Salm 137
ABG1992

Salm 137

137
1Làimh ri aibhnichean Bhàbiloin, an sin shuidh agus ghuil sinn, nuair a chuimhnich sinn air Sion.
2Air na croinn-seilich na meadhon, chroch sinn ar clàrsaichean;
3Oir an sin dh’iarr iadsan a thug ann am braighdeanas sinn, òran oirnn; agus dh’iarr iadsan a rinn fògarraich dhinn aoibhneas oirnn, ag ràdh, Seinnibh dhuinn aon de laoidhean Shioin.
4Cionnas a sheinneas sinne laoidh an Tighearna ann an tìr choimhich?
5Ma dhìochuimhnicheas mise thusa, a Ierusaleim, dìochuimhnicheadh mo làmh dheas a seòltachd.
6Leanadh mo theanga rim ghial, mura cuimhnich mi ort, mura fheàrr leam Ierusalem na m’aoibhneas as àirde.
7Cuimhnich, a Thighearna, clann Edoim ann an là Ierusaleim, a thubhairt, Leagaibh, leagaibh sìos i gu ruig a bunait.
8A nighean Bhàbiloin, a lom-sgriosar, is sona esan a dhìolas dhutsa a rèir mar a rinn thu oirnne;
9Is sona esan a ghlacas agus a phronnas do chlann bheag ris na clachan.

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1992, 2017

Learn more about Am Bìoball Gàidhlig 1992