Isaiah 57

57
LAOIDH 27
Isaiah 57.15,16
15-16Èistibh, gach neach air thalamh ta,
guth Dhè ro‑àird is naoimh;
'S iad seo a bhriathran tròcaireach,
fàth#57.15-16 fàth adhbhar dòchais chloinn nan daoin',
2 An àirde nèimh mo chathair rìgh
o shìorrai'chd shocraich mis':
'S leam cliù nan aingeal feadh gach linn,
's gach buaidh tha iomlan leis.
3 Gidheadh om ionad còmhnaidh shuas,
seallaidh mi nuas a ghnàth.
Air luchd a' chridhe bhriste bhrùit',
's nam bùthan nì mi tàmh:
4 A cheangal suas an spioraid bhrùit'
's ga thoirt on ùir a nìos;
'S a bheothachadh nan anman truagh
tha dol don uaigh a sìos.
5 Na h‑anman sin a dhealbh mi fhèin,
gheibh tèarainteachd fom ghràs;
Tagradh cha dèan mi riutha gu sìor,
mus tuit iad sìos nam làth'r.

S'ha seleccionat:

Isaiah 57: LSN1987

Subratllat

Copia

Compara

Comparteix

None

Vols que els teus subratllats es desin a tots els teus dispositius? Registra't o inicia sessió