Isaiah 55
55
LAOIDH 26
Isaiah 55
1-13 O dhaoine tartmhor, thigibh chum
sruth pailt nan uisge beò;
An nasgaidh gheibh am bochd a dhìol,
gun airgead is gun òr.
2 Carson a struidheas sibh ur maoin
air nithean faoin nach biadh;
'S a chailleas sibh ur saoth'r gach latha,
mu nì nach sàsaich miann?
3 Gu deònach cromaibh riums ur cluas,
mas àill leibh suaimhneas fìor;
Lem theagasg bidh ur n‑anman beò,
is gheibh sibh sòlas sìor.
4 Èistibh, is mairibh beò gu bràth!
mo chùmhnant gràsmhor 's leibh:
An tròcair a rinn Daibhidh ait,
gun airc bheir mise dhuibh.
5 Mar fhianais roghnaich 's thog mi e,
mar cheannard treun dham shluagh;
Gach fine gairmidh e o chèin,
's bheir iad fo bhrataich buaidh.
6 Feuch crìochan cian nach b' aithne dhut,
is do nach b' aithne thu,
Ard‑fhàidh, gad dh'ionnsaigh cruinnichidh,
's dham ainm‑sa bheir iad cliù.
7 Grad‑iarraibh Dia am feadh tha chluas
ga cromadh nuas rir glaodh;
'S nuair tha e tairgseadh dhuibh a ghràis,
gabhaibh ri shlàinte shaor.
8 Trèigeadh an t‑aingidh shlighe chlaon,
's an droch dhuin smuain a chridh,
Is tilleadh iad ri Dia gun dàil,
is gheibh iad slàint' is sìth.
9 Oir Dia tha saidhbhir ann an iochd,
is loghaidh#55.1-13 loghaidh mathaidh e gach beud#55.1-13 beud droch dhèanadas;
Chan ionnan nàdar dha 's do dhaoin',
a thròcair chaomh cha trèig.
10 Oir mar is àrd an speur, deir#55.1-13 deir their Dia
os cionn na talmhainn faoin
'S cho‑àrd tha m' iùil 's mo smuaintean‑sa
thar iùl is smuaintean dhaoin'.
11 Nuas silidh frasan sneachd is uisg,
's cha till a‑rithist an‑àird,
An talamh gus an taisich iad
a ghiùlan lòin 's gach àit.
12 Mar seo aon ghuth a labhras mis'
cha tig air ais gun bhuil;
Mo ghairm gheibh èisteachd o gach dùil,
is bidh iad umh'l dham thoil.
13 N' sin stiùirear dùthchann'n#55.1-13 dùthchann'n dùthchannan iompaichte,
le h‑aoibhneas is le fois:
Na slèibhte seinnidh air gach taobh:
buailidh gach craobh a bos.
14 An àite droighinn agus dris
bidh ùr‑chroinn uaine fàs;
Mar seo sìor‑mhairibh; 's bheir gach dùil,
àrd‑chliù do Dhia nan gràs.
S'ha seleccionat:
Isaiah 55: LSN1987
Subratllat
Copia
Compara
Comparteix
Vols que els teus subratllats es desin a tots els teus dispositius? Registra't o inicia sessió
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1826, 1987
© Scottish Bible Society 1826, 1987