YouVersion Logo
Search Icon

Salm 138

138
Salm le Daibhidh.
1Molaidh mi thu, a Thighearna, lem uile chridhe; an làthair nan diathan seinnidh mi cliù dhut.
2Sleuchdaidh mi aig do theampall naomh, agus molaidh mi d’ainm airson do choibhneas gràidh agus airson d’fhìrinn, oir dh’àrdaich thu d’fhacal os cionn d’ainme uile.
3Anns an là air an do ghlaodh mi riut, fhreagair thu mi; neartaich thu mi le treòir am anam.
4Molaidh uile rìghrean na talmhainn thu, a Thighearna, nuair a chluinneas iad briathran do bheòil;
5Agus seinnidh iad ann an slighean an Tighearna, oir is mòr glòir an Tighearna.
6Ge h‑àrd an Tighearna, gidheadh seallaidh e air an iriosal, ach aithnichidh e an t‑uaibhreach fad as.
7Ged ghluais mi ann am meadhon àmhghair, ath-bheothaichidh tu mi; an aghaidh corraich mo naimhdean sìnidh tu do làmh, agus saoraidh do dheaslàmh mi.
8Coileanaidh an Tighearna air mo shon; mairidh do thròcair, a Thighearna, gu bràth; na trèig obraichean do làmh.

Currently Selected:

Salm 138: ABG1992

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in

YouVersion uses cookies to personalize your experience. By using our website, you accept our use of cookies as described in our Privacy Policy