YouVersion Logo
Search Icon

Taisbeanadh 5

5
1Agus chunnaic mi ann an làimh dheis an Tì a shuidh air an rìgh-chathair, leabhar sgrìobhte anns an taobh a‑staigh dheth agus air a chùlaibh, air a sheulachadh le seachd seulachan.
2Agus chunnaic mi aingeal treun a’ gairm le guth àrd, Cò as airidh air an leabhar fhosgladh, agus air a sheulachan fhuasgladh?
3Agus cha robh aon neach air nèamh, no air thalamh, no fon talamh, comasach air an leabhar fhosgladh, no sealltainn air.
4Agus ghuil mi gu mòr, do bhrìgh nach d’fhuaireadh aon neach a b’airidh air an leabhar fhosgladh, agus a leughadh, no sealltainn air.
5Agus thubhairt aon de na seanairean rium, Na guil: feuch, bhuadhaich an Leòmhann a tha de threubh Iùdah, Freumh Dhaibhidh, air an leabhar fhosgladh, agus a sheachd seulachan fhuasgladh.
6Agus dh’amhairc mi, agus, feuch, ann am meadhon na rìgh-chathrach, agus nan ceithir beò-chreutairean, agus ann am meadhon nan seanairean, Uan na sheasamh mar gum biodh e air a mharbhadh, aig an robh seachd adhaircean, agus seachd sùilean, as iad seachd spioradan Dhè, a chuireadh a‑mach a‑chum na talmhainn uile.
7Agus thàinig e, agus ghlac e an leabhar à deaslàimh an Tì a bha na shuidhe air an rìgh-chathair.
8Agus nuair a ghlac e an leabhar, thuit na ceithir beò-chreutairean, agus na ceithir-seanairean-fichead, sìos an làthair an Uain, agus aig gach aon dhiubh clàrsaichean, agus tùis-shoithichean òir làn tùise, nì as e ùrnaighean nan naomh.
9Agus sheinn iad òran nuadh, ag ràdh, Is airidh thusa air an leabhar a ghlacadh, agus a sheulachan fhosgladh, do bhrìgh gun do mharbhadh thu, agus gun do shaor thu sinne do Dhia led fhuil fhèin, as gach uile threubh, agus theangaidh, agus shluagh, agus chinneach;
10Agus gun do rinn thu rìghrean dhinn agus sagartan dar Dia: agus rìghichidh sinn air an talamh.
11Agus dh’amhairc mi, agus chuala mi guth mòran aingeal timcheall na rìgh-chathrach, agus nam beò-chreutairean, agus nan seanairean; agus b’e an àireamh deich mìle uair deich mìle, agus mìltean de mhìltean:
12Ag ràdh le guth àrd, Is airidh an t‑Uan a chaidh a mharbhadh, air cumhachd, agus saoibhreas, agus gliocas, agus neart, agus urram, agus glòir, agus moladh fhaotainn.
13Agus chuala mi gach uile chreutair a tha air nèamh, agus air an talamh, agus fon talamh, agus a tha air a’ chuan, agus na h‑uile nithean a tha annta, ag ràdh, Moladh, agus urram, agus glòir, agus cumhachd, gu robh dhàsan a tha na shuidhe air an rìgh-chathair, agus don Uan gu saoghal nan saoghal.
14Agus thubhairt na ceithir beò-chreutairean, Amen. Agus thuit na ceithir-seanairean-fichead sìos, agus rinn iad adhradh dhàsan a tha beò gu saoghal nan saoghal.

Currently Selected:

Taisbeanadh 5: ABG1992

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in

YouVersion uses cookies to personalize your experience. By using our website, you accept our use of cookies as described in our Privacy Policy