainn neach air bith a dhùnadh: oir tha neart beag agad, agus ghlèidh thu m’fhacal, agus cha d’àich thu m’ainm.
9Feuch, bheir mise orrasan de shionagog Shàtain (a tha ag ràdh gur Iùdhaich iad fhèin, agus nach eadh, ach a tha a’ dèanamh brèige), feuch, bheir mise orra gun tig iad agus gun dèan iad adhradh aig do chasan, agus gum bi fhios aca gun do ghràdhaich mise thu.
10A chionn gun do ghlèidh thu facal m’fhoighidinn-sa, gleidhidh mise thusa mar an ceudna o uair a’ bhuairidh, a thig air an t‑saoghal uile, a dhearbhadh na muinntir sin a tha nan còmhnaidh air an talamh.
11Feuch, tha mi a’ teachd gu grad: dèan greim daingeann air na bheil agad, a‑chum nach glac neach air bith do chrùn.
12An tì a bheir buaidh, nì mi e na phost ann an teampall mo Dhè, agus cha tèid e nas mò a‑mach as: agus sgrìobhaidh mi ainm mo Dhè air, agus ainm cathair mo Dhè, as i Ierusalem nuadh, a thig a‑nuas o nèamh om Dhia: agus sgrìobhaidh mi m’ainm nuadh fhèin air.
13An tì aig a bheil cluas, èisdeadh e ciod a tha an Spiorad ag ràdh ris na h‑eaglaisean.
14Agus a‑chum aingeal na h‑eaglais ann an Laodicèa, sgrìobh; Na nithean seo tha an Amen, an fhianais dhìleas agus fhìrinneach, toiseach cruthachadh Dhè, ag ràdh:
15Is aithne dhomh d’obraichean, nach eil thu aon chuid fuar no teth: b’fheàrr leam gum biodh tu fuar no teth.
16Uime sin do bhrìgh gu bheil thu meagh-bhlàth, agus nach eil thu aon chuid fuar no teth, sgeithidh mi thu a‑mach as mo bheul.
17Do bhrìgh gu bheil thu ag ràdh, Tha mi beartach, agus air fàs ann an saoibhreas, agus gun fheum agam air nì sam bith; agus gun fhios agad gu bheil thu dòrainneach, agus truagh, agus bochd, agus dall, agus lomnochd:
18Comhairlicheam dhut òr a cheannach uamsa, air a dhearbhadh anns an teine, a‑chum gum bi thu saoibhir; agus aodach geal, a‑chum gun còmhdaichear thu, agus nach bi nàire do lomnochdaidh follaiseach; agus ung do shùilean le sàbh-shùl, a‑chum gur lèir dhut.
19A mheud is as ionmhainn leam tha mi a’ cronachadh agus a’ smachdachadh; uime sin biodh agadsa teas-ghràdh, agus dèan aithreachas.
20Feuch, tha mi am sheasamh aig an doras, agus a’ bualadh: ma dh’èisdeas neach sam bith rim ghuth, agus gum fosgail e an doras, thig mi a‑steach da ionnsaigh, agus gabhaidh mi mo shuipear maille ris, agus esan maille riumsa.
21Don tì a bhuadhaicheas bheir mi comas suidhe maille riumsa air mo rìgh-chathair, amhail fòs a bhuadhaich mise, agus a shuidh mi maille rim Athair air a rìgh-chathair-san.
22An tì aig a bheil cluas, èisdeadh e ciod a tha an Spiorad ag ràdh ris na h‑eaglaisean.

Currently Selected:

Taisbeanadh 3: ABG1992

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in

YouVersion uses cookies to personalize your experience. By using our website, you accept our use of cookies as described in our Privacy Policy